Bòrd na Gàidhlig - Naidheachdan Ùra An t-Samhain 2007
Cothrom ga thoirt do phàrantan am beachd a thogail air an t-slighe air adhart do dh’fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig

Tha cothrom ga thoirt do phàrantan chloinne ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sna h-Eileanan an Iar an cuid mholaidhean a chur air adhart air foghlam ionadail.
19 An t-Samhain 2007


Comhairle a' cur innleachdan Cuimris is Earbhais gu feum sa Ghàidhlig

Tha dòigh ùr air ionnsachadh cànain, stèidhte air innleachdan gus Cuimris is Eabhrais a theagasg, a-nis ga cleachdadh sa Ghàidhealtachd gus Gàidhlig a theagasg.
19 An t-Samhain 2007


Buidhnean Gàidhlig a’ coinneachadh gus bruidhinn air an t-slighe air adhart

Chùm Bòrd na Gàidhlig coinneamh le prìomh chom-pàirtichean ann an Inbhir Nis an-diugh gus bruidhinn air mar a thèid Plana Nàiseanta na Gàidhlig a chur an gnìomh.
13 An t-Samhain 2007


Jumping ladiesTabhartasan ùra airson pròiseactan coimhearsnachd Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ toirt cothrom do bhuidhnean iarrtas taic-airgid a chur a-steach airson pròiseactan a tha a’ neartachadh togail is cleachdadh na Gàidhlig am measg òigridh agus anns an dachaigh.
12 An t-Samhain 2007


Leabhran ùr air Foghlam Gàidhlig air Fhoillseachadh

Tha Comann nam Pàrant air leabhran ùr fhoillseachadh do phàrantan le fiosrachadh air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig gach ìre eadar foghlam ro-sgoile gu cothroman as dèidh na sgoile.
08 An t-Samhain 2007


Deagh Dhùrachd do Dh'Alba Nuadh

Tha Bòrd na Gàidhlig, buidheann leasachaidh na Gàidhlig airson Alba, a’ cur gach deagh dhùrachd gu Oifis Iomairtean na Gàidhlig a tha ga ùr fhosgladh ann an Alba Nuadh.
07 An t-Samhain 2007


smo-sign.jpgPrògram Ùr-ghnàthach de Ghreisean-còmhnaidh do Luchd-ealain aig Sabhal Mòr Ostaig.

Tha Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson na Gàidhlig agus a Cultar, an-diugh a’ foillseachadh prògram ùr de ghreisean-còmhnaidh do luchd-ealain tro chompàirt ùr-ghnàthach le Comhairle Ealain na h-Alba agus Acadamaidh Ealain Rìoghail na h-Alba ann an Dùn Èideann. Tha na trì buidhnean a’ tighinn còmhla gus obair ann am compàirt sa phròiseact ùr seo: a’ chiad fhear ann an sreath de Ghrèisean-còmhnaidh do Luchd-Ealain aig Comhairle Ealain na h-Alba a tha a’ toirt luchd-ealain còmhla bho chaochladh raointean tro fheallsanachd iomlan a tha a’ coimhead air an àite aig na h-ealain ann an adhartachadh chànan agus cultair san fharsaingeachd.
06 An t-Samhain 2007


Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use