Bòrd na Gàidhlig - Naidheachdan Ùra An Gearran 2008
Cothrom obrach aig Bòrd na Gàidhlig - Neach-taic Rianachd

Tha Bòrd na Gàidhlig, buidheann leasachaidh na Gàidhlig aig Riaghaltas na h-Alba, a’ sireadh Neach-taic Rianachd a tha comasach air Gàidhlig a bhruidhinn, a leughadh agus a sgrìobhadh airson obair mar phàirt den sgioba taic rianachd againn.  ’S e £14,000 - £19,226 an raon tuarastail a tha ga thabhann.

29 An Gearran 2008


AN T-OLLAMH TORMOD MACGILLIOSA A LEIGEIL DHETH A DHREUCHD AM -BLIADHNA

Tha an t- Ollamh Tormod MacGilliosa, a tha air a bhith na Stiùiriche air Sabhal Mòr Ostaig fad fichead bliadhna, air leigeil fhaicinn gum bi e a leigeil dheth a dhreuchd roimh dheireadh na bliadhna.  Thòisich an t-Ollamh MacGilliosa, a bhios 61 a- màireach [Disathairne], aig an t-Sabhal mar Rùnaire na Colaiste anns an t-Samhain 1983 agus leis a sin bi e air 25 bliadhna de sheirbheis a thoirt dhan Cholaiste mus fhàg e. 


29 An Gearran 2008


Cola-deug air fhàgail gus co-fharpais òrain ùr a dh'fheuchainn

Chan eil ach dà sheachdain air fhàgail do sheinneadairean is sgrìobhadairean ann am mìon-chànan òrain a chur a-steach airson Nòs Ùr - a' chiad cho-fharpais òrain a thèid a chumail ann an Inbhir Nis, is mar aonan de ceithir cuairtean-deireannach a bhios tachairt ann an sgìrean eadar-dhealaichte na Roinn Eòrpa. Feumar òrain a bhith air an cur a-steach ro 14mh Màrt.


28 An Gearran 2008


Buidheann Dràma air chuairt mhòr sna sgoiltean Ghàidhlig


12 An Gearran 2008


Buill Air an ath-shuidheachadh air Bòrd na Gàidhlig


07 An Gearran 2008


Chiad Choinneamh de Chomataidh Buileachaidh Plana Cànan Comhairle nan Eilean Siar.


07 An Gearran 2008


Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use