| Suaicheantas ùr Gàidhlig is Beurla dhan Phost Rìoghail An-diugh chaidh suaicheantas ùr dà-chànanach fhoillseachadh air carbadan puist ann an sgìrean ann an Alba far am bheil barrachd Gàidhlig ga bruidhinn, mar chuid de phoileasaidh a tha ag amas ris a’ chànan aithneachadh mar phàirt chudromach de dh’inbhe Alba. | |
| Goireas ùr don Ghàidhlig air-loidhne Chaidh làrach-lìn ùr fhoillseachadh le Bòrd na Gàidhlig an-diugh a bheir fiosrachadh air cànan is cultar na Gàidhlig còmhla ann an aon àite. | |
| Ministear na Gàidhlig is am Bòrd a' còmhradh air Plana Nàiseanta na Gàidhlig Coinnichidh Ministear na Gàidhlig, Peter Peacock ri Bòrd na Gàidhlig ann an Inbhir Nis an-diugh airson bruidhinn air a’ chiad dreach den chiad Phlana Nàiseanta na Gàidhlig. | |
| Bòrd na Gàidhlig ag iarraidh gun gleidhear Roinn na Gàidhlig Dh’iarr Bòrd na Gàidhlig an-diugh gum biodh Roinn na Gàidhlig ann an Colaiste Inbhir Nis air a ghleidheadh. | |
| Buidhnean Gàidhlig ag obair còmhla Thig prìomh bhuidhnean Gàidhlig na h-Alba cruinn an-diugh fo aoidheachd Bhòrd na Gàidhlig airson breithneachadh air an dreach den chiad Phlana Nàiseanta Gàidhlig riamh an Alba, a tha mar fhear de na prìomh dhleastanasan aig a’ Bhòrd fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. | |
| Ceum cudromach do dh'fhoghlam Gàidhlig Chaidh ainmeachadh gu bheil Bòrd na Gàidhlig air a’ chiad Stiùiriche Foghlam Gàidhlig fhastadh le sùil air leasachadh teagasg agus fàs a’ chànain. | |

