Bòrd na Gàidhlig - Naidheachdan Ùra An t-Ògmhios 2008
Tuilleadh bhuidhnean poblach ri planaichean Gàidhlig ullachadh agus dà phlana ùr air an cur air bhog

Tha Bòrd na Gàidhlig air fios a chur gu sia buidhnean poblach eile am Planaichean Gàidhlig ullachadh.

Chaidh sin ainmeachadh ann am Pàrlamaid na h-Alba le Ministear na Gàidhlig, Linda Fabiani. Tha an naidheachd a’ tighinn agus Comhairle nan Eilean Siar is Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a’ cur air bhog am Planaichean Gàidhlig air an ùr aontachadh.


27 An t-Ògmhios 2008


Feum air beachdan ura a thaobh fàs ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig

Bu chòir an cothrom a thoirt dha barrachd luchd-teagaisg an cànan Gàidhlig a theagasg ann an sgoiltean na h-Alba a rèir Cathraiche Bòrd na Gàidhlig, Mata MacÌomhair CBE.


23 An t-Ògmhios 2008


Tuilleadh Taic Maoineachaidh Dha Na Planaichean Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig a-rithist a’ sireadh iarrtasan don mhaoin airson buidhnean poblach a chuideachadh ann a bhith a’ cur an gnìomh pròiseactan Gàidhlig.


20 An t-Ògmhios 2008


Bòrd Na Gàidhlig Ag Ainmeachadh Maoineachaidh Airson Nam Buidhnean Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig air ainmeachadh an taic-airgid a thathas a’ dol a thoirt dha na buidhnean Gàidhlig airson an cànan agus an cultar a leasachadh.


13 An t-Ògmhios 2008


Leabhar nan Gàidheal Òga A’ dol air Bhog

Madainn an-diugh (Dihaoine 6 An t-Ògmhios), ann an Taigh a’ Bhaile an Inbhir Nis, chaidh leabhar ùr a chur air bhog le obair a rinn sgoilearan ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.
13 An t-Ògmhios 2008


Cèilidhean Air Chuairt sna h-Eileanean An Iar

Am bliadhna, tha Fèis Eilean an Fhraoich air taic-airgid fhaotainn airson sreath chuirmean-chiùil a chuir air dòigh air feadh nan Eilean Siar ann an co-bhonn le Fèisean eile san sgìre.
10 An t-Ògmhios 2008


An Sgàilean Ùr

Goirid an dèidh tilleadh bhon chiad-thaisbeanadh aca aig Feis nam Meadhanan Ceilteach ann am Baile na Gailbhinn, sheall na filmeadairean òga bho àrd-sgoiltean A’ Phluic agus Port Rìgh agus Bun-Sgoil Slèite na trì filmichean ùra Gàidhlig aca aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach air 10 Cèitean.


10 An t-Ògmhios 2008


Aghaidh Ùr Ceòl Roc Ceilteach

Bho Eilean Leòdhais, ‘s e Sunrise not Secular an còmhlan ùr as fheàrr a th’ air nochdadh ann an saoghal Roc Cheiltich.
09 An t-Ògmhios 2008


Prìomh Dhuaisean Ùr airson Dealbhadh air a’ Ghàidhealtachd ’s nan Eilean

Chaidh còrr is 170 tagradh a chuir a-steach do sgeama ùr duaisean dealbhaidh airson ailtireachd ùr-ghnathach agus adhartach air a’ Ghàidhealtachd ’s nan Eilean. Thathas cuideachd ag ainmeachadh gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd na sponsair ùr.


05 An t-Ògmhios 2008


Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use