| Prògram Deasbaidean ann a Gàidhlig – Cnag na Cùise Tha Tern TV a' clàradh streath ùr de phrògraman còmhraidh ann an Gàidhlig. 'S ann mu chreideamh a tha iad, agus bi iad gan clàradh ann an Inbhir Nis agus Glaschu. | |
| Àrd-oifigear Bhòrd na Gàidhlig a’ tadhal air Ceòlas Tadhlaidh Coinneach Moireach, Àrd-oifigear Bhòrd na Gàidhlig air pròiseact Ceòlas ann an Uibhist a Deas (Diardaoin 10 Iuchar 2008) gus faighinn a-mach dha fhèin mar a tha maoin a’ Bhùird a’ cuideachadh ann a bhith a’ cumail a’ chànain beò air an eilean. | |
| Bòrd na Gàidhlig – Cathraiche Eadar-amail air a shuidheachadh Chaidh Cathraiche Eadar-amail a shuidheachadh le Bòrd na Gàidhlig, buidheann leasachaidh na Gàidhlig, an àite Mhata MacÌomhair CBE a leig dheth a dhreuchd an t-seachdain a chaidh. | |
| Togail dha cànan ann an cunnart Bidh àireamh ùr luchd-teagaisg na Gàidhlig air an trèanadh mar thoradh air pròiseact thùsail ùr eadar Oilthigh Obar Dheathain agus na colaistean air feadh na Gàidhealtachd `s nan Eilean. | |
| Ministear a’ tadhal air Sgoil Shamhraidh Dhràma Gàidhlig
Thadhail am Ministear airson na Roinn Eòrpa, Cùisean Taobh a-Muigh agus Cultar, Linda Fabiani air iomairt ùr a tha airson sgilean thèatar proifeasanta ionnsachadh do Ghàidheil òga. | |
| Faclair na Gàidhlig - Bunait làidir dhan Gàidhlig An t-seachdain seo tha plana gnìomhachais airson Faclair na Gàidhlig ga chur air bhog. Seo am pròiseact a tha dol a chruthachadh Faclair Eachdraidheil de Ghàidhlig na h-Alba, aon de na prìomh iomairtean ann a bhith a’ cumail cànan is cultar na Gàidhlig beò, is ga leasachadh, san àm ri teachd | |
| Bòrd na Gàidhlig – An Ath Ìre An co-chòrdadh ri dealas Riaghaltas na h-Alba ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi a’ Ghàidhlig seasmhach san àm ri teachd, tha Ministear a’ Chultair Linda Fabiani an-diugh air ainmeachadh dreuchd ùr Leas Chathraiche do Bhòrd na Gàidhlig (BnaG) gus leantainneachd a thoirt do cheannas a’ Bhùird an dèidh do Mhata MacÌomhair ainmeachadh gun robh e a’ leigeil dheth a dhreuchd mar Chathraiche. | |
| Dreuchd ùr do Chathraiche Bòrd na Gàidhlig Tha Cathraiche Bòrd na Gàidhlig, Mata M MacÌomhair, CBE, a’ fàgail a dhreuchd mar Chathraiche an dèidh dha obair ùr a ghabhail aig Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (UHI). | |
| Gàidhlig air a’ Bhàta 2008 Tha am pròiseact air leth soirbheachail “Gàidhlig air a’ Bhàta” air ais am bhliadhna, an com-pàirt ri iomairt Cearcaill na Gàidhlig. Bidh Oifigearan Fiosrachaidh air bòrd nam bàtaichean-aisig a tha a’ siubhal eadar an t-Òban/Col/Tiriodh, Ùig/Loch nam Madadh/ An Tairbeart agus Ullapul/Steòrnabhagh. | |
| Soirbheachas airson Oileanaich Ghàidhlig Tha 14 oileanaich air crìoch a chuir air Pàirt 1 de Chùrsa Gàidhlig Ùlpan aig Colaisde a’ Chaisteil an t-seachdain sa. Tha a chùrsa, air a dhealbhachadh le Deiseal Earranta, stèidhichte air modal na Cuimrigh, a cleachdadh dòighean ùra cànan ionnsachadh gus oileanaich a thoirt gu fileantas ann an Gàidhlig. Chuir Comhairle nan Eilean Siar taic ri cùrsa Ùlpan le taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig. | |

