Comataidh Buileachaidh Plana Cànan
12 Am Màrt 2008

Choinnich Comataidh Buileachaidh Plana Cànan Chomhairle nan Eilean Siar an diugh ri Stiùiriche Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig agus le Neach-cathrach agus Àrd-oifigear Bòrd na Gàidhlig. 

Chuir an Comataidh meas air an cothrom beachdachadh air obair leasachaidh na Gàidhlig a tha ri choilionadh anns na h-Eileanan an Iar agus leasachaidhean eile gu nàiseanta.  Aig fàilteachas ann an Oifisean na Comhairle an raoir thuirt an Neach-gairm Ailig Dòmhnallach,

“ Tha mi air leth toilichte gu robh an cothrom seo againn bruidhinn air cùisean a tha nan uallach air coimhearsnachd na Gàidhlig aig àm a tha deatamach ann an eachdraidh a’ chànain.”  Thèid togail air an co-obrachadh gnàthaichte eadar a’ Chomhairle agus Bòrd na Gàidhlig, Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig agus buidhnean Gàidhlig eile gus an tig leudachadh air na buannachdan coisinnte ann an dàimh ri ath-bheothachadh a’ chànain thairis air na bliadhnachan mu dheireadh.”

Chuir an Comataidh cuideachd fàilte air an naidheachd gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd an dùil Aonad eadar-theangachaidh a stèidheachadh, agus leudaichidh seo an ullachadh nàiseanta a’ fighe a-steach ris na tha a’ Chomhairle a’ dèanamh a-thaobh Seirbheisean Amalaichte Gàidhlig, a’ toirt a-steach eadar-theangachadh.

Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use