Cothrom Craolaidh do Chlann-nighean
20 Am Màrt 2008

Disathairne sa-chaidh, chuir ceathrar chlann-nighean gleans air na h-aithrisean rèidio aca mar phàirt de chùrsa craolaidh ùr anns an robh iad an-sàs aig Moray Firth Radio.

Le taic arigid bho Bhòrd na Gàidhlig, lìbhrig Urras Meadhanan Moray Firth – meur trèanaidh MFR - a chiad cùrsa Gàidhlig aca, gu sònraichte do fhileantaich òga. Thàinig a bheachd airson cùrsa bho Aonghas MacLeòid a tha ‘g obair na Oifigear Leasachaidh aig Comunn na Gàidhlig agus Liz Nic an t-Saoir, a tha na Manaidsear Phròiseictean aig an Urras.

Thuirt ise, “Tha ùidh air a bhith againn ann a bhith a’ brosnachadh chraoladairean ùr Gàidhlig bhon a tha cho beag de chothroman air ‘Ghàidhealtachd airson tàlant rèidio a leasachadh san fharsaingeachd, gun fhiach air craoladairean le Gàidhlig. Tha sinn a’ tabhann cothrom-trèanaidh gach bliadhna aig an stèisean airson prògraman dà-chànanach a leasachadh aig MFR ach bha sinn airson cùrsaichean na bu ghiorra a lìbhrigeadh a leigeadh le craoladairean ùr tighinn a-steach, agus a Ghàidhlig aca a chleachdadh. Bha sinn cuideachd, gu cudromach, airson na cùrsaichean a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig seach Beurla, agus tha sinn air sin a dhèanamh. ‘S e seo a’ chiad turas a rinn sinn a leithid.”

Le taic bho Bhòrd na Gàidhlig agus bhon Urras, fhuair an ceathrar òga – Ceitidh Fhoirbeis & Cara Choburn à Inbhir Pheotharain, Shona Nic Mhaoilein à Leòdhas agus Eilidh Nic Fhraing as an Eilean Sgitheanach - oideachadh ann an sgilean sgrìobhaidh, agallamhan agus aithris. Bidh iad ag innse mu dheidhinn a chùrsa air a phrògram, John Matheson’s All Scottish Show, a dh’aithghearr.

Bha Mòrag Stiùbhart, a bha a’ trèanadh an fheadhainn òga air a misneachadh leis an ùidh a nochd an òigridh. Thuirt ise, “Bha iad uile dealasach, le ùidh mhòr ann an sgrìobhadh agus ann an Gàidhlig. Tha min dòchas gum brosnaich seo cùrsaichean eile – tha mi ‘smaoineachadh gu bheil tòrr sgilean ann a ghabhas leasachadh a-measg luchd-labhairt òg tro obair-rèidio.”

A’ cur taic ris an iomairt, thuirt Peadar Peacock BPA, “Tha seo na eisimpleir ionmholta de ghnìomhachas ionadail a’ toirt cuideachadh dha-rìreabh dhaibh-san a tha ag iarraidh a bhith ag obair tro mheadhan na Gàidhlig. Tha craoladh a tabhann cothroman-obrach do luchd-labhairt na Gàidhlig agus bu chòir dhuinn meala-naidheachd a chuir air Urras Meadhanan Moray Firth airson an cùrsa tarraingeach, seo a leasachadh.”    

Thuirt stiùiriche MFR, Danny Gallagher, “Mar stèisean rèidio ionadail tha MFR ga-rìreabh mu dheidhinn a bhith a’ cuir rudeigin air ais dhan choimhearsnachd, agus toilichte a bhith a’ cuir taic ri leasachadh rèidio Gàidhlig air ‘Ghàidhealtachd. Tha mi a’ coimhead air adhart ri coinneachadh ris an ath ghinealach de chraoladairean Gàidhlig aig an stèisean againn.”

For more information contact

Morag Stewart, Media Course Trainer on 0779 647 4062

Liz McIntyre, Project Manager, Moray Firth Media Trust on 01463 22 44 33

Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use