| Coig Turasan Mìiorbhaileach gu Saoghal nan Gàidheal air am Foillseachadh | |
| 28 Am Màrt 2008
Chaidh còig turasan ùra gu cridhe saoghal nan Gàidheal fhoillseachadh san Òban an-diugh, Dihaoine 28 Am Màrt 2008.
’S e th’ ann an Cearcaill na Gàidhlig iomairt ùr-ghnàthach le sreath de shlighean a tha a’ comharrachadh cultar na Gàidhlig air feadh Innse Gall agus tìr-mòr na h-Iar-Ghàidhealtachd.
Tha am pròiseact air a stiùireadh le HITRANS, Bòrd na Gàidhlig, Caledonian Mac a' Bhruthainn, VisitScotland, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid agus Comhairle na Gàidhealtachd. Thathar a’ foillseachadh làrach-lìn ùr cuideachd – www.gaelic-rings.com.
A’ cur fàilte air na còig turasan, a tha a’ cur ris a’ chiad Cearcall na Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh ann an 2007, thuirt Ministear airson Iomairt, Cumhachd is Turasachd, Jim Mather BPA:
“Tha e na thoileachas dhomh mo thaic a thoirt don iomairt ùr-ghnàthach seo agus meal-a-naidheachd a chur air an fheadhainn a tha an sàs ann, ’s e eisimpleir chudromach a th’ ann de cho-obrachadh eadar buidhnean, le ùghdarrasan ionadail, buidhnean Riaghaltais, buidhnean cultarach, agus seirbheisean còmhdhail uile an sàs ann.”
“Tha a’ chiad Cearcall na Gàidhlig, a chaidh fhoillseachadh an-uiridh, air a bhith air leth soirbheachail mu thràth a thaobh a bhith tàladh luchd-turais do na h-eileanan agus le bhith a’ dèanamh sanasachd air dualchas beartach is eadar-dhealaichte na sgìre. Tha an àireamh de ghnìomhachasan ionadail a ghabh ris an sgeama air a bhith na bhrosnachadh mòr agus tha mi a’ coimhead air adhart ri leudachadh agus leasachadh a’ mhodail seo.
“Tha na Cearcaill cuideachd air na cothroman a th’ ann do ghnìomhachasan air feadh na sgìre a dhearbhadh, agus air sealltainn dè ghabhas a dhèanamh nuair a tha buidhnean poblach is prìobhaideach ag obair còmhla.”
Chaidh Albannaich ainmeil a bharantachadh gus sgrìobhadh mu na turasan aca air na slighean agus bidh iad an làthair aig an fhoillseachadh.
B’ e an comhairliche bho Earra-Ghàidheal is Bòid, William Petrie, a chuir fàilte air daoine aig an fhoillseachadh:
“Tha e na mhòr-thoileachas dhomh na còig turasan ùra aig Cearcaill na Gàidhlig fhoillseachadh gu h-oifigeil.
“Chaidh mòran a choileanadh ann an ùine glè ghoirid, agus chòrd càileachd nan stuthan a thathar a’ cleachdadh gus follaiseachd a dhèanamh air an iomairt seo gu mòr rium. Tha am pròiseact cuideachd a’ sealltainn dè ghabhas a dhèanamh nuair a tha an luchd-compàirt a tha an sàs ann ag obair còmhla, agus bu thoigh leam an cothrom seo a ghabhail taing a thoirt dhaibh uile.
“Tha sinn air leth toilichte gu bheil Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid am measg luchd-compàirt a’ phròiseict seo, agus gu bheil am foillseachadh ga chumail an seo an-diugh.”
Thuirt Philip Riddle, Àrd-oifigear VisitScotland:
“Tha VisitScotland a’ cur fàilte chridheil air foillseachadh Cearcaill na Gàidhlig agus air a’ chothrom a bhith ag obair ann am compàirt gus turasan luchd-tadhail a leasachadh. ’S ann air leth cudromach a tha a’ mhargaidh airson turasachd chultarach do thurasachd na h-Alba, agus le bhith cur ris na tha sinn a’ tabhann nì sinn cinnteach gu bheilear a’ frithealadh mar bu chòir air a’ mhargaidh sin.
“Chaidh targaid nàiseanta ainmeachadh airson turasachd na h-Alba a leudachadh 50% ro 2015, chaidh seo aontachadh leis an roinn phrìobhaideach agus phoblach. Gus dèanamh cinnteach gum faigh gach ceàrnaidh de dh’Alba cuid den mhargaidh nas motha seo a dh’fhaodadh a bhith ann, tha e deatamach gun tèid airgead a chur an seilbh gu h-ionadail san dòigh seo. ’S e an aon dòigh dèanamh cinnteach gun tèid luchd-tadhail dhachaigh agus gun innis iad do na caraidean is càirdean aca mu cho math ’s a bha an turas aca nar dùthaich, ma tha turas mìorbhaileach aca. Tha turasan mar seo a’ brosnachadh luchd-turais a bhith tilleadh agus tha buannachdan maireannach nan lùib do dh’eaconomaidh na dùthcha.”
Thuirt Ruaraidh Dòmhnallach bhon chòmhlan-ciùil roc ainmeil Runrig:
“Bha buaidh shònraichte riamh aig dualchas is cruth-tìre nan Eilean Siar air ceòl a’ chòmhlain-ciùil againn, agus cha robh dòigh nach biodh na h-iomadh turas a ghabh sinn air bàtaichean Chaledonian Mhic a’ Bhruthainn air am fighe a-steach do sgeulachd Runrig.
“Bho na bliadhnaichean tràtha nuair a bha sinn a’ cluich aig dannsaichean, agus air chuairt sna h-eileanan, a’ siubhal air aiseagan, agus a’ cluich aig seiseanan air bòrd nam bàtaichean sin; agus nuair a bhitheamaid a’ tadhal air ar teaghlaichean agus a’ gabhail saor-làithean sna h-eileanan – a’ ruighinn agus a’ fàgail, anns gach seòrsa sìde – thug buaidh nan turasan samhlachail sin brosnachadh mòr dhuinn, agus tha a’ bhuaidh sin ri chluinntinn ann an tòrr de na h-òrain. ’S iomadh iomradh a chluinnear air a’ bhuaidh seo ann an ceòl Runrig.”
NÒTAICHEAN
| |

