Pàrlamaid na h-Alba a' toirt suaicheantas dà-chànanach Gàidhlig - Beurla a-steach
25 An Giblean 2008

Chaidh ainmeachadh an-diugh gum biodh na briathran ‘Pàrlamaid na h-Alba’ air an toirt a-steach do shuaicheantas oifigeil Pàrlamaid na h-Alba.

Bidh 'Pàrlamaid na h-Alba' a’ nochdadh bhon latha an diugh air foillseachaidhean pàrlamaideach ùra, a’ cruth-atharrachadh uidheam a’ Chrùin ‘s a’ Chrann gu bhith na shuaicheantas dà-chànanach Beurla – Gàidhlig.

Tha an gluasad seo a’ tighinn mar phàirt de Phlana Gàidhlig na Pàrlamaid, a tha na riatanas fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 , agus a tha ag amas air a’ phrionnsabal co-ionnanachd spèis a thoirt don Gàidhlig is don Bheurla, a chur an gnìomh.

Thuirt an t-Oifigear-riaghlaidh Ailig MacFhearghais:

“Is e fear de na geallaidhean bunaiteach a tha sa Phlana Gàidhlig againn, a’ Ghàidhlig a thoirt a-steach don dearbh-aithne chorporra againn. Le bhith a’ toirt a-steach na briathran “Pàrlamaid na h-Alba” do shuaicheantas gnàthaichte a’ Chrùin ‘s a’ Chrann tha seo a’ dearbhadh na taic leantainnich a tha sinn a’ toirt don Ghàidhlig agus do spiorad Achd na Gàidhlig.”

Tòisichidh foillseachaidhean ùra agus aithisgean na pàrlamaid a’ sealltainn an uidheam dà-chànanach mar a bheirear a-steach an dreach ùr oifigeil den t-suaicheantas pàrlamaideach.

Gus nach bi caitheamh agus cus cosgais ann, cumaidh a’ Phàrlamaid oirre a’ cleachdadh seann ghoireasan leithid pàipear-litreach le ainm na buidhne agus stoc bùtha gus am feumar tuilleadh òrdachadh.

Bidh cosgais mu £3,500 ann airson suaicheantas ùr a chruthachadh agus a thoirt a-steach. Fhuaras ionmhas bho Bhòrd na Gàidhlig fa chomhair nan cosgaisean sin.

Chaidh an obair dealbhaidh a chur an gnìomh le cùmhnantaiche foillseachaidh gnàthaichte na Pàrlamaid.

Cùl-fhiosrachadh

Fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, faodaidh Bòrd na Gàidhlig, a’ bhuidheann air a bheil an dleastanas an Achd a chur an gnìomh, fios a chur gu buidhnean poblach a’ cur mar riatanas orra plana Gàidhlig a dheasachadh, gus an tèid am prionnsabal gum bu chòir co-ionannachd spèis a thoirt don Ghàidhlig is don Bheurla a chur an gnìomh.

Bu chòir gun suidhicheadh am plana na ceumannan a ghabhadh a’ bhuidheann a thaobh cleachdaidh na Gàidhlig nan cuid obrach agus gun stèidhichear ceann-latha airson na ceumannan sin a chur an gnìomh.

Is e amas na Pàrlamaid gun rachadh an dreach ùr den t-suaicheantas a thoirt a-steach beag air bheag thairis air grunn bhliadhnaichean. Tha clàr-ama nam prìomh chleachdaidhean air a thoirt a-steach don Phlana Gàidhlig, a tha ri fhaighinn aig làrach-lìn

www.parlamaid-alba.org/planagaidhlig.htm

------------------

Airson tuilleadh fiosrachaidh, is e neach-labhairt meadhanan Pàrlamaid na h-Alba:

Eric MacLeòid: 0131 348 5389
Post-d: eric.macleod@scottish.parliament.uk
RNID Fàilte air Fiosan TypeTalk

Airson iarrtasan fiosrachaidh a’ phobaill , cuiribh fios gu: 0131 348 5000 no 0845 278 1999 (ìrean ionadail)
Fòn teacs: 0131 348 3415 RNID Fàilte air fiosan Typetalk
post-d: sp.info@scottish.parliament.uk

Tadhlaibh air an làrach-lìn againn aig: www.parlamaid-alba.org

Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use