| M’ eud airson na Gàidhlig – Seumas Foirbeis, Neach-teagaisg ann an Àrd-sgoil Lasswade | |
| 01 An Cèitean 2008 Gach dàrna bliadhna, ann an Àrd-sgoil Lasswade bidh sinn a’ cur a’ chlàr-ama àbhaisteach gu aon taobh fad seachdain aig deireadh an Òg-mhìos agus a’ tabhann gnìomhan eadar-dhealaichte do na sgoilearan mar dhuais.
Bhuail e orm gun robh tòrr de na gnìomhan seo a’ gabhail a-steach roinnean ionnsachaidh ùra leithid obair-crèadha, ealain gaisgeanta no marcachd. Bha mi a’ beachdachadh an dùil am biodh ùidh aig sgoilearan sam bith ann a bhith ag ionnsachadh beagan Gàidhlig.
Bhiodh e ro thioram dhaibh mise a bhith a’ teagasg na Gàidhlig; ro choltach ri clas-sgoile. Bhuail e orm gum biodh leasanan Ghàidhlig tòrr mòr na bu tharraingich nam biodh iad air an teagasg le Gàidheil air a’ Ghàidhealtachd. Cha bhiodh leasanan cànain a bhiodh a’ dol fad an latha freagarrach do sgoilearan a bhiodh sgìth an dèidh bliadhna thrang de ionnsachadh, agus bha e nam bheachd gum faodadh na sgoilearan cuideachd a bhith a’ dol air cuairtean agus a bhith a’ faighinn eòlas air cultar na Gàidhlig agus cultar nan Ceilteach air an fheasgar.
Cho fad ‘s a bha fios agam, b’ e seo a’ chiad turas a shiubhail sgoilearan bho sgoil air a’ Ghalltachd gun iad a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig a cheana, gu bhith a’ dol air turas taobh a-staigh na dùthcha aca fhèin gus ionnsachadh mu chànan agus cultar air nach eil mòran Albannaich eòlach.
Nochd Sabhal Mòr Ostaig, a’ Cholaiste Ghàidhlig san t-Eilean Sgitheanach, ùidh mhòr ann a bhith a’ libhrigeadh cùrsa mar seo. Bha sinn a’ moladh gun deigheadh fichead sgoilear agus dà thidsear ann. Ged a bha an t-uabhas ùidh ann bho inbhich, bha e uabhasach duilich dhomh seo a reic ri deugairean. Cuideachd, cha b’ urrainn do sgoilearan bho theaghlaichean bochda fiùs smaoineachadh air an turas seo, eadhoin ged a bhiodh ùidh aca ann. Dh’fheuch sinn dhà na thrì thursan ris a’ phròiseact fhaighinn a dhol ach cha b’ urrainn dhuinn gu leòr fhaighinn aig an robh ùidh ann. B’ fheudar dhuinn a’ bheachd seo a chur gu aon taobh ach bhrosnaich luchd-rianachd na sgoile mi feuchainn aon turas eile.
Bha mi a’ faireachdainn gu làidir nach bu chòir do sgoilearan bho theaghlaichean bochda, ’s dòcha nach fhaigheadh làithean-saora idir ann an suidheachadh àbhaisteach, an cothrom seo a chall. Fhuair mi a-mach air làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig gur dòcha gun robh e comasach taic-airgid fhaighinn bhon Chrannchur Nàiseanta, gu h-àraidh do dhaoine òga fo chòig bliadhna fichead agus cuideachd airson pròiseactan a chuidicheadh iad ionnsachadh mun dualchas aca fhèin agus aig daoine eile. An dèidh fios a chur gu buidhnean co-cheangailte ris a’ chrannchur airson a bhith cinnteach gum biodh iarrtas gu a leithid sin de bhuidheann freagarrach, chuir Àrd-sgoil Lasswade a-steach iarrtas ged nach robh iad ro chinnteach mu dheidhinn. Bhiodh sinn air a bhith uabhasach taingeil rud sam bith fhaighinn, ach cha robh dùil againn ri càil.
Leis an dleastanas a tha air airgead poblach a dhìon, chaidh ‘Awards for All’ tron iarrtas gu mionaideach gus dèanamh cinnteach gun robh an t-iarrtas ceart agus thill iad am foirm thugainn an toiseach le mìneachadh feumail a’ sealltainn nithean a bha dà-sheaghach. An dèidh a chur a-steach a-rithist, thàinig litir ochd seachdainean an dèidh sin ag ràdh gun robh ‘Awards for All’ a’ Chrannchur Nàiseanta air £5000 a cheadachadh dhan sgoil. Leig seo dhuinn pàigheadh airson a h-uile càil – teagasg, àiteachan-fuirich, biadh, siubhal agus tursan a-muigh. Bha seo a’ ciallachadh nach biodh sgoilear sam bith air fhàgail a-mach air sgàth trioblaidean airgid.
An dèidh an airgead fhaighinn, bha na h-àitean air an turas air an lìonadh an ceann dà latha agus cha robh e fada gus an robh mi air an t-slighe dhan Eilean Sgitheanach airson cùisean a chur air dhòigh le Sabhal Mòr Ostaig.
Nuair a thachras an turas seo san Òg-mhìos 2008, gabhaidh na sgoilearan pàirt ann am prògram slàn de leasanan Gàidhlig gach madainn. Gach feasgair, thèid iad air turais a-mach gu Ionad Chlann Dòmhnaill, taigh-staile Thalaisgeir, Trondairnis agus Taigh-tasgaidh an Dòigh-beatha Ghàidhealach agus cuideachd turas gu na bùithtean am Port Rìgh.
Gach fhionnaraidh cuiridh na sgoilearan eòlas air cultar Ceilteach agus Gàidhealach le leasanan ann an dannsa ceum agus ionnsramaidean Ceilteach. Tha Bòrd na Gàidhlig air £1000 a thoirt seachad gus cèilidh a chumail an lùib àrd-sgoil bhon Ghàidhealtachd gus cothrom a thoirt do dheugairean Lasswade coinneachadh ri Gàidheil den aois aca fhèin. Thig Rosemary Nic a’ Bhàird Ward, Oifigear Foghlam Bhòrd na Gàidhlig, a bhruidhinn riutha mu cho cudromach ’s a tha e a’ Ghàidhlig a chumail a’ dol agus a leasachadh.
Ged nach e ceum mhòr a tha seo ann an ath-bheothachadh na Gàidhlig, bu chaomh leam sgoiltean eile fhaicinn a’ dol air tursan mar seo agus bhithinn toilichte comhairle a thoirt dhaibh. Bhrosnaichinn duine sam bith aig a bheil beachd inntinneach a dhol às dèidh taic-airgid bhon Chrannchur Nàiseanta ma tha sin iomchaidh. Aig deireadh an latha, tha mi airson ’s gum bi beachd mhath aig na sgoilearan agam air a’ Ghàidhlig. Chan eil mi smaoineachadh gun ionnsaich iad uile an cànan agus gum bi iad uile fileanta; chan eil mi smaoineachadh gun cur iad an cuid chloinne gu sgoiltean tro mheadhan na Gàidhlig san àm ri teachd. Ach, nuair a tha iad air fàs suas, nam biodh iad deònach bruidhinn a-mach às leth na Gàidhlig no mion-chultaran eile air a bheilear a’ dèanamh dìmeas, bhithinn air m’ amas a choileanadh.
Seumas Foirbeis
| |

