Òraid do Bhuill na Buidhne Gàidhlig - Mata M MacÌomhair
06 An Cèitean 2008

Feasgar math a Mhnathan agus a Dhaoin’ Uaisle

Tha sinn beò ann an àm eachdraidheil. Na biodh teagamh sam bith agaibh dhan sin. ’S e mòmaid eachdraidheil a tha seo airson Gàidhlig ann an Alba. Chaidh Bòrd Nàiseanta a’ Chànain, Bòrd na Gàidhlig, le cùmachdan reachdail a stèidheachadh. Tha Plana Nàiseanta air a bhith air ullachadh, às dèidh pròiseas co-chomhairleachaidh a bha gu math misneachail agus thathas air iarraidh air sia buidhnean poblach, am planaichean cànain a thoirt air adhart.   Tha mi a’ cur fàilte air a h-uile càil a tha sin agus ghabh mi uallach a bhith nam Chathraiche Bhòrd na Gàidhlig air sgath ’s gu bheil mi a’ faicinn gu bheil cothrom againn an-dràsta, nach robh againn a-riamh roimhe, ar cànan a shàbhaladh.

Le bhith a’ gabhail a h-uile càil a tha sin a-steach, dè na dùbhlain a tha mise a’ faicinn a tha mu choinneamh Bhòrd na Gàidhlig? Tha mi dhan bheachd gu bheil trì dùbhlain bunaiteach ann. Sa chiad àite tha mi a’ faicinn an dùbhlan a th’ ann ann a bhith a’ dealbh Plana Nàiseanta a bhios freagarrach chan ann a-mhàin dhan choimhearsnachd Ghàidhlig ach cuideachd dha mòr-shluagh na h-Alba. San dàrna h-àite, tha mi ag aithneachadh gur e dùbhlan a bhios ann fèin-mhisneachd a thogail às ùr sa choimhearsnachd Ghàidhlig. Agus mu dheireadh, tha mi a’ faicinn an dùbhlan ann a bhith a’ leasachadh a’ chànain tro bhith a’ cleachdadh an t-saoghail ùir phoilitigich.

Tha mise a’ meas gur e dleastanas Bhòrd na Gàidhlig ùidh ann an cànan agus cultar na Gàidhlig a bhrosnachadh; agus airson sin a choileanadh feumaidh e ceanglaichean agus com-pàirteachasan a dhèanamh ris a’ mhòr-shluagh agus cuideachd ri buidhnean poblach sònraichte.

Chan eil mi dhan bheachd gur e dleastanas Bhòrd na Gàidhlig rud sam bith a sparradh air duine. Bhiodh sin, tha mi a’ smaoineachadh, na bhuille-bàis dhan chànan. Tha mi airson ’s gum bi na buidhnean poblach ag obair còmhla rinn gus ar cànan a leasachadh chun na h-ìre as fheàrr is urrainn dhuinn.

Dè an t-àite a th’ agaibh-se ann an seo? A bheil companaidh agaibh fhèin aig am bu chòir plana Gàidhlig a bhith? Am bu chòir dhuibh a bhith a’ beachdachadh air soidhnichean dà-chànanach airson ur n-àite-obrach? Dè mu dheidhinn làraich-lìn? Foirmichean? Bileagan? Fastadh? Mur eil sibh san t-suidheachadh sin nach bu chòir dhuibh a thighinn còmhla gus an cànan a leasachadh ann an dòigh air choireigin eile? Seo agaibh dhà no trì eisimpleirean. Anns na beagan mhìosan a tha romhainn, gheibh Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean cead, ceumannan a bhuileachadh. An dùil am biodh e comasach do ghìomhachasan Gàidhlig Cathair a stèidheachadh san Oilthigh ùr? Ann am Foghlam Gnìomhachais? Ann an Sgìlean Tionnsgaineach? Mura b’ urrainn aig an ìre sin, dè mu dheidhinn a stèidheachadh aig ìre Foghlam Adhartach? Dè mu dheidhinn cùrsa sgìlean ann an Rianachd Gàidhlig a stèidheachadh aig Sabhal Mòr Ostaig agus Colaisde a’ Chaisteil?  Tha sinn fìor fheumail air sgilean ùra gus adhartas a dhèanamh ann an saoghal na Gàidhlig. Mura bi e comasach aig an ìre sin, dè mu dheidhinn sponsaireachd a thoirt seachad ann an diofar iomairtean a tha a’ dol ann an saoghal na Gàidhlig? Dè mu dheidhinn sponsaireachd a thoirt seachad do phàipear coimhearsnachd air chumha ’s gun cuireadh iad leithid seo de dhuilleagan Gàidhlig a-steach dhan phàipear? Dh’fhaodar an aon rud a dhèanamh le Comainn Eachdraidh.

’S e a tha mi a’ feuchainn ri ràdh ach gu bheil am Plana Nàiseanta a’ suathadh ris a h-uile duine agaibh. ’S e daoine le spionnadh a th’ annaibh. Cha bhiodh sibh far a bheil sibh an-diugh mura b’ e. Seo an t-àm an spionnadh sin a nochdadh a thaobh na Gàidhlig. Ciamar is urrainn dhan Bhòrd ur cuideachadh? Thigibh an-àirde le sgeamaichean agus bruidhnidh am Bòrd ribh mu na cothroman maoineachaidh a dh’fhaodadh a bhith ann.

Tha mo theachdaireachd-sa a-nochd a-rèist gu math soilleir. Tha a’ choimhearsnachd Ghàidhlig ann an suidheachadh cho làidir ’s a tha i air a bhith airson ùine mhòr. Ach chan eil i gu bhith làidir mura gabh sinn brath air na cothroman a tha mu ar coinneamh. Tha mise a-riamh air a bhith dhan bheachd nach eil ann an Achd na Gàidhlig ach toiseach a’ phròiseis agus chan e a’ chrìoch. Sin dha-rìribh a tha mise a’ creidsinn agus sin is coireach gu bheil mi a’ coimhead air adhart le misneachd. ’S e saoghal ùr a tha seo dhan Ghàidhlig. Bidh iomadh dùbhlan na chois ach tha mi creidsinn gum bi barrachd chothroman ann, aig a’ cheann thall. Feumaidh a’ choimhearsnachd Ghàidhlig greimeachadh air na cothroman seo sa bhad.

Mata M MacÌomhair

Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig

26 Giblean 2008

Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use