Sgoilearan à Àrd-sgoil a’ Phluic a’ coinneachadh ri Rionnagan a’ Bh.B.C
27 An Cèitean 2008

Tha sgoilearan à Àrd-sgoil a’ Phluic air duais a chosnadh bhon Bh.B.C. bho chionn ghoirid airson a bhith ag aithris naidheachdan.

Ghabh na sgoilearan pàirt ann an ‘Aithris Naidheachd Sgoile a’ Bh.B.C’, no ‘BBC News School Report’ agus bhuannaich iad an duais airson an obair ionmholta a rinn iad. Chaidh iad shìos a Lunnainn air Dihaoine 16 den Chèitean, airson an duais aca fhaighinn ann an Televsion Centre aig a’ Bh.B.C., bho Adam Flemming bhon a’ phrògram Newsround.

Bha Mark Byford, Leas-Àrd-Stiùiriche a’  Bh.B.C. an làthair cuideachd agus mholl e na sgoilearan airson an obair chruaidh a rinn iad.

Thuirt Donnchadh Fearghastan, Ceannard Àrd-sgoil a’ Phluic,

“Tha sin air leth toilichte gun robh cothrom aig na sgoilearan Ghàidhlig againn pàirt a ghabhail ann an Aithris Naidheachd Sgoile a’ Bh.B.C’.

“Chòrd e ri na sgoilearan againn gu mòr cuireadh fhaighinn a dhol gu Televsion Centre ann an Lunainn agus tha mi toilichte gu bheil daoine ag aithneachadh gu bheil àite bunaiteach aig a’ Ghàidhlig anns na meadhanan agus ann am foghlam.

“Abair gu robh sgeulachdan air leth aig na sgoilearan a’ tilleadh à Lunnainn.”

Air an 13 den Mhàirt, rinn sgoilearan a bha aois 12 agus 13, à 300 sgoil ann am Breatainn, aithris naidheachdan iad fhèin. A-mach às na ghabh pàirt, bha fichead ‘sa sia sgoil ann an Lunnainn aig BBC Television Centre, airson na duaisean aca fhaighinn aig a’ chuirm. ‘S e Àrd-sgoil a’ Phluic ann aon sgoil à Alba a bha an làthair.

Mar phàirt den duais aca, fhuair na sgoilearan cuairt timcheall a’ Bh.B.C. agus chunnaic iad na stuidios agus an t-seòmar naidheachd.  Choinnich iad ri Humphrey à Sportsround agus Lizo Mzimbo a bha ag obair air Newsround.

Rinn sgoilearan à Àrd-sgoil a’ Phluic an aithris aca an dà chuid ann an Gàidhlig agus ann am Beurla, le taic bho Seumas Dòmhnallach à BBC Radio nan Gàidheal. Fhuair an sgoil taic airgid à Bòrd na Gàidhlig, airson a dhol a Lunnainn airson an duais a thogail.

Ma tha barrachd fiosrachaidh a dhith air sgoil sam bi, mu dheidhinn a’ phròiseict, tha làrach-lìn aig a’ Bh.B.C.– www.bbc.co.uk/schoolreport Bu toil leis a’ Bh.B.C. barrachd sgoiltean le Gàidhlig fhaighinn an sàs anns a’ phròiseict.

For more information contact: Chrisma MacDonald, Plockton High School, Plockton, Ross-Shire, IV52 8TU, Tel: 01599 530 800.

 

 

 

Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use