| Prìomh Dhuaisean Ùr airson Dealbhadh air a’ Ghàidhealtachd ’s nan Eilean | |
| 05 An t-Ògmhios 2008 Chaidh còrr is 170 tagradh a chuir a-steach do sgeama ùr duaisean dealbhaidh airson ailtireachd ùr-ghnathach agus adhartach air a’ Ghàidhealtachd ’s nan Eilean. Thathas cuideachd ag ainmeachadh gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd na sponsair ùr. Ri linn an ùidh mhòr a th’ air nochdadh ann an ailtireachd ùr agus dealbhadh mar thoradh air prògraman agus co-fharpaisean air an telebhisein, tha an luchd-eagrachaidh airson ùidh agus moit a thogail ann am pròiseactan ionadail a tha a’ comharrachadh aithne agus cultar na Gàidhealtachd ’s nan Eilean. ’S e Comann Ailtireachd Inbhir Nis (IAA) a chuir na duaisean air chois agus chaidh am foillseachadh leis A’ Bhall Pàrlamaid Teàrlach Ceanadach aig Ionad ùr Luchd-tadhail Blàr Chùil Lodair anns a’ Mhàrt. ‘Chuir daoine a-steach airson nan duaisean bho air feadh na roinne agus tha farsaingeachd de phròiseactan ann bho sgeamaichean mòra taigheadais gu mion-obair air staidhrichean agus air feansaichean. Bha pròiseactan ann aig an robh buaidh mhòr agus feadhainn eile leithid toglaichean agus pròiseactan poblach a bha connspaideach. Bha còrr is 10% de na tagraidhean a chaidh a chuir a-steach anns a’ Ghàidhlig. B’ e sin 20 tagradh. Thuirt Fearghas Bruce, Co-òrdanaiche Dhuaisean IAA: ‘Tha IAA air leth toilichte leis an ùidh a chaidh a shealltainn anns na duaisean. Tha an creideas ’s an dealas a tha ailtirean air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan air nochdadh anns na duaisean seo, agus am moit a th’ aca nan cuid obrach ann an àitean dùthchail a tha gu math tric dùbhlanach agus far am feumte a bhith mothachail, air a bhith bunaiteach do shoirbheachas nan duaisean. ‘Tha na diofar seòrsaichean thagraidhean len diofar cruthan a’ sealltainn an tàlant ailtearachd a tha beò anns gach ceàrnaidh de sgìre na Gàidhealtachd ’s nan Eilean; bho Shrath Spè agus Bàideanach anns a cheann a deas gu Sealtainn anns a cheann a tuath. Tha sinn gu h-àraidh toilichte uiread de thagraidhean fhaighinn anns a’ Ghàidhlig.’ Tha Comhairle na Gàidhealtachd a-nis air tighinn còmhla ri Coimisean na Coilltearachd (Alba), Bòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus RIAS mar phrìomh sponsairean nan duaisean. Ged a bhios a’ Chomhairle a’ toirt taic don phròiseact mar chom-pàirtiche air feadh sgìre na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, bidh pàirt sònraichte aice ann an cuairtean ionadail nan duaisean a bhios a’ gabhail àite taobh a-staigh na sgìre aice fhèin. Dh’aontaich Comataidh Planaidh Àrainneachd agus Leasachaidh na Comhairle sponsaireachd a thoirt seachad do Sgeama nan Duaisean aig a’ choinneimh aca air 28 Cèitean. Thuirt am Fear-cathrach, an Comhairliche Drew Hendry: ‘Airson dèanamh cinnteach gu bheil a’ Ghàidhealtachd tarraingeach a thaobh àite fuirich agus obair feumaidh sinn ar n-aire a chumail air agus piseach a thoirt air dealbhadh thogalaichean ùra agus leasachaidhean eile air feadh na Gàidhealtachd. Mar sin tha sinn air leth toilichte sponsaireachd a thoirt seachad do Sgeama nan Duaisean a thogas aire a’ phobaill gu dealbhadh math agus tuigse air togalaichean de dheagh ghnè. ‘Tha mi a’ coimhead air adhart ris na sia tachartasan ionadail a tha gu bhith ann air feadh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus ris an duais fhosgailte airson an togalaich as fheàrr. ’S e seo aon de na h-iomairtean a bhios a’ Chomhairle a’ cur air adhart gus piseach a thoirt air gnè gach seòrsa leasachaidh a tha a’ dol air adhart air a’ Ghàidhealtachd.’ Bidh sia tachartasan ionadail ann airson nan duaisean, a’ còmhdach nan sgìrean a leanas (bidh a’ chiad fhear air a chumail ann am Moireibh air an t-seachdain a’ tòiseachadh 2 An t-Ògmhios): -Moireibh; -Meadhan na Gàidhealtachd; -Arcaibh is Sealtainn; -Taobh siar na Gàidhealtachd; -Ceann a tuath na Gàidhealtachd; -Na h-Eileanan an Iar. Às dèidh nan tachartasan sin, thèid cuirm dhuaisean roinneil airson na Gàidhealtachd ’s nan Eilean a chumail ann an Talla Eden Court, Inbhir Nis air 14 Samhain. ’S iad seo roinnean nan duaisean: - Togalach ùr – dachaigh/poblach/gnìomhachas/coimhearsnachd - Ath-bheothachadh air seann togalaichean - Mion-obair – taobh a-staigh togalaichean - Togalaichean comharraichte - a-muigh/ceangail ri far a bheil e stèidhte - Cothroman caillte - An togalach as fheàrr air a’ Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan - An cleachdadh as fheàrr a rinnear à fiodh Tha an sgeama a-nis dùinte do thagraidhean agus gheibhear barrachd fiosrachaidh aig www.highlandarchitects.org | |

