Aghaidh Ùr Ceòl Roc Ceilteach
09 An t-Ògmhios 2008

Bho Eilean Leòdhais, ‘s e Sunrise not Secular an còmhlan ùr as fheàrr a th’ air nochdadh ann an saoghal Roc Cheiltich. Tha an còmhlan aithnichte gu h-ionadail airson an ciùil a tha sònraichte Ceilteach, a’ coimeasgadh sgrìobhadh Gàidhlig is Beurla lem fuaim shònraichte fhèin. Tha iad mu thràth air an ainm a chur air a’ mhap le bhith a’ toirt taic dha còmhlain eadar-nàiseanta leithid Runrig agus Sawdoctors agus le bhith a’ nochdadh air a’ prògram Ghàidhlig, Rapal. Tha iad a-nis a’ foillseachadh a’ chiad EP aca – “Toiseach an Turais” aig prìomh ghige ann an Ionad nan Woodlands nam baile fhèin, Steòrnabhagh, air 26 Ògmhios.

Tha an gige a th’ aca ann an Steòrnabhagh a’ comharrachadh toiseach cuairt an EP aca, a bhios a’ ruith bho 26 Ògmhios – 5 Iuchar, air feadh Alba, a’ cluich anns na h-àiteachan a leanas:

 * An t-Acarsaid, Na Hearadh, Dihaoine 27Ògmhios

 * Taigh-òsta Chàirinis, Uibhist a Tuath, Disathairne, 28 Ògmhios

 * Hootananny's, Inbhir Nis, Diluain 30Ògmhios

 * Cafe Drummond, Obar Dheathain, Dimàirt 1 Iuchar

 * MacGochans, Tobar Mhoire, Muile, Diciadain, 2 Iuchar

 * O Donnell's, an t-Òban, Dihaoine 4 Iuchar

 * Club BA, An Gearastan, Disathairne, 5 Iuchar

An dèidh latha an fhoillseachaidh bidh an EP ri chluinntinn air-loidhne air myspace aca (www.myspace.com/sunrise4) far am faigh thu barrachd fiosrachaidh mun chòmhlan cuideachd. Bidh iad cuideachd a’ luchdachadh suas dà òran bhon EP (“The Revival” (dreach ùr) agus “An Turas”) gu Myspace agus Bebo.

Ainmichte le Gasaet Steòrnabhaigh mar “One of the most determined and committed bands to show their Hebridean faces on the mainland”, tha mòran taic aig Sunrise not Secular, bho coimhearsnachd na Gàidhlig, saoghal a’ chiùil agus bho air feadh Alba. Am measg an luchd-leantainn tha na gaisgich aca fhèin – Runrig. Thuirt Calum Dòmhnallach, beum-chluicheadair is sgrìobhadair bho Runrig: “Tha e math cluinntinn gu bheil dualchas mìorbhaileach rock and roll Gàidhlig Leòdhasach gu math beò ann an guthan brosnachail Sunrise Not Secular. ‘S e gillean òga air turas a th’ annta, le cridheachan làn ciùil agus làn bhàthaichean de dhealasachd.”

Chuir Donna NicRath, Stiùiriche Firefly Productions, a bhios a’ dèiligeadh ri Fèis Blas agus Aly is Phil, cuideachd fàilte air a’ chòmhlan òg gu saoghal a’ chiùil: "Tha e mìorbhaileach a bhith a’ faicinn a’ chòmhlan seo a th’ aig an oir bualaidh gan dearbhadh fhèin ann an dòigh cho cumhachdach is cho fìor nan cànan fhèin – a’ dèanamh na Gàidhlig na pàirt nàdarrach de shaoghal a’ phrìomh chiùil cho-aimsireil.”

Tha Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar, Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, buidheann Round Table Steòrnabhaigh agus Comunn na Gàidhlig a’ toirt taic dha cuairt “Toiseach an Turais” agus dhan EP agus Pròiseact nan Ealan a’ toirt taic seilbhe dhaibh.

Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use