An Sgàilean Ùr
10 An t-Ògmhios 2008

Goirid an dèidh tilleadh bhon chiad-thaisbeanadh aca aig Feis nam Meadhanan Ceilteach ann am Baile na Gailbhinn, sheall na filmeadairean òga bho àrd-sgoiltean A’ Phluic agus Port Rìgh agus Bun-Sgoil Slèite na trì filmichean ùra Gàidhlig aca aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach air 10 Cèitean.

B’ i Morag Stiùbhart (Riochdaire T-bh) agus Chris Young (Riochdaire an fhilm Gàidhlig Seachd: The Inaccessible Pinnacle) a bha air cùl a’ chiad pròiseact mìorbhaileach seo bho An Sgàilean Ùr. Tha iad an dòchas gum brosnaich iad ginealach ùr de fhilmeadairean Gàidhlig le bhith toirt stiùireadh proifeiseanta do sgoilearan ann an bhith a’ riochdachadh nam filmichean aca fhèin. Tha am pròiseact air maoin fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig, Seirbheis nam Meadhanan Ghàidhlig agus Comhairle na Gàidhealtachd.

’S e filmichean còig mionaidean a dh’fhaid ann an Gàidhlig, le fo-thiotalan Beurla a tha ann am Bòb am Bòcan (Slèite), Robo-sgoil (Am Ploc) agus Am Poca Guail (Port Rìgh). Thug gach film dìreach tri làithean gan riochdachadh, aon airson an sgriobt agus airson deasachadh, aon airson filmeadh agus aon airson riochdachadh. Bha na sgoilearan, eadar 10 agus 12 bliadhna a dh’aois air an stiùireadh le sgioba bheag de daoine proifeiseanta ach ’s e iad fhèin a bha an urra ris gach pàirt: sgeul-bòrd, sgeulachd, sgriobt, actaran, filmeadh, stiùireadh, deasachadh...bha iad eadhon a’ sgrìobhadh agus a’ clàradh an fhuaim aca fhèin.

Tha inbhe na h-obrach air leth drùidhteach, ‘s iad a’ cleachdadh nithean mac-meanmnach ann an dòigh shònraichte, fìor dheagh actadh ann an àitean, sgrìobhadh dealbh agus trì sgeulachdan matha, làidir. Tha draoidheachd, cunnart agus bòcain a tha feumach air cuideachadh air turas-sgoile ann am Bòb am Bòcan. Ann an Robo-sgoil tha dà maor-lorgaidh gaisgeil a’ cumail an luchd-amais ann an teagamh fhad ‘s a tha iad a’ feuchainn ri buadhachadh an aghaidh neach-cùraim-sgoile olc; agus tha na tachartasan aig Penny ann Am Poca Guail dol a chur gàire air aghaidh a h-uile duine.

An dèidh an t-seallaidh, bha seisean cheistean ann airson nam filmeadairean òga far an robh iad a’ sealltainn an aon seòrsa fileantas ’s a sheall iad ann an obair nam filmichean. Ma ’s e seo an inbhe a dh’fhaodas sinn a bhith sùileachadh bho An Sgàilean Ùr, bidh suidheachadh filmichean Gàidhlig san sgìre seo gu math soirbheachail san àm ri teachd.

Tha na filmichean rim faotainn air DVD agus tha iad mar-thà air a bhith air an reic gu BBC Alba agus gu Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig - ’s dòcha gum bi na daoine òga seo ainmeil san àm ri teachd!

 

Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use