Cèilidhean Air Chuairt sna h-Eileanean An Iar
10 An t-Ògmhios 2008

Am bliadhna, tha Fèis Eilean an Fhraoich air taic-airgid fhaotainn airson sreath chuirmean-chiùil a chuir air dòigh air feadh nan Eilean Siar ann an co-bhonn le Fèisean eile san sgìre. 'S e prìomh amas a' phròiseict cothrom a thoirt do dhaoine òga na sgìre na tàlantan ciùil aca a thaisbeanadh agus na sgilean taisbeanaidh aca a leasachadh agus iad ag obair airson greis mar luchd-ciùil 'proifeiseanta'. 

Am bliadhna bidh ochdnar a’ gabhail pàirt anns a’ phròiseact ùr a tha seo far am bidh aca ri fuinn agus òrain Ghàidhlig ullachadh airson sreath de thaisbeanaidhean a mhaireas dà sheachdain aig toiseachd an Lùnastal. Mar phàirt den trèanadh aca gheibh am buidheann stiùireadh proifeiseanta bho sàr luchd-ciùil na Gàidhealtachd aig Fèis Alba a bhios a’ gabhail àite aig deireadh na mìos. Bidh ceithir còmhlain an làthair aig an Fhèis a gheibh trèanadh sonraichte ann an iomadh cuspair leithid; sgilean PA, modhan stèidse, obair-bhuidhne, ceòl airson dannsa, sgilean conaltraidh agus cùram ionnstramaidean. Thuirt co-òrdanaiche a’ phròiseict Rhona NicIain, “Leis na tha ann de chothroman leasachaidh aig Feis Alba tha sinn a’ sùileachadh gum bi iad ullaichte airson a’ Chuairt a bhios a' gabhail àite o cheann gu ceann na h-Eileanan an Iar. ’S e deagh chothrom a tha seo dhaibh adhartas a dhèanamh mar luchd-ciùil agus sealladh fhaighinn air an obair a tha an sàs ann a bhith a’ cur cuairt mar seo air bhonn.  

Chaidh a’ bhuidheann a thaghadh an dèidh dhaibh deuchainnean-chluiche a fhrithealadh a bha air an cumail ann an Uibhist a Deas agus Steòrnabhagh aig toiseachd a’ Ghiblean. ’S e buidheann air leth comasach a thàinig às le gach cluicheadair sgileil ann an co-dhiù dà ionnstramaid. Chithear as an dealbh fìdhlearan Eilidh NicLeòid, Màiri Gille Pheadair agus Anna Nic Ille Dhuibh a bhuineas dha na h-eileanan mu dheis. Chithear cuideachd as an dealbh Sine Hepburn air an fihdheall, Iain MacGillEathain air a’ bhogsa, Alanna NicCuaig air a’ bhogsa, Catriona NicAoidh air an giotàr agus Raonaid Chaimbeul air an fhidheall a riochdachadh diofar sgìrean ann an Leòdhas. ’S e Ruitheam an t-ainm a bhios air a’ chòmhlain am bliadhna.

Thairis air na seachdainean a chaidh seachad tha Rhona air a bhith trang ag ullachadh airson a’ chuairt. Tha i air a bhith a’ sireadh làraichean aig am biodh ùidh pàirt a ghabhail anns a' phròiseict seo son cothrom cluiche a thoirt dhan a’ bhuidheann. Aig an ire seo tha i a’ deisealachadh clàr ach tha i fhathast airson cluinntinn bho dhuine sam bi a tha den bheachd gun urrainn dhaibh taic a thoirt dhan a’ phròiseict air neo cothrom chluiche a' thabhann. Dh’ fhaodar an tachartas a bhith ann an iomadh dreach leithid Cèilidh, seisean, cuirm-ciùil air neo còmhlain-thaic. Le bhith a' cur taic ris a’ phròiseact seo gheibh na cluicheadairean cothrom an cuid sgilean a chuir gu feum agus ceòl beò a thabhann dha muinntir a’ choimhearsnachd agus luchd-turais na sgìre.

Tha a’ phròiseict air a maoineachadh le Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Ealain na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean agus Fèisean nan Gàidheal agus bu mhath leinn taing mhòr a thoirt dhaibh airson ur taic.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun chuairt bho Rhona NicIain, co-òrdanaiche a’ phròiseict air 01851 830 796 air neo rhona@willowcroft52.wanadoo.co.uk

Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use