Bòrd Na Gàidhlig Ag Ainmeachadh Maoineachaidh Airson Nam Buidhnean Gàidhlig
13 An t-Ògmhios 2008

Tha Bòrd na Gàidhlig air ainmeachadh an taic-airgid a thathas a’ dol a thoirt dha na buidhnean Gàidhlig airson an cànan agus an cultar a leasachadh.

Gu h-iomlan tha £1.5 millean gu bhith air a roinn a-mach eadar 12 buidheann airson farsaingeachd de phròiseactan bho fhoghlam Gàidhlig ro-sgoile, a’ leasachadh a’ chànain tro cheòl gu trèanadh airson luchd-obrach a tha an sàs ann an turasachd.

Thuirt Ministear na Gàidhlig, Linda Fabiani:

“Tha na buidhnean Gàidhlig a’ cluich pàirt riatanach ann a bhith ag adhartachadh na Gàidhlig an Alba. Tha mi gu tric a’ tighinn tarsainn air an cuid obrach agus tha e a’ cur iongnadh orm cho dealasach ‘s a tha iad agus an raon fharsaing sa bheil iad an sàs, agus tha e da rìribh iomchaidh gun tèid maoin mar seo a chur ris an obair leantainneach aca. 

“Tha a’ Ghàidhlig na pàirt riatanach de ar dualchas agus de ar beatha chultarail san là an-diugh agus tha Riaghaltas na h-Alba dealasach a chum a bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi a’ Ghàidhlig làidir agus seasmhach san àm ri teachd.” 

Thuirt Coinneach Moireach, Àrd-oifigear Bhòrd na Gàidhlig:

“Tha am maoineachadh seo a’ sealltainn gu bheileas mothachail air an t-sàr obair a tha ar buidhnean com-pàirteachais a’ dèanamh gus a’ chànan a mheudachadh.

“Tha sinn uile a’ dol a dh’obrachadh còmhla gu daingeann a dh’ionnsaigh prìomh amasan Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus cuideachd gu ruige nam builean a chaidh aontachadh.  ’S e ar dealas gun tig buannachdan agus atharrachaidhean a bhios feumail dha luchd-labhairt na Gàidhlig, coimhearsnachdan agus buidhnean air feadh na h-Alba.

“Thèid an t-airgead seo a chleachdadh gus na h-amasan sin a choileanadh agus tha sinne aig a’ Bhòrd a’ coimhead air adhart ri bhith ag obrachadh còmhla ri ar co-obraichean anns na buidhnean Gàidhlig agus ri feadhainn eile anns na mìosan a tha romhainn.”

’S iad seo na buidhnean a tha gu bhith air am maoineachadh:

Buidheann

Taic-airgead Giblean 2008-Màrt 2009

Comhairle nan Sgoiltean Àraich

£153,000

Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig

£257,000

Ionad Chaluim Chille Ìle

£65,000

An Lòchran

£30,600

Comunn na Gàidhlig

£350,000

An Comunn Gàidhealach

£113,000

Clì Gàidhlig

£110,000

Pròiseact nan Ealan

£140,000

Colaisde a' Chaisteil

£50,000

Fèisean nan Gàidheal

£80,000

Comhairle nan Leabhraichean

£95,000

Acair

£60,000

 

IOMLAN

 

£1,503,600

Thuirt Eardsaidh MacIlleathain, Àrd-oifigear Chomunn na Gàidhlig:

“Tha Comunn na Gàidhlig a’ cur fàilte air an naidheachd gu bheil am Bòrd ag ainmeachadh a’ mhaoineachaidh airson 2008-09 agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair gu dlùth ris a’ Bhòrd gus cuid dhe na h-amasan anns a’ Phlana Nàiseanta a choileanadh.

“Tha na beagan bhliadhnaichean air thoiseach gu bhith gu math riatanach ann a bhith dèanamh cinnteach gum bi an cànan maireannach agus gun tèid a leasachadh ach tha sinn misneachail gun urrainnear stad a chur air a’ chrìonadh ann an àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig a tha sinn air fhaicinn bho chionn ghoirid agus gun gabh car a chur dhan chùis. Tha sinn a’ toirt taing dhan Bhòrd agus dhan Riaghaltas airson an taic a tha iad a’ toirt do Chomunn na Gàidhlig, agus an dealas leantainneach a th’ aca dhan chànan.”

Thuirt Magaidh Wentworth, Oifigear Nàiseanta Phàrantan, Chomann nam Pàrant:

“Tha meudachadh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig na phrìomhachas ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus bheir an taic-airgid seo do Chomunn nam Pàrant, a tha sinn a’ faighinn tro Chomunn na Gàidhlig, cothrom dhuinn co-obrachadh leis a’ Bhòrd gus ur prìomh amas a choileanadh: ’s e sin adhartas a dhèanamh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

“Leis a’ mhaoineachas seo nì sinn adhartas nar n-obair anns a’ bhuidheann agus a dh’ionnsaigh prìomhachasan Chomunn nam Pàrant; ’s iad sin: a’ togail aire mu fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus meudachadh nan àireamhan a tha dol a-steach gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha sinn a’ dèanamh sin tro bhith ag obair le buidhnean de phàrantan. Cuideachd tha sinn a’ toirt taic do phàrantan agus a’ lorg chothroman airson adhartas a dhèanamh gus sgoiltean Ghàidhlig fa-leth a chruthachadh agus barrachd adhartais a dhèanamh ann am foghlam aig ìre àrd-sgoile.”

Thuirt Dòmhnall Iain Mac an t-Saoir, Stiùiriche Chlì:

“Tha Clì Gàidhlig a’ coimhead às dèidh feumalachdan inbhich a tha airson a’ Ghàidhlig ionnsachadh. Tha sinn mar bhuidheann air leth toilichte an taic-airgid a tha seo fhaighinn a leigeas dhuinn ar seirbheisean a leasachadh agus a leudachadh.

“Tha e a’ toirt togail dhuinn gu bheil Bòrd na Gàidhlig ag aithneachadh na lèirsinn a th’ aig Clì Gàidhlig airson ionnsachadh inbhich anns an àm ri teachd agus mar a tha sin ga nochdadh anns an taic-airgid a tha sinn a’ faighinn.

Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use