Tuilleadh Taic Maoineachaidh Dha Na Planaichean Gàidhlig
20 An t-Ògmhios 2008

Tha Bòrd na Gàidhlig a-rithist a’ sireadh iarrtasan don mhaoin airson buidhnean poblach a chuideachadh ann a bhith a’ cur an gnìomh pròiseactan Gàidhlig.

Bheir £1.4 millean bho Mhaoin Buileachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF) cuideachadh do bhuidhnean raon farsaing de ghnìomhachdan a sholarachadh ann an Gàidhlig; bho chùrsaichean Gàidhlig dha luchd-obrach gu nochdadh fhoillseachaidhean ann an Gàidhlig cho math ri Beurla.

Seo an trìtheamh bliadhna a tha GLAIF air a bhith san obair. Thairis air an dà bhliadhna a chaidh seachad chuir 18 de bhuidhnean poblach tagraidhean soirbheachail a-steach gun mhaoin airson raon de phròiseactan.

Thuirt Ministear na Gàidhlig, Linda Fabiani:

“S e maoineachadh chudromach airson leasachadh na Gàidhlig a tha seo.  Tha mi fìor thoilichte gum b’ urrainn do Riaghaltas na h-Alba a’ mhaoin seo a ghlèidheadh fad teirm an Sgrùdadh air Cosg.  Tha sinn air gealltainn cùl-taic a chur ri Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 a chur an gnìomh agus tha sinn ag aithneachadh gu bheil comas sònraichte aig planaichean Gàidhlig gus inbhe na Gàidhlig a thogail agus cleachdadh a’ chànain a bhrosnachadh air feadh Alba. Tha na h-Ùghdarrasan Ionadail againn agus buidhnean poblach deatamach gus seasmhachd a thoirt don Ghàidhlig ann an Alba airson an àm ri teachd agus tha a’ mhaoin seo a’ toirt cothruim do Bhòrd na Gàidhlig taic chudromach a thabhann dhaibh airson pròiseactan àraid.”

Fo Achd na Gàidhlig (Alba) tha cumhachdan reachdail aig a’ Bhòrd gus iarraidh air buidhnean poblach Planaichean ullachadh airson an seirbhisean a bhith rim faotainn ann an Gàidhlig. Dh’fhoillsich Comhairle na Gàidhealtachd a’ chiad Phlana sa Chèitean le còig eile a’ leantainn air an sin bho Phàrlamaid na h-Alba, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Comhairle nan Eilean Siar, Iomairt na Gàidhealtachd `s nan Eilean agus Riaghaltas na h-Alba sa chiad àireamh de bhuidhnean poblach air an robh ìmpidh am planaichean a thoirt gu buil.

Thèid an ath sia buidhnean a gheibh fios foirmeil bhon Bhòrd gus am Planaichean ullachadh ainmeachadh an ath sheachdain.

Thuirt Coinneach Moireach, Àrd-oifigear Bòrd na Gàidhlig:

“Is e uidheam cudromach a th’ anns a’ mhaoin seo gus buidhnean poblach a chuideachadh ann am Planaichean Gàidhlig a thoirt gu buil. 

“Cuidichidh e le follaiseachadh na Gàidhlig a neartachadh agus meudaichidh e air seirbhisean Gàidhlig a dhèanamh nas fhasa am faotainn sa bheatha phoblach ann an Alba.

“Tha sinn sàsaichte leis an adhartas a tha sinn air a dhèanamh gu ruige seo leis na Planaichean agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri obair gu dlùth ann an compàirteachas leis na buidhnean uile a tha a’ cur romhpa an cànan a chur gu fàs.”

Tha GLAIF sa chiad àite ann mar mheadhan air taic a chur ris na Planaichean Gàidhlig a thoirt gu buil a tha air an deasachadh leis na h-ùghdarrasan poblach fo fhrèam Achd na Gàidhlig  (Alba) 2005. Bidh a’ mhaoin air a cleachdadh airson taic a chur ri tionnsgnaidhean a leasaicheas comas nam buidhnean poblach gus am Planaichean Gàidhlig a lìbhrigeadh, agus cuidichidh e le raon de dh’obraichean ann an Gàidhlig; gach nì bho ionnsachadh cànain dhan luchd-obrach gu seirbhisean eadar-theangachaidh.

Faodaidh buidhnean a tha airson tagradh maoineachaidh a chur a-steach na foirmean riatanach fhaighinn air an làrach-lìn aig  

http://www.bord-na-gaidhlig.org.uk/planaichean-gaidhlig.html

no le fios a chur gu:

GLAIF

Bòrd na Gàidhlig

Taigh an Daraich

Pàirc Gnothachais Fèith nan Clach

Inbhir Nis

IV2 7PA

Fòn: 01463 225 454

Post-d: oifis@bord-na-gaidhlig.org.uk

 

 

Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use