| Feum air beachdan ura a thaobh fàs ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig | |
| 23 An t-Ògmhios 2008
Bu chòir an cothrom a thoirt dha barrachd luchd-teagaisg an cànan Gàidhlig a theagasg ann an sgoiltean na h-Alba a rèir Cathraiche Bòrd na Gàidhlig, Mata MacÌomhair CBE. Bha Mgr MacÌomhair, a tha cuideachd na Àrd-oifigear air Comhairle Teagaisg Coitcheann na h-Alba, a’ bruidhinn aig co-labhairt Luchd Ionnsachaidh sa Bhun-sgoil (GLPS) ann an Oilthigh Shruighle. Thuirt Mgr MacÌomhair: “Chan eil maireannachd na Gàidhlig tuilleadh ann an eisimeil an fhileantaich; tha e cuideachd an urra ris an neach-ionnsachaidh. Tha e mar fhiachaibh air Bòrd na Gàidhlig àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig a mheudachadh agus bidh mòran den mheudachadh sin an crochadh air mar a bhrosnaicheas agus mar a bheir sinn taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, agus a’ leantainn air a’ bheachd sin, tha mise a’ faicinn GLPS anabarrach cudromach ann an ath-bheòthachadh a’ chànain. “Bu mhath leam gnè clàraidh ùr fhaicinn dha luchd-teagaisg a tha ag ionnsachadh air Gàidhlig a theagasg – gnè a bheir cead dhaibh an cànan a theagasg dha luchd-ionnsachadh ann am Bun-sgoiltean agus ann an Àrd-sgoiltean. “Bheir seo comas dha luchd-teagaisg aig a bheil ùidh sa chànan a bhith air an trèanadh gus an cànan a thoirt seachad dha na sgoilearan aca a tha cuideachd airson faotainn beag no mòr tuigse sa Ghàidhlig.” Chùm Mgr MacÌomhair air ag ràdh: “Tha GLPS a’ tairgsinn dòigh a tha ùr-ghnàthach, cruthachail agus mac-meanmainneach air Gàidhlig fhosgladh a-mach dha barrachd luchd-teagaisg agus dha barrachd sgoilearan. Tha mi a’ faicinn GLPS mar chùrsa aig a bheil comas fìor mhòr a thaobh fo-cheumnaichean cho math ri luchd-teagaisg, agus tha mi a’ creidsinn gu bheil aig na h-ùghdarrasan ionadail agus aig na h-oilthighean a-nis ri tòiseachadh a’ conaltradh ann an doimhneachd mu dheidhinn leasachadh GLPS san àm ri teachd.” Thuirt Maureen Watt BPA, Ministear airson Sgoiltean agus Sgilean: “Tha àite riatanach aig a’ Ghàidhlig ann an cultar na h-Alba agus tha Riaghaltas na h-Alba a’ cur cùl-taic ri leasachaidhean airson maireannachd na Gàidhlig. Tha luchd-ionnsachaidh fìor chudromach do sheasmhachd a' chànain, agus tha mi toilichte gu bheil cothrom aig an òigridh an cànan ionnsachadh agus a chleachdadh bho aois òg anns a' bhun-sgoil. "Tha GLPS na thaic luachmhor dha na h-oidhirpean againn a' Ghàidhlig a dhìon agus tha mi an dòchas gu smaoinich barrachd luchd-teagaisg mu dheidhinn a dhol an sàs ann an solarachadh GLPS, agus ri linn sin, gum bi barrachd chothroman aig an òigridh buannachadh bho ionnsachadh a’ chànan aig ìre thràth san fhoghlam aca.” Cuideachd a’ labhairt ris na teachdairean aig a’ cho-labhairt bha Manaidsear Foghlaim Bòrd na Gàidhlig, Rosemary Nic a’ Bhàird, a thuirt: “Tha dìoghras agus dealas luchd-teagaisg GLPS a tha an làthair an seo an-diugh airidh air moladh. Tha iad air roghnachadh pàirt a ghabhail ann am prògram ionnsachaidh gus am bi iad comasach air togradh agus brosnachadh a thoirt do chloinn ann an sgoiltean air feadh Alba gus Gàidhlig ionnsachadh agus luach a chur air ar dualchas saidhbhir cultarach. “Tha fianais gun choimeas air a thoirt dhuinn den dòigh-obrach as fheàrr a thaobh teagasg cànain agus mholainn do mo cho-obraichean nuadh-chànain coimhead ri foghlam Gàidhlig airson na h-eisimpleirean as ùire ann an cleachdadh Teicneòlas Fiosrachaidh agus Conaltraidh gus taic a chur ri foghlam nan sgoilearan. “Feumaidh sinn a-nis obrachadh còmhla ri ùghdarrasan ionadail gus an t-iarrtas a thaobh solar GLPS ann an sgoiltean na h-Alba a choileanadh agus cur ris an àireamh luchd-teagaisg le trèanadh agus teisteanas freagarrach a bhiodh comasach air solar GLPS a liubhairt .”
| |

