| Tuilleadh bhuidhnean poblach ri planaichean Gàidhlig ullachadh agus dà phlana ùr air an cur air bhog | |
| 27 An t-Ògmhios 2008
Tha Bòrd na Gàidhlig air fios a chur gu sia buidhnean poblach eile am Planaichean Gàidhlig ullachadh. Chaidh sin ainmeachadh ann am Pàrlamaid na h-Alba le Ministear na Gàidhlig, Linda Fabiani. Tha an naidheachd a’ tighinn agus Comhairle nan Eilean Siar is Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a’ cur air bhog am Planaichean Gàidhlig air an ùr aontachadh. Is iad na sia buidhnean a tha ri Planaichean ullachadh:
Ann am freagairt PQ, thuirt Linda Fabiani, Ministear na Gàidhlig: “Tha Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 a’ toirt cumhachd dha Bòrd na Gàidhlig ìmpidh a chur air ùghdarrasan poblach na h-Alba planaichean Gàidhlig ullachadh, a sheallas na nì iad ann a bhith a’ cur taic ri cleachdadh na Gàidhlig ann an lìbhrigeadh nam prìomh sheirbhisean aca. “Tha Bòrd na Gàidhlig air a bhith ann an deasbad le grunn ùghdarrasan poblach a thaobh ullachadh Phlanaichean Gàidhlig agus an-diugh fhèin lìbhrig am Bòrd brath reachdail gu sia ùghdarrasan poblach, a’ cur ìmpidh orra Planaichean Gàidhlig ullachadh. “Tha mi cinnteach às gum bi na planaichean sin mar mheadhan air inbhe na Gàidhlig a thogail agus cleachdadh na Gàidhlig adhartachadh air feadh Alba. A thuilleadh air an sin, tha grunn de dh’ùghdarrasan eile ann an Alba air tòiseachadh ag ullachadh phlanaichean Gàidhlig air thoiseach air brath reachdail fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig.” Tha cumhachd aig Bòrd na Gàidhlig brath foirmeil fo Earrann 3 de Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 a thoirt dha ùghdarrasan poblach, ag àithne dhaibh Planaichean Gàidhlig ullachadh agus a chur a-steach an taobh a-staigh ama ris an deach aontachadh. Thuirt Coinneach Moireach, Àrd-oifigear a’ Bhùird: “Tha Planaichean Gàidhlig a’ taisbeanadh rùintean Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus tha e a’ ciallachadh gum bi cothrom aig fileantaich agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air cuid de sheirbhisean poblach nas trice sa chànan, a chuidicheas le dèanamh cinnteach gu bheil Gàidhlig nas fhollaisiche ann an obraichean an ùghdarrais. Tha Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air Planaichean a thoirt gu buil a dh’obraicheas gus an amas seo a choileanadh. “Tha e cudromach cuimhneachadh nach eil Planaichean Gàidhlig mu dheidhinn a bhith a’ sparradh Gàidhlig air buidhnean no air daoine, tha iad mu dheidhinn cuideachadh chan ann mu dheidhinn ceannsachadh. Tha am Bòrd, agus na buidhnean leis a bheil sinn ag obair ann an compàirteachas, geur air barrachd chothroman a chruthachadh dha luchd labhairt na Gàidhlig agus dhaibhsan aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig, gus an cànan a chleachdadh ann an uimhir de shuidheachaidhean làitheil `s a ghabhas.” Is e Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid an dà bhuidheann poblach a tha a’ cur am Planaichean Gàidhlig air bhog an-diugh. Thuirt Agnes Rennie, Cathraiche Comataidh Buileachaidh Plana Gàidhlig a’ Chomhairle: “Chuir Bòrd na Gàidhlig aonta ri Plana Gàidhlig Chomhairle nan Eilean Siar san Ògmhios agus gluaisidh a’ Chomhairle a-nis gu ìre buileachaidh a’ phlana, ag obair le buidhnean Gàidhlig agus leis a’ choimhearsnachd sna h-Eileanan an Iar gus an cànan ath-bheothachadh aig fìor chridhe na Gàidhealtachd. “Bho chaidh a’ Chomhairle a stèidheachadh ann an 1975/76, tha i air a bhith ag adhartachadh na Gàidhlig ann an grunn dhòighean agus cumaidh i a’ cur ri feallsanachd Ghàidhlig na Comhairle aig a h-uile cothrom. Tha comataidhean na Comhairle uile, a’ gabhail a-steach choinneamhan den làn chomhairle, air an stiùireadh ann an Gàidhlig, suidheachadh a tha gun choimeas air feadh an t-saoghail. “Tha Comhairle nan Eilean Siar air a bhith glè thaiceil dha Bòrd na Gaidhlig agus cumaidh a’ Chomhairle ag obair gu dlùth leis a’ Bhòrd sna h-amannan brosnachail a tha ri teachd dhan chànan.” Thuirt an Comhairliche Dick Walsh, Stiùiriche Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid: “Tha aithne agus leasachadh agus taic dhan chànan Ghàidhlig air a bhith na phrìomhachas aig a’ Chomhairle airson mòran bhliadhnaichean. Tha an cànan agus an cultar Gàidhlig air a bhith fillte a-steach dhan dualchas, eaconamaidh agus foghlam ann an Earra-Ghàidheal is Bòid. Gu h-eachdraidheil, is e Earra-Ghàidheal is Bòid cridhe a’ chànain Ghàidhlig agus bha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail air a chumail san Òban airson a’ chiad uair ann an 1892. “Tha foghlam Gàidhlig gu h-àraid làidir ann an Earra-Ghàidheal is Bòid. Tha aonadan foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig agus Gàidhlig mar dharna cànan a’ gabhail àite mar-thà anns na h-Àrd-sgoiltean ann an Tobar Mhoire, an t-Òban, Tiriodh agus Ìle cho math ri bun-sgoiltean ann am Bogha Mòr, Tiriodh, An t-Sàilean, sgoil Naoimh Cholm Chille, Taigh a’ Chladaich agus Srath na h-Apainn. “Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a’ cur romhpa togail air tlachd làithreach na Gàidhlig agus cleachdadh a’ chànan ath-stèidheachadh air feadh Earra-Ghàidheal is Bòid. Tha sinn a-riamh air a bhith a’ toirt taic dha àrdachadh na Gàidhlig agus tha sinn an-còmhnaidh a’ coimhead ri dòighean gus daoine a bhrosnachadh gu cleachdadh ar cànan nàiseanta le bhith a’ leudachadh air an raon de sheirbhisean agus de ghoireasan a tha rim faotainn.” Chuir Comhairle na Gàidhealtachd am Plana air bhog o chionn ghoirid agus tha feadhainn eile a’ tighinn bho Phàrlamaid na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd `s nan Eilean agus Riaghaltas na h-Alba. Is e Bòrd na Gàidhlig am Buidheann Leasachaidh Gàidhlig reachdail, a chaidh a stèidheachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 gus Gàidhlig adhartachadh an dà chuid ann an Alba agus thall thairis. Tha briathran labhairt bho na sia buidhnean air an deach iarraidh planaichean ullachadh gu h-ìosal.
“Is e onair a th’ ann dha UHI a bhith mar a’ chiad Ionad Foghlaim Àrd Ìre ann an Alba air an deach ìmpidh bhon Bhòrd Plana Gàidhlig a thoirt gu buil. “Tha sinn den bheachd gu bheil seo a’ sealltainn a’ chudromachd ro-innleachdail a tha aig dreuchd UHI ann an ath-bheothachadh a’ chànain, chan ann a-mhàin san sgìre againn fhìn ach gu nàiseanta, agus ag aithneachadh gun neartaich taic dhan chànan beathalachd eaconamach is cultarach ar coimhearsnachdan. “Tha sinn mothachail dhan chudromachd a tha am Bòrd a’ cur air foghlam mar mheadhan air neartachadh a’ chànain agus a’ phrìomh dhreuchd a th’ againn ann an teis meadhain seo, mar an aon ionad ionnsachaidh is teagaisg a chaidh a chur an lùib an dàrna àireamh de bhuidhnean air an deach iarraidh planaichean ullachadh.” · Thuirt Iain Kemp, Stiùiriche Eadar-ama air Poileasaidh Ionnsachaidh is Ro-innleachd, Comhairle Maoineachaidh na h-Alba: “Tha Comhairle Maoineachaidh na h-Alba a’ coimhead air adhart ri ullachadh a’ Phlana Gàidhlig. Tha sinn air a bhith ag obair gu dlùth airson greis le Bòrd na Gàidhlig ann an leasachadh ar taic dhan chànan Ghàidhlig agus bidh am plana na chothrom dhuinn seo a thoirt còmhla ann an dòigh ro-innleachdail.” · Thuirt neach-labhairt dha Ionnsachadh is Teagaisg Alba: “Tha LTS a’ cur romhpa taic a chur ri leasachadh a’ chànain is a’ chultair Ghàidhlig ann an Alba agus tha sinn air leth toilichte a bhith san dàrna àireamh de bhuidhnean poblach gus am Plana Gàidhlig a leasachadh. “An-uiridh dh’fhoillsich sinn tachartasan agus toraidhean ann an Gàidhlig dha clann agus òigridh mar phàirt den Churraicealam airson Sàr-mhaitheas, agus cuideachd tha àite Gàidhlig Air-loidhne a dh’aon ghnothaich againn air an làrach-lìn againn gus taic a thoirt dha luchd-teagaisg agus luchd-ionnsachaidh air feadh Alba, a’ dèanamh cinnteach gu bheil sinn ann an deagh shuidheachadh gus seo a leasachadh nas motha tron churraicealam. “Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ris gach neach a tha an lùib foghlam ann an Alba gus ar Plana Gàidhlig a thoirt air adhart agus gus mothachadh den chànan `s den chultar àrdachadh.” · Thuirt Frank Crawford, Prìomh Neach-sgrùdaidh, HMIE: “Tha HMIE gu mòr fo ghealltainn Plana Gàidhlig a chur an gnìomh. Tha sinn a’ faicinn seo mar chothrom air cuideachadh le cleachdadh a’ chànain Ghàidhlig a leasachadh agus a leudachadh, fiù nas fharsainge na thathar an dùil aig an àm seo.” · Thuirt an Comhairliche Deidre Brock, Neach-gairm Cultar is Chur-seachadan ann an Comhairle Bhaile Dhùn Èideann: “Tha Gàidhlig na cànan gun choimeas, na pàirt chudromach de chultar na h-Alba agus na maoin eaconamach a tha a’ sìor fhàs luachmhor. Mar phrìomh bhaile na nàisein, tha uallach laghail agus fiù moralta òirnn a’ mhaoin seo a dhìon. Tha an còigeamh àireamh as motha de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Dùn Èideann, a-mach às na h-ùghdarrasan ionadail uile ann an Alba.” · Thuirt Marilyn Waters, Oifigear Teisteanais, Urras Theisteanais Nàiseanta: "Tha Ùghdarras Teisteanais na h-Alba a’ cur fàilte air a’ chothrom seo gus togail air na gnìomhachdan cànain Gàidhlig a th’ ann mar-thà oir tha obair ullachaidh airson Plana Cànain Gàidhlig dha Ùghdarras Theisteanais na h-Alba air a bhith air shiubhal airson faisg air bliadhna. Tha teisteanasan na Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) agus Gàidhlig fhèin air a bhith air an tairgsinn ann an ionadan thairis air iomadh bliadhna, a thuilleadh air a bhith a’ solarachadh àireamh de dheuchainnean cuspaireil tro mheadhan na Gàidhlig. Leis an sin agus leasachaidhean eile san amharc tha SQA a’ coimhead air adhart ris na buannachdan a bheir Plana Cànain Gàidhlig làn-stèidhte gun bhuidheann agus gu na compàirtichean eile aig a bheil seilbh ann."
| |

