Soirbheachas airson Oileanaich Ghàidhlig
01 An t-Iuchar 2008

Tha 14 oileanaich air crìoch a chuir air Pàirt 1 de Chùrsa Gàidhlig Ùlpan aig Colaisde a’ Chaisteil an t-seachdain sa. Tha a chùrsa, air a dhealbhachadh le Deiseal Earranta, stèidhichte air modal na Cuimrigh, a cleachdadh dòighean ùra cànan ionnsachadh gus oileanaich a thoirt gu fileantas ann an Gàidhlig. Chuir Comhairle nan Eilean Siar taic ri cùrsa Ùlpan le taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig.

Tòisichidh Pàirt 2 den chùrsa san Lùnastal agus bith Pàirt 1 ri fhaotainn do dh’oileanaich ùra.

Thubhairt Iar-Chathraiche Comataidh Buileachaidh Plana Cànain, Comataidh Gàidhlig na Comhairle, Coinneach MacIomhair, “’S e sgeulachd fìor mhath a th’ ann an iomairt Ùlpan agus tha sinn an dòchas gun gabh barrachd luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig pàirt sa chùrsa gus am bith iad fileanta sa chànan.”

Thubairt aon de na h-oileanaich a chuir crìoch air a’ chùrsa, Iain MacIlleathain, às an Rubha: “Tha mise an dè bhith feuchainn ri Gàidhlig ionnsachadh airson bliadhnaichean agus tha Ùlpan uabhasach freagarrach do dhaoine san t-suidheachadh agamsa. Tha e a cuir iognadh ormsa cho luath sa thàinig piseach air a’ Ghàidhlig agam.”

Thubhairt Daibhidh Green, Prionnsapal na Colaisde: “’se seo fìor eisimpleir de cho-obrachadh eadar a’ Chomhairle agus a’ Cholaisde gus freagairt aon de na prìomh amasan ann am Plana Cànan na Comhairle.”

Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use