Dreuchd ùr do Chathraiche Bòrd na Gàidhlig
01 An t-Iuchar 2008

 

Tha Cathraiche Bòrd na Gàidhlig, Mata M MacÌomhair, CBE, a’ fàgail a dhreuchd mar Chathraiche an dèidh dha obair ùr a ghabhail aig Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (UHI). 

Tha Mata, a bhios a’ leigeil dheth a dhreuchd san t-Sultain mar Àrd-oifigear/Neach-clàraidh Comhairle Choitcheann Luchd-teagaisg na h-Alba, air aontachadh dreuchd mar Àrd-ollaimh a ghabhail aig UHI.

Thuirt e:

“’S e fìor chothrom air leth a tha seo dhomh gus cur ri leasachadh na Gàidhlig ann an dòigh tur eadar-dhealaichte. An dèidh mòran cnuasachaidh a dhèanamh a thaobh an t-slighe air adhart nam bheatha phearsanta agus phoblach tha mi air a thighinn chun cho-dhunadh gabhail ris a’ chuireadh a bhith nam àrd-ollaimh ann am Foghlam Gàidhlig. ’S ann tron chothrom ùr a tha seo a bhios mi a’ leantainn orm an sàs sa Ghàidhlig sna bliadhnaichean a tha romham.

 “Agus a thuilleadh air sin, mar a tha Bòrd na Gàidhlig a’ gluasad air adhart a dh’ionnsaigh na h-ath cheum de leasachadh, tha mi dhan bheachd gur e deagh àm a tha seo cothrom a thoirt do Chathraiche ùr am Bòrd a ghluasad air adhart. Tha mi moiteil às an obair a tha am Bòrd air a dhèanamh chun ìre seo mar am buidheann reachdail airson na Gàidhlig ann an Alba agus leanaidh mi orm a’ cumail sùil le mòr ùidh air obair agus air soirbheachas a’ Bhùird.”

Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use