Bòrd na Gàidhlig – An Ath Ìre
01 An t-Iuchar 2008

 

An co-chòrdadh ri dealas Riaghaltas na h-Alba ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi a’ Ghàidhlig seasmhach san àm ri teachd, tha Ministear a’ Chultair Linda Fabiani an-diugh air ainmeachadh dreuchd ùr Leas Chathraiche do Bhòrd na Gàidhlig (BnaG) gus leantainneachd a thoirt do cheannas a’ Bhùird an dèidh do Mhata MacÌomhair ainmeachadh gun robh e a’ leigeil dheth a dhreuchd mar Chathraiche.

An dèidh dha a bhith na cheannard air BnaG on àm a chaidh a steidheachadh, tha Mata MacÌomhair CBE air a dhreuchd a leigeil dheth mar Chathraiche gus a bhith na Àrd-ollaimh aig Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean UHI. Gus dèanamh cinnteach gum bi ceannardas làidir taobh a-staigh a’ bhuidheann phoblaich chudromach seo tha Linda Fabiani air iarraidh air Art MacCarmaig, a tha a cheana air a’ Bhòrd, a bhith na Leas Chathraiche.

Thuirt Ms Fabiani:

“Tha Mata MacIomhair air oidhirp agus spionnadh mòr a chur dhan obair a rinn e às leth Bhòrd na Gàidhlig sna bliadhnaichean on chaidh a stèidheachadh. Tha mi airson moladh an obair a rinn e ann a bhith a’ cur air chois stèidh làidir agus sheasmhach dhan Ghàidhlig san àm ri teachd agus tha mi a’ guidhe gach soirbheachadh dha na dhreuchd ùr aig Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean UHI.

Mar dhearbhadh air cho cudromach ’s a tha an Riaghaltas a’ meas adhartachadh na Gàidhlig, tha mi air Art MacCarmaig a shuidheachadh san dreuchd ùr mar Leas Chathraiche. Tha Art air a bhith gu mòr an sàs ann a bhith a’ brosnachadh atharrachadh agus ceannardas aig Bòrd na Gàidhlig agus tha mi cinnteach gun toir e stiùireadh làidir agus leantaileas don bhuidhinn. Bidh am Bòrd a-nis an sàs ann a bhith a’ taghadh Cathraiche Eadar-amail.

Fhad ‘s a bhithear a’ gluasad air adhart chun ath ìre, tha mi làn chinnteach gun lean Bòrd na Gàidhlig air a’ togail air an adhartas a chaidh a dhèanamh o chionn ghoirid le planaichean Gàidhlig agus gun leasaich e dòigh nas ro-innleachdail gus planaichean glòr-mhiannach an Riaghaltais seo a libhrigeadh. Tha coimhearsnachd na Gàidhlig, mar a tha còir aice agus mar a shùileachamaid a’ sireadh taic làidir gun cheist agus tha Riaghaltas na h-Alba gu dealasach air cùl seasmhachd dhan Gàidhlig san àm ri teachd.”

Tha e mar dhleastanas air Bòrd BnaG Cathraiche Eadar-amail a shuidheachadh airson na buidhne. Bheir seo cothrom Cathraiche ùr a shuidheachadh tron phròiseas àbhaisteach a thaobh a bhith a’ suidheachadh dhaoine ann an dreuchdan poblach a ni cinnteach gum bi farpais fhosgailte agus iomchaidh ann. Leis gach dreuchd poblach fad-ùine, is ann aig na Ministearan a bhios am facal mu dheireadh sa cho-dhunadh.

Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use