Faclair na Gàidhlig - Bunait làidir dhan Gàidhlig
02 An t-Iuchar 2008

An t-seachdain seo tha plana gnìomhachais airson Faclair na Gàidhlig ga chur air bhog. Seo am pròiseact a tha dol a chruthachadh Faclair Eachdraidheil de Ghàidhlig na h-Alba, aon de na prìomh iomairtean ann a bhith a’ cumail cànan is cultar na Gàidhlig beò, is ga leasachadh, san àm ri teachd.

‘S e iomairt adhartach, leantainneach a th’ann am Faclair na Gàidhlig le taic a’ tighinn bho Oilthighean Obar-Dheathain, Dhùn Èideann, Ghlaschu, Shrath-Chluaidh agus Sabhal Mòr Ostaig OGE, com-pàirteachadh a tha a’ toirt bunait làidir dhan phròiseact a tha a’ gabhail a-staigh gach earrainn de sgoilearachd cànan na Gàidhlig.

‘S e prìomh amas a’ phròiseact faclair eachdraidheil de Ghàidhlig na h-Alba a chruthachadh a bhios air a chur ri chèile air na h-aon bhunaitean ri na goireasan tomadach a tha ri fhaotainn airson Gàidhlig is Beurla mar-thà.

Tha Faclair na Gàidhlig aig cridhe prìomh phrionnsapail Plana Nàiseanta na Gàidhlig a dh’fhoillsich Bòrd na Gàidhlig ann an 2007: Togail Cànain, Cleachdadh Cànain, Inbhe Cànain is Corpas Cànain. Tha am pàirt air Corpas Cànain a’ comharrachadh gur e rannsachadh is leasachadh a thaobh faclair eachdraidheil de Ghàidhlig na h-Alba, aon de a phrìomhachasan.

Bidh am faclair a’ freagairt iarrtasan na Gàidhlig anns an 21mh linn le bhith na thùs bhunaiteach do fhaclairean dà-chànanach is aona-chànanach nas lugha agus stuthan ionnsachaidh eile. Le bhith ag aithneachadh nan ceanglaichean eachdraidheil eadar Gàidhlig, Albais is Gaeilge, cuiridh e ri ar n-eòlas air ar dualchas cànanach nàiseanta agus air cho cudromach ‘s a tha Gàidhlig ann an dearbh-aithne cànanach na h-Alba.

Ann a bhith a’ cur fàilte air Plana Gnìomhachais a’ Phròiseact ga chur air bhog an-diugh aig Sabhal Mòr Ostaig, thuirt Linda Fabiani, BPA;

 “Tha mi a’ cur fàilte air a’ Phlana Ghnìomh seo. Tha sinn feumach air pròiseactan ann an caochladh raointean sònraichte gus dèanamh cinnteach gum beartaichear a’ Ghàidhlig sna bliadhnaichean ri teachd. Feumaidh sinn an cànan a neartachadh is a bhrosnachadh agus bidh faclair eachdraidheil na thaic air leth ri linn an amais sin. Bheir e togail don t-saothair chudthromaich ann an raointean eile, a lethid foghlam, na h-ealain is na meadhanan.

Dh’fhoillsich am Prìomh Mhinistear an tuilleadh taice don phròiseict air 11 An Giblean agus tha mi fhèin an dùil gun soirbhich leis a’ phròiseict san àm ri teachd.”  

Ann a bhith a’ cur fàilte air na bha an làthair aig a’ chruinneachadh an-diugh thuirt Boyd Robasdan,

“Bha cruthachadh Faclair na Gàidhlig na amas aig coimhearsnachd na Gàidhlig airson ùine mhòr agus ‘s e pròiseact a th’ann a nì feum do dh’ inbhe na Gàidhlig agus a chuidicheas ann a bhith ga cumail beò. Gheibh Gàidhlig tùs feumail cànanach is cultarach a th’aig mion-chànanan thar na Roinn Eòrpa mar-thà, agus gheibh Alba maoin a bhios a cheart cho luachmhor ri na cruinneachaidhean ealain a tha sna prìomh ghailearaidhean againn.”

Fhad’s a tha am pròiseact bunaiteach a’ tighinn gu crìoch an-dràsta, tha Plana Gnìomhachais Faclair na Gàidhlig a’ dèanamh soilleir gu bheil feum air ro-innleachd maoineachaidh làidir a ni cinnteach gun cùm an iomairt cudromach nàiseanta seo a’ dol. Thigeadh bunait làidir às a’ mhaoineachadh seo a bheir cothrom do dh’Alba inbhe a’ chànain a ghleidheadh agus taic a thoirt do dh’àrdachadh ann an cleachdadh na Gàidhlig anns na coimhearsnachdan, sgoiltean, ionadan is buidhnean foghlam adhartach is àrd-ìre, na dachaighean is na h-ionadan-obrach againn.

Thuirt Coinneach Moireach, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig

“ ‘S e iomairt chudromach a tha seo a nì mòran airson leasachadh na Gàidhlig.

Tha Bòrd na Gàidhlig air taic a chur ri Faclair na Gàidhlig airson iomadach bliadhna agus tha am pròiseact a’ cur taic ris an amas aig Plana Nàiseanta na Gàidhlig a bhith ag àrdachadh na tha ga bruidhinn air feadh Alba. Nì am pròiseact mìorbhaileach seo mòran feum dhan chànan agus tha sinn fìor thoilichte ar taic leantainneach a thairgsinn.”

Thuirt Donnie Munro, Stiùiriche Leasachaidh aig Sabhal Mòr Ostaig;

“Tha Sabhal Mòr Ostaig fìor thoilichte a bhith an sàs anns a’ chom-pàirteachadh chudromach seo agus gu sònraichte toilichte a bhith a’ cur fàilte air Faclair na Gàidhlig gu a dhachaigh ùr ann an Ionad Fàs. Tha am pròiseact air leth cudromach a thaobh leasachadh cànain is cultair agus tha e a’ cur ris an stòras de phròiseactan co-cheangailte a tha a-nis stèidhichte san ionad ùr.”

Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use