| Togail dha cànan ann an cunnart | |
| 07 An t-Iuchar 2008 Bidh àireamh ùr luchd-teagaisg na Gàidhlig air an trèanadh mar thoradh air pròiseact thùsail ùr eadar Oilthigh Obar Dheathain agus na colaistean air feadh na Gàidhealtachd `s nan Eilean. Aig an àm seo tha gainnead ann de luchd-teagaisg na Gàidhlig ann an Alba an dà chuid aig ìre bun-sgoil agus àrd-sgoil, agus a’ Ghàidhlig mar chànan labhairteach gu mòr a’ dol sìos ann an àiteachan leithid na h-Eileanan Siar far am b’ àbhaist dhi a bhith làidir*. A-nis tha ceum co-phàirteach le urram ann an Gàidhlig le Foghlam – a’ chiad fhear de sheòrsa ann an Alba – deiseil airson togail a thoirt dhan chànan Ghàidhlig. Tha Cairistìona Walker, a tha na h-òraidiche ann an Sgoil Foghlaim Oilthigh Obar Dheathain, air a cur ann an dreuchd co-òrdanaiche pròiseict airson a’ chùrsa ùr, a thèid a lìbhrigeadh ann an compàirteachas le colaistean Institiùd nam Mìle Bliadhna aig Oilthigh na Gàidhealtachd `s nan Eilean (UHI). Bidh cothrom aig oileanach an cuid ionnsachaidh a dhèanamh aig Sabhal Mòr Ostaig, a’ Cholaiste Ghàidhlig san Eilean Sgìtheanach, no aig Colaiste a’ Chaisteil ann an Steòrnabhagh, agus am pàirt Foghlaim dèante air-loidhne tro ionnsachadh air astar le Sgoil an Fhoghlaim ann an Oilthigh Obar Dheathain. Thuirt Cairistìona, nighean croiteir a chaidh dhan sgoil ann an Leòdhas sna 1960an: "Is e dreuchd ùr bhrosnachail a tha seo a bheir air adhart leasachadh co-phàirteach eadar an Oilthigh agus colaistean UHI gus àireamhan luchd-teagaisg na Gàidhlig a mheudachadh. "Tha an ceum ùr a’ toirt cothrom dha oileanaich ionnsachadh oilthigheach sa chànan a ghabhail os làimh agus trèanadh ann an teagasg na Gàidhlig fhaighinn ann an àrainneachd Ghàidhlig, cothrom a bheir togail dha an cuid comais sa chànan gu ìre fhaicsinneach, an dà chuid labhairteach is sgrìobhte." "Bidh iad ag ionnsachadh tro bhogadh sa chànan, a bheir dhaibh tuigse ann an teagasg òigridh tro mhodh-teagaisg a bhios a’ cleachdadh bogadh sa chànan. Tha an ceum cuideachd a’ toirt cothrom dha oileanaich ceumnachadh ann an ceithir bliadhna, aig àm sa bheil fìor ghainnead luchd-teagaisg na Gàidhlig aig ìre bun-sgoil agus aig ìre àrd-sgoil.” Bidh a’ chiad àireamh de dh’oileanaich a’ tòiseachadh air an ceum foghlaim san t-Sultain 2008. *Cunntas-sluaigh 2001 http://www.gro-scotland.gov.uk/press/news2005/scotlands-census-2001-gaelic-report.html | |

