Bòrd na Gàidhlig – Cathraiche Eadar-amail air a shuidheachadh
08 An t-Iuchar 2008

 

Chaidh Cathraiche Eadar-amail a shuidheachadh le Bòrd na Gàidhlig, buidheann leasachaidh na Gàidhlig, an àite Mhata MacÌomhair CBE a leig dheth a dhreuchd an t-seachdain a chaidh.

Chaidh Art MacCarmaig a thaghadh gu h-aon-ghuthach le cho-bhuill air a’ Bhòrd airson dreuchd a’ Chathraiche gus a bhith san dreuchd gus an deigheadh neach fad-ùine a thaghadh. Thèid seo a dhèanamh tro phròiseas foirmeil anns am bi farpais làn, cothromach agus fosgailte a rèir Còda Obrachaidh Oifis a’ Choimiseanair airson Suidheachaidhean Poblach an Alba (OCPAS) a thaobh cur an dreuchd Ministearail. 

Thèid Leas Chathraiche a thaghadh leis a’ Bhòrd aig an ath choinneamh san Lùnastal.

Thuirt Cathraiche Eadar-amail a’ Bhùird Art MacCarmaig:

“Tha mi air leth toilichte dreuchd Cathraiche Eadar-amail Bòrd na Gàidhlig a ghabhail os làimh. Sa chiad dol a-mach, bu mhath leam taing a thoirt do Mhata MacÌomhair, às leth a’ Bhùird, airson na h-obrach dhealasaich a rinn e airson na Gàidhlig agus gus gach soirbheachadh a ghuidhe dha na dhreuchd ùr aig OGE.

“San dàrna àite, tha e cudromach a dhèanamh soilleir gu bheil obair a’ Bhùird a’ leantainn air adhart a’ cur an cèill amasan Plana Nàiseanta na Gàidhlig. Tha mi a’ gealltainn gun lean mi orm ag amas air a bhith a’ cur an cèill leantainneachd sheasmhach is gnìomhasach taobh a-staigh a’ Bhùird thar nam mìosan a tha ri teachd fhad ’s a bhios OCPAS a’ dol tron phròiseas gus Cathraiche ùr a shuidheachadh ann an dreuchd.”

Thuirt Ministear na Gàidhlig, Linda Fabiani:

“Tha mi a’ cur fàilte air rùn a’ Bhùird Art MacCarmaig a shuidheachadh mar Chathraiche Eadar-amail. Tha deagh chliù aig Art sa choimhearsnachd Ghàidhlig agus eadhoin nas fharsainge na sin agus tha mo làn thaic aige ann a bhith a’ stiùireadh Bhòrd na Gàidhlig gus an tèid neach a shuidheachadh làn-ùine leis na Ministearan.

“Tha mi cinnteach gun toir Art ceannardas làidir don Bhòrd agus tha e ceart gu bheil deagh bheachdan aige airson na buidhne seo a tha riatanach ann a bhith a’ toirt taic don choimhearsnachd Ghàidhlig. Tha planaichean adhartach aig Riaghaltas na h-Alba airson a’ chànain agus leanaidh sinn oirnn le ar n-amas gus àm ri teachd a bhios soirbheachail agus seasmhach a chruthachadh dhan Ghàidhlig.”

 

Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use