| Deasachadh ùr den Leabhar Mhòr ga chur air bhog ann an Dùn Èideann | |
| 25 An Lùnastal 2008 ‘S e prìomh obair-ealain co-aimsireil a th’ anns An Leabhar Mhòr, Leabhar Mòr na Gàidhlig, ‘Leabhar Cheanannais’ na 21mh linne, a tha a’ cruinneachadh còmhla obair còrr air 200 neach bho na h-ealain lèirsinneach, bàird agus sgrìobhadairean-ealain à Alba is Èirinn. An dèidh tlachd mhòr a thoirt dha luchd-amais air feadh an t-saoghail, ag adhartachadh is ag àrdachadh ìomhaigh eadar-nàiseanta na Gàidhlig tro thaisbeanaidhean is thachartasan co-cheangailte, tha an leabhar fhèin air a thighinn gu bhith na ulaidh chruinnneachaidh agus tha barrachd fèill air a-nis na bha a-riamh. Mar fhreagairt air an iarrtas seo tha Pròiseact nan Ealan – Buidheann Ealain na Gàidhlig – air leth toilichte gum bi an dara deasachadh den Leabhar Mhòr, ris an robhar cho togarrach a’ feitheamh, air a chur air bhog le Mike Russell BPA aig Urras Leabhraichean na h-Alba, Dùn Èideann air 29mhLùnastal. Tha An Leabhar Mòr air a dhol bho neart gu neart bho chaidh a chlò-bhualadh an toiseach ann an 2002. Tha taisbeanadh eadar-nàiseanta cuairteil de 100 obair-ealain bhon leabhar fhathast air an rathad 6 bliadhna an dèidh a’ chlò-bhualaidh. An dèidh chuairt shoirbheachail ann an Èirinn a chrìochnachadh ann an 2006 -2007 tha Taisbeanadh an Leabhair Mhòir air tlachd mhòr a thoirt dha luchd-amais air feadh Chanada o chionn ghoirid agus tha e an-dràsta a’ dèanamh a shlighe air cuairt fhada ann an Ameireaga a Tuath. Tha a’ chuairt a’ sealltainn nàdar sònraichte na pròiseict, a seasmhachd, agus a buaidh fad-ùine air luchd-amais air feadh an t-saoghail. Tha an taisbeanadh mar thràth air tadhal air còrr is 100 àite ann an 5 dùthchannan, agus air a bhith air fhaicinn le còrr is millean neach, a’ gabhail a-steach tadhail gu còrr air 100 sgoil. Thuirt Gavin Wallace, Ceannard Litreachais aig Comhairle Ealain na h-Alba, '’Aon den obair-ealain cho-aimsireil as fheàrr nar latha, tha Leabhar Mòr na Gàidhlig air a thighinn gu bhith, an dà chuid, na shoitheach is na ìomhaigh airson buaidh sheasmhach dhomhainn Gàidhealtachdan na h-Alba is na h-Èireann – agus airson buaidh am briathran is am mac-meanmna shònraichte ach co-cheangailte –air an t-saoghal. Tàlaidhidh, gun teagamh sam bith, ath-fhoillseachadh an t-sàr iomraidh de fhaclan, sgeulachdan agus ìomhaighean dà chultair, luchd-amais nas motha aig an taigh agus gu eadar-nàiseanta.' Thuirt Kevin Anderson, Manaidsear na Pròiseict: " ‘S e an sgaoileadh tron Ghàidhealtachd is thairis oirre aon de shoirbheachaidhean mòra An Leabhair Mhòir. Ann an Alba, tha am prògram foghlaim air an leabhar a thoirt gu àiteachan mar Obar Dheathain, Siorrachd Àir, Siorrachd Lannraig agus na Crìochan, far a bheil clann air pàirt a ghabhail ann am bùthan-obrach ann an ealain a bha gu dhol à cuimhne, leithid sgrìobhadh-ealain. Tha cleachdadh nan ealan lèirsinneach sa phròiseict ga dhèanamh ruigsinneach dha Gàidheil is Goill, agus air cothrom a thoirt dha cuairt an taisbeanaidh luchd-amais nas motha a ruighinn. Tha e air a bhith iongantach a’ rannsachadh cultar na Gàidhlig tron Leabhar Mhòr ann an àiteachan mar Milwaukee, far an robh an taisbeanadh air chuairt an t-seachdain a chaidh." Chì 29mh Lùnastal foillseachadh làrach-lìn ùr is bùth air-loidhne an Leabhair Mhòir, bhom faighear an leabhar agus bathar buntainneach. Tha an làrach-lìn aig www.leabharmor.net agus tha tòrr fiosrachaidh oirre mun leabhar agus lethbhric den bhàrdachd is den ìomhaigheachd a chaidh a chleachdadh. Thuirt Kirstie Anderson, Manaidsear Leasachaidh Luchd-amais nan Ealan Gàidhlig: "Ged a tha An Leabhar Mòr ag èirigh à co-eachdraidh is co-dhualchas cultar Gàidhlig Èirinn is Alba, tha beachdan adhartach is obrachadh le na meadhanan ùra air a bhith faisg air cridhe na pròiseict bho thus. Tha an làrach-lìn ùr mar cheum eile air an t-slighe seo a thòisich leis an taisbeanadh ga shruthadh beò air an Eadar-lìon, a’ ceangal 8 gailearaidhean bho Innse Gall gu fìor cheann an iar-dheas Èirinn. A thuilleadh air a bhith na dachaigh dha obair iomlan an Leabhair Mhòir, tha an làrach-lìn ùr a’ toirt cothrom air dòighean eile airson a dhol an sàs anns a’ phròiseict iongantaich seo." A thuilleadh air an leabhar, làrach-lìn is an taisbeanadh, tha An Leabhar Mòr air aithriseachd TBh a ghineadh (Is Mise an Teanga), sreath de phrògraman rèidio bhon BhBC agus pasgan sgoile. Tha CD de cheòl, An Leabhar Mòr - Na-h-Òrain air fhoillseachadh cuideachd le Mairead Stiùbhart, Art Carmac agus Iseabal NicAsgaill, agus feadhainn eile, a’ seinn air. Gheibhear na stuthan sin cuideachd bhon làraich-lìn. Air 28mh Lùnastal, am feasgar ron fhoillseachadh, bidh Pròiseact nan Ealan a’ cumail cuirm le cruinneachadh de leughaidhean a tha fosgailte dhan mhòr-shluagh ann an Leabharlann Bàrdachd na h-Alba. Mar chomharrachadh air an Leabhar Mòr, bidh fèisteas an fheasgair a’ rannsachadh an leabhair is na tha na bhroinn ann am barrachd doimhneachd: ceanglaichean na h-eachdraidh Albannaich-Èireannaich; buaidh na h-eachdraidh sin; agus mar a ghabh buidheann de luchd-ealain is de bhàird an co-chultar seo gus an leabhar Gàidhlig as àlainne nar linn a dheasachadh. Tha an taisbeanadh ga aithris ann am Beurla agus ga rannadh sa Ghàidhlig – le eadar-theangachaidhean- le dithis de na sàr bhàird as inntinniche is as nàdarraiche air Ghàidhealtachd – Louis de Paor agus Aonghas MacNeacail. A’ tòiseachadh aig 6f ann an Leabharlann Bàrdachd na h-Alba, tha cuireadh aig gach neach, bho fileantaich gu daoine air ùr thòiseachadh ag ionnsachadh Gàidhlig, a thighinn a chluinntinn mu chultar, eachdraidh is litreachas na Gàidhlig. Tha tiogaidean a’ cosg £5/ £3 bho Leabharlann Bàrdachd na h-Alba. Airson tuilleadh fiosrachaidh rach gu www.leabharmor.net | |

