| Gaidheil Òga a’ moladh cho soirbheachail sa bha Sgeamaichean Obrach 2008 | |
| 12 An t-Sultain 2008 Tha na Sgeamaichean, le taic airgid bho Bhòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean (HIE) agus Comhairle nan Eilean Siar, a toirt cothrom do dhaoine òga mìosan na samhraidh (no nas fhaide) gus blas fhaighinn air dreuchd anns a bheil ùidh aca ann an Gàidhlig, a’ togail sgilean chudromach, fiosrachadh agus eòlas pearsanta airson an t-àm ri teachd ann am beatha nan oileanach. Tha luchd fastaidh ann an saoghal na Gàidhlig cuideachd a’ cuir fàilte chridheil air na Sgeamaichean is iad a’ faicinn an eud agus an ùidh a th’ aig na Gaidheil òga is iad gu mòr airson Gàidhlig na h-Alba a chleachdadh anns na bliadhnaichean a tha romhpa. Lorg aon oileanach, Janice Ann NicAoidh, tè dha na 24 oileanaich a ghabh pàirt anns an Sgeama Greis Gnìomhachais thairis air an t-samhraidh, i fhèin a’ gluasad taobh eile an deasca riochdachadh fhad sa bha i a’ dèanamh greis gnìomhachais craolaidh leis am BBC. Fhuair Janice Anne, à Gearradh na h-Aibhne ann an Eilean Leòdhais, an cothrom a bhith ag obair mar neach-rannsachaidh air am prògram rèidio cloinne Aileag nuair dh’ fhàs an neach-rannsachaidh làn-thìde tinn dà sheachdain tron Sgeama. Thug seo an cothrom do Jhanice Ann am prògram a ghabhail tharais i fhèin – cothrom a ghabh i le dà làimh. “ ‘S e trèanadh air leth math a tha seo,”, thuirt Janice Ann. “Ged a chaidh an Sgeama beagan na b’ fhaide na bha mi an dùil, bha e mìorbhailteach an cothrom seo fhaighinn agus a bhith ag obair ann an craoladh còmhla ri craoladairean proifeasanta.” Tha Janice Ann dìreach air crìoch a chuir air ceum ann an Gàidhlig agus Iomall a’ Chuain Siar aig Sabhal Mòr Ostaig anns an t-Eilean Sgitheanach agus tha i a-nise an dòchas dioploma anns na Meadhanan a dhèanamh ann. Thuirt Christine NicLeòid, Manaidsear Tàlant aig BBC Radio nan Gàidheal gu robh Sgeama ChnaG prìseil dhan am BBC a chionn gur d’ thug e dhaibh an cothrom agallamh a thoirt do iomadach duine airson na dreuchdan samhraidh agus thug e seachad an cothrom don fheadhainn a bha soirbheachail trèanadh tron BBC fhaighinn. Am bliadhna tha triùir oileanach ag obair air an Sgeama ann an Steòrnabhagh agus aon ann an Glaschu. Aig a’ cheart àm ann an Uibhist a Tuath, tha neach-tadhail agus muinntir an àite fhèin air a bhith a’ faighinn buannachd bho obair Linda NicLeòid aig Ionad Cladach Chirceboist a tha air a ruith leis a’ chompanaidh coimhearsnachd Ùrachadh Uibhist. ‘S ann à Clachan a tha Linda agus tha i a’ dèanamh Gàidhlig ann an Oilthigh Ghlaschu. Tha i an sàs ann a bhith a’ cuir air dhòigh tachartasan cultarail samhraidh agus Fèis Saoghal Beag. Thuirt i, “Tha mi a’ faireachdainn gum bi na sgilean a dh’ ionnsaich mi thairis air an t-samhradh seo agus na daoine ùra ris an do choinnich mi gu bhith na thaic dhomh anns an dreuchd a leanas mi. Tha an Sgeama cuideachd air toirt orm smaoineachadh air tilleadh air ais a dh’ Uibhist as dèidh an oilthigh agus tòiseachadh air dreuchd co-cheangailte ri Gàidhlig. Tha an Sgeama a’ cuideachadh ann a bhith a’ cruthachadh chothroman obrach ùra air an eilean agus tha mi gu math taingeil dha Ùrachadh Uibhist agus CnaG airson an taic a fhuair mi thairis air mìosan an t-samhraidh.” Thuirt Alasdair MacLeòid, bho Buidheann Neartachadh Choimhearsnachd aig Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean, “Tha sinne air ar dòigh le cho soirbheachail sa bha Sgeama Greis Gnìomhachais nan Oileanach am bliadhna sa agus leis mar a bha na Gaidheil òga agus an luchd fastaidh a’ freagairt air an Sgeama, gu h-àraid an fheadhainn suidhichte air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.” “Tha pàirt chudromach aig a Ghàidhlig ann a bhith a’ leasachadh Alba agus ar ceàrnaidh fhèin, agus ‘s urrainn dha na Sgeamaichean seo a bhith cudromach ann a bhith a’ toirt cothroman do dhaoine òga tilleadh air ais chun Ghàidhealtachd agus dreuchd a leantainn a’ cleachdadh na Gàidhlig. Tha e cuideachd a’ toirt cothrom dha luchd fastaich obair a thoirt do dhaoine òga le sgilean anns an cànan againn agus sealltainn cho luachmhor sa tha e dhan eaconamaidh agus dha coimhearsnachdan.” Thuirt an Comhairliche Agnes Rennie, Neach-Cathrach Comataidh na Gàidhlig aig Comhairle nan Eilean Siar, “Tha an Sgeama Greis Gnìomhachais aig CnaG mar dhòigh mhath air blasad a thoirt dha oileanaich air tilleadh agus obair anns na coimhearsnachdan aca. Thathar an dòchas gun toir seo dhaibh am brosnachadh beachdachadh air tilleadh gu làn-thìde agus coimhearsnachdan Gàidhlig ath-bheothachadh a-rithist as dèidh iomadach bliadhna. Bu choir gàirdeachas a thoirt dha CnaG ann a bhith a’ cuir an Sgeama seo air adhart agus airson dèanamh cinnteach gu bheil e air a bhith cho soirbheachail agus cho inntinneach airson a h-uile duine a bha an sàs ann.” B’ e na buidhnean eile a fhuair buannachd as na Sgeamaichean Samhraidh; An Lòchran ann an Glaschu; MacGilleBhràth ann an Beinn na Faoghla; An Comunn Gàidhealach; MG Alba; Sabhal Mòr Ostaig; Mactv; Ceòlas ann an Uibhist a Deas; Stòrlann ann an Leòdhas, a bharrachd air iomadach buidheann eile air feadh Alba. Tha CnaG a’ faicinn an Sgeama mar phàirt chudromach, taiceil, a’ toirt cothrom do dh’oileanaich an cuid Ghàidhlig a chleachdach anns an raon-obrach agus airson gu faigh àitean obrach a tha a’ cleachdadh na Gàidhlig an cothrom fàs. Tha Sgeama Samhraidh eile air a bheil CnaG os cionn airson oileanaich Ghàidhlig, Cleachd I, a’ toirt an cothrom do dh’oileanaich a bhith ag obair air pròiseactan anns na coimhearsnachdan aca fhèin. Tha Anndra Dunn, à Port Mholair, An Rubha, Eilean Leòdhais, a’ dèanamh rannsachadh air Bàird nan Rubha ann an 20mh Linn. Tha e an dòchas gun tèid stuth bhon goireas ùr seo a chuir an clò ann an sreath de dh’artaigilean anns am paipear coimhearsnachd ionadail, Rudhach, a bharrachd air an eadar-lìon. Thuirt Rosemary Ward, Àrd Oifigear Eadar-ama Bòrd na Gàidhlig, “Tha Bòrd na Gàidhlig toilichte taic a thoirt dha Sgeamaichean Samhraidh ChnaG. Tha sinne den bheachd gu bheil na Sgeamaichean mar àrd-ùrlar luachmhor airson is gum fàs a’ Ghàidhlig. Le bhith toirt cothroman dha oileanaich obair ann an àrainneachd Ghàidhlig, thathar a’ leasachadh na sgilean canain aca agus a’ toirt brosnachadh dhaibh obair làn-thìde fhaighinn ann an saoghal na Gàidhlig anns an t-àm ri teachd. Tha Sgeamaichean Samhraidh aig CnaG a’ neartachadh mar a tha Bòrd na Gàidhlig gu mòr airson Gàidhlig a mheudachadh.” Ruith Comunn na Gàidhlig Sgeama Samhraidh eile, Gàidhlig air a’ Bhàta air bàtaichean aiseag Chaledonian Mac a’ Bhriuthainn, far an robh Oifigearan Fiosrachaidh air bòrd na h-aiseagan a bha a’ siubhal air na seòlaidhean eadar an t-Obain/Colla/Tioridh, Tioridh/Barraigh, Ùige/Loch na Madadh/an Tairbeart agus Ulapuil/Steòrnabhagh. Bha na h-Oifigearan a’ toirt fiosrachadh do luchd-siubhail air canan agus cultar na Gàidhlig a bharrachd air fiosrachadh air rudan ri dhèanamh, àitean airson tadhal air agus tachartasan a bha a’ gabhail àite anns na Cearcaill Ghàidhlig eadar-dhealaichte. Thuirt Ceannard Comunn na Gàidhlig, Eàirdsidh MacGillEathain, “Bha beachdan gu math làidir againn bho luchd-siubhail a bha a’ frithealadh na seisean air na h-aiseagan an-uiridh. Bha tòrr daoine bho gach ceàrnaidh san t-saoghal a’ gabhail pàirt anns na seisean a bha againn an-uiridh.” Thuirt Stiùiriche Rianaidh ChalMac, Lawrie Mac na Ceàrdaich, “Tha Caledonian Mac a’ Bhriuthainn gu mòr airson a’ Ghàidhlig a chuir air adhart, agus tha e iomchaidh gum faigh na luchd-ceannach againne cothrom barrachd ionnsachadh mun Ghàidhlig agus mu chultair na h-Eileanan tro seirbheisean bataichean aiseag CalMac. Bha Gàidhlig air a’ Bhàta gu math soirbheachail an-uiridh.” Tha Gàidhlig air a’ Bhàta air a chuir an gnìomh le CnaG agus le taic airgid bho ChalMac, Bòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean. | |

