Plana Gàidhlig Ga Dheasachadh Le Comhairle Bhaile Ghlaschu
16 An t-Sultain 2008

Tha Bòrd na Gàidhlig, am buidheann leasachaidh Gàidhlig, air iarraidh gu foirmeil air Comhairle Bhaile Ghlaschu Plana Gàidhlig a dheasachadh. 

Tha Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 a’ toirt a’ chumhachd dha Bòrd na Gàidhlig ìmpidh a chur air ùghdarrasan ionadail ann an Alba, gus Planaichean Cànain a dheasachadh a bhios a’ mìneachadh na chuireas iad an gnìomh airson taic a chur ri cleachdadh na Gàidhlig ann an lìbhrigeadh an seirbheisean deatamach.

Thuirt Ministear na Gàidhlig, Linda Fabiani:

“Tha e mar dhleastanas dealasach aig Riaghaltas na h-Alba seasmhachd dhan Ghàidhlig ann an Alba san àm ri teachd a dhèanamh tèarainte, agus tha deasachadh Plana Gàidhlig le Comhairle Bhaile Ghlaschu mar cheum chudromach a dh’ionnsaigh an amais sin a thoirt gu buil.

“Is e cànan nàiseanta a th’ ann an Gàidhlig agus feumaidh sinn aithne a thoirt dhan Ghàidhlig air a’ bhunait sin agus taic a chur rithe thar na coimhearsnachdan againn air fad, gu h-àraid ann an àiteachan mar Glaschu far a bheil an cànan a’ fàs ann an raointean leithid foghlam agus na h-ealain.”

Thuirt Rosemary Nic a’ Bhàird, Àrd-Oifigear Bhòrd na Gàidhlig rè ùine:

“Tha sinn toilichte fios foirmeil a thoirt dha Comhairle Bhaile Ghlaschu gus Plana Gàidhlig a dheasachadh. Chaidh am fios seo a thoirt air adhart às dèidh iarrtas bhon chomhairle a tha air a bhith gu dealasach a’ deasachadh dreach plana. Is e an t-seòrsa dealais seo a thaobh cur ri fàs na Gàidhlig a tha am Bòrd dèidheil air a bhrosnachadh agus air a chuideachadh, agus tha sinn air a bhith ag obair gu dlùth le Comhairle Bhaile Ghlaschu gus seo a choileanadh.

“Chuir Glaschu a’ chiad sgoil Ghàidhlig airson 3-18 bliadhna air bhonn ann an 2006 agus tha coimhearsnachd mhòr bheothail Ghàidhlig a’ fuireach ann. Faodaidh Glaschu a bhith mar àite a stiùireas air adhart fàs agus leasachadh na Gàidhlig san àm ri teachd agus tha an suidheachadh soirbheachail a thaobh ealain Ghàidhlig anns a’ bhaile a’ cur gu mòr ris an seo mar-thà.

“Tha sinn a’ coimhead air adhart ri plana Comhairle Bhaile Ghlaschu fhaicinn agus obair còmhla riutha gus a dhèanamh soirbheachail.”

Tha am fios bhon Bhòrd a’ tighinn fhad `s a tha a’ chomhairle a’ cur air bhog co-chomhairleachadh poblach air dreach Plana Gàidhlig a tha iad air a chur ri chèile cheana. Bidh an dreach plana seo mar bhunait dhan phlana dheireannach a thèid a chur a-steach gun Bhòrd airson aonta.

Thuirt an Comhairliche Aileen Colleran, Ball-Gnìomha le uallach airson Gàidhlig ann an Comhairle Bhaile Ghlaschu:

"Tha gealltanas làidir bho Ghlaschu a thaobh dìon agus adhartachadh a’ chànain agus a’ chultair Ghàidhlig.

“Gu dearbh, tha sinn air obair ana-mhòr a dhèanamh mar-thà mar gheall air dreach Plana Gàidhlig a thoirt gu buil agus bidh sinn a’ cur seo a-mach gu co-chomhairleachadh ann an ùine nach bi fada.

"Mìnichidh an dreach plana seo na tha Glaschu a’ dol a dhèanamh gus cothroman a chruthachadh dhan Ghàidhlig – dha luchd-labhairt na Gàidhlig bho dhùthchas agus luchd-ionnsachaidh – gus soirbheachadh sa bhaile againn."

Cuideachd aig an àm seo, tha Comhairle Bhaile Dhùn Èideann a fhuair fios san Ògmhios còmhla ri còig bhuidhnean foghlaim nàiseanta agus roinneil, a’ deasachadh Plana Gàidhlig reachdail. Is iadsan Comhairle Maoineachaidh na h-Alba, Ionnsachadh agus Teagasg Alba, Luchd-Sgrùdaidh na Bànrigh ann am Foghlam, Ùghdarras Theisteanas na h-Alba agus Institiùd Mìle Bliadhna UHI.

Tha trì ùghdarrasan ionadail air aonta fhaighinn mar-thà bho Bhòrd na Gàidhlig airson am Planaichean Gàidhlig - Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle Earra-Ghàidheil is Bhòid agus Comhairle nan Eilean Siar – còmhla ri Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba. Tha planaichean gan deasachadh le Iomairt na Gàidhealtachd `s nan Eilean agus le Riaghaltas na h-Alba.

Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use