Sianal Ùr TBH Gàidhlig – BBC ALBA – a’ comharrachadh a’ chiad latha craolaidh
19 An t-Sultain 2008

Tha BBC ALBA, an sianal telebhisean Gàidhlig ùr, a’ dol beò a-nochd. An-diugh (Dihaoine) bha clann sgoile a’ comharrachadh clach-mìle airson craoladh ann an Alba, dìreach 12 uairean mus deach an sianal air an adhar.

Bha sgoilearan aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, far a bheil còrr air 400 duine-cloinne a’ faighinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, a’ cur fàilte air toiseach an t-sianail còmhla ri luchd-obrach BBC ALBA agus Ministear a’ Chultair, Linda Fabiani BPA.

Tha cuid de na sgoilearan an sàs ann an Coisir Òg Ìleach Ghlaschu, a bhios a’ seinn a-nochd aig tachartas airson an t-sianail ùir aig Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn Èideann, agus tha cuid aca cuideachd ann an bhideo a chì daoine air an oidhche.

Chaidh fàilte a chur air a’ Bh.ph. Fabiani agus aoighean eile le dithis phìobairean agus còmhlan traidiseanta bun-sgoilearan a bha a’ cluich fhad ’s a bha an luchd-tadhail ann.

Thuirt Donalda NicComb, Ceannard Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu: “Is e latha mòr a th’ ann an-diugh agus tha a’ chlann air an dòigh glan. Tha e a’ còrdadh riutha a bhith a’ bruidhinn Gàidhlig, a tha beò is beothail, agus tha iad uabhasach toilichte a bhith an sàs ann an tachartas aig toiseach an t-sianail ùir.

“Le còrr air 400 duine-cloinne san sgoil eadar bun sgoil is àrd sgoil, tha sinn a’ dèanamh adhartas glè mhath. Is e tachartas cudromach a th’ ann an toiseach an t-sianail airson na sgoile agus tha e a’ sealltainn gu bheil taic ann airson na Gàidhlig, cànan airson an àm ri teachd.”

Thuirt Ministear a’ Chultair, Linda Fabiani BPA: “Is e latha sònraichte airson na coimhearsnachd Gàidhlig a th’ ann an-diugh. Feumar taing a thoirt dhan a h-uile duine a tha air obair mhòr a dhèanamh thar na bliadhnaichean gus am bitheamaid far a bheil sinn an-diugh, deiseil airson toiseach BBC ALBA. Bidh an sianal aig cridhe iomairtean airson a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh, ga cur far am faigh luchd-amhairc air feadh na dùthcha cothrom a cluinntinn. Bidh e cudromach cuideachd ann a bhith a’ coilionadh ar n-amais airson a’ Ghàidhlig a dhèanamh seasmhach soirbheachail san àm ri teachd.”

Is e seirbheis cho-bhanntachd eadar MG ALBA agus am BBC a th’ ann am BBC ALBA, agus bidh e a’ craoladh phrògraman aig àrd ìre air an dèanamh ann an Alba.

A’ bruidhinn aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, thuirt Alasdair Moireasdan, Cathraiche MG ALBA:
“Is e latha mìorbhailteach a th’ ann airson dhaoine aig a bheil spèis dhan Ghàidhlig. Tha sinn air a bhith ag obair a dh’ionnsaigh an t-sianail airson ùine fhada agus tha mi air leth toilichte gu bheil an latha tòiseachaidh a-nis air tighinn. Bidh an sianal a’ craoladh phrògraman aig àrd ìre a sheallas cho math ’s as urrainn do chraoladh Albannach a bhith, le clàr de phrògraman ùra de gach seòrsa a bhios a’ tàladh luchd-amhairc air feadh na h-Alba.”

Bidh roghainn de phrògraman chloinne ri fhaighinn airson clann-sgoile eadar P2 is P6, mar phàirt chudromach den fhoghlam Gàidhlig aca. Chìthear prògraman ainmeil mar Eòrpa, Dè a-nis? agus na prògraman Cbeebies air BBC ALBA.

Thuirt Donalda NicFhionghain, Ceannard Phrògraman is Sheirbheisean aig a’ BhBC ann an Alba: “Tha a h-uile duine a tha an sàs anns an t-sianal ùr air a bhith a’ dèanamh fiughair ris an latha tòiseachaidh an-diugh. Tha daoine air obair chruaidh a dhèanamh air a’ phròiseact, ach tha mi cinnteach gum faic sinn toraidhean an cuid oidhirpean nuair a bhios an luchd-amhairc a’ coimhead air an t-sianal, a-nochd agus sna mìosan a tha romhainn.”

Bha preasantairean Dè a-nis?, Calum “Cacsaidh” MacAmhlaigh à Uibhist a Tuath agus Siobhan NicAonghais à Leòdhas agus Uibhist, a bhios a’ tòiseachadh air a’ phrògram, cuideachd aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, ’s bha a’ chlann gu math toilichte fàilte a chur orra.

Tha BBC ALBA a’ dol beò a-nochd aig 9f, a’ tòiseachadh le tionndadh ùr den òran ainmeil aig Runrig, Alba, a chaidh a chlàradh as ùir airson an tachartais le seinneadairean cliùiteach Gàidhlig, agus le cuirm-ciùil shònraichte a thèid a chraoladh beò bhon Eilean Sgitheanach, le Màiri Anna NicUalraig, Julie Fowlis, Skippinish agus luchd-ciùil eile.

Thèid dràma ùr, Eilbheas, suidhichte ann an Leòdhas sna 1970-an, le Greg Hemphill na phrìomh charactar ann, agus prògram dràma/aithris, Peter Manuel – Deireadh an Uilc? le Anndra Clark, a chraoladh as dèidh an tachartais fhosglaidh.

 Tha MG ALBA, ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC, a’ cur air bhonn BBC ALBA, a bhios air Sky sianal 168 agus Freesat sianal 110 bho 19 Sultain 2008.

Thathas an dùil gum bi BBC ALBA ri fhaighinn air càball an ceann ùine. A rèir toraidhean leirmheas Urras a’ BhBC, bidh BBC ALBA ri fhaighinn air Freeview as dèidh tionndadh gu didseatach ann an 2010. Airson barrachd fiosrachadh air mar a gheibhear BBC ALBA, faic www.mgalba.com.

Tha MG ALBA agus am BBC air co-bhanntachd a stèidheachadh airson seirbheisean didseatach telebhisein, rèidio agus air-loidhne ann an Gàidhlig a libhrigeadh. Bidh BBC ALBA ga craoladh le cead-craolaidh a’ BhBC. Airson barrachd fiosrachadh mun cho-bhanntachd, faic www.mgalba.com.

Is e MG ALBA ainm gnìomha Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, a tha ga maoineachadh le Riaghaltas na h-Alba agus ga riaghladh le Ofcom. Tha MG ALBA a’ seasamh airson Meadhanan Gàidhlig Alba.

 

Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use