| LÀRACH-LÌN ÙR AIR A CUR AIR BHOG DHA LUCHD-TEAGAISG NA GÀIDHLIG | |
| 24 An t-Sultain 2008 Chaidh an làrach-lìn a chur air bhog le Pixmen ùr-ghnàthach tro phasgain air an ceangal ri sgàilean còmhnard os cionn dhaoine, agus mar sin a’ toirt cothrom dhan luchd-tadhail coimhead air an làraich agus bruidhinn ri luchd-obrach a’ Bhùird ma deidhinn. Thuirt Rosemary Nic a’ Bhàird, Àrd-Oifigear Bhòrd na Gàidhlig san eadar-ama: “Is e foghlam Gàidhlig aon de na roinnean an taobh a-staigh foghlam ann an Alba, air as luaithe a thàinig leasachadh o chionn còrr agus 23 bliadhna, agus tha e na phrìomh chuimse anns an obair aig Bòrd na Gàidhlig. “Mar thoradh air an leudachadh seo, tha iarrtas ann a tha a’ sìor fhàs airson luchd-teagaisg na Gàidhlig air feadh Alba le cothroman rim faotainn anns gach ìre de theagasg. “Tha miann làidir againn mothachadh dhaoine a thogail a thaobh nan cothroman sin agus tàlant ùr a mhisneachadh gu dreuchd ann an teagasg. Tha ùidh ann an Gàidhlig a’ fàs agus tha ruigsinneachd air ionnsachadh a’ chànain a’ meudachadh, an dà chuid san t-suidheachadh fhoirmeil sgoile agus ann an raon ionnsachaidh nan inbheach. Tha am Bòrd air grunn phròiseactan brosnachail a chur air bhonn gus tuilleadh leudachaidh air a’ chànan a chumail a’ dol. Chan eil àm nas fheàrr air a bhith ann airson do sgilean a chleachdadh gus Gàidhlig a theagasg dhan ath ghinealach. Gabh an Cothrom agus thig a theagasg!” Thuirt Linda Fabiani, Ministear a’ Chultair: “Tha prìomh amas aig Riaghaltas na h-Alba àite na Gàidhlig a mheudachadh an taobh a-staigh roinn an fhoghlaim againn, gus dèanamh cinnteach gum bi an cànan seasmhach san àm ri teachd. “Tha an goireas ùr barrail seo a’ cuideachadh leis an amas sin a choileanadh le bhith a’ togail air cothroman agus a’ brosnachadh raon fharsaing de dhaoine gu teagasg ann an sgoiltean agus ann an sgoiltean-àraich air fad na dùthcha.’’ Am measg nan cothroman teagaisg a tha rim faotainn tha:
| |

