| | |
| BÒRD NA GÀIDHLIG AIR SLIGHE GU STRUCTAIR ÙR | |
| 26 June 2009 Tha Bòrd na Gàidhlig, a’ phrìomh bhuidheann leasachaidh poblach le uallach airson na Gàidhlig air buidheann-taice stiùiridh àrd-ìre agus eadar-amaile (BSTAE) fhastadh a chuideachadh le teachd-a-mach deisealachadh cur-an-gnìomh Plana Nàiseanta na Gàidhlig. Bidh a’ bhuidheann cuideachd a’ dèiligeadh ri atharraichean a tha rin cur an-sàs ann an structair agus modhan-obrach a’ Bhùird. Dhearbh am Bòrd cuideachd ged nach deach aca air Ceannard ùr fhasdadh nuair a chaidh sin a shireadh bho chionn ghoirid, gun tèid an dreuchd sin a lìonadh, am-measg dhreuchdan ùra eile, nuair a bhios cruth ùr air structair a’ Bhùird. Tha triùir air a’ bhuidhinn taice eadar-amail – Dòmhnall Màrtainn a tha a’ fuireach ann an Steòrnabhagh, Jo NicDhòmhnaill a tha a’ fuireach ann an Glaschu agus Ùisdean MacIllInnein a tha a’ fuireach ann an Inbhirkip ann an Inbhir Chluaidh. Thuirt Cathraiche a’ Bhùird Art MacCarmaig: “Bidh an triùir seo ag obair mar thaic agus mar ghoireas stòrais aig àrd-ìre anns a’ gheàrr-ùine a tha romhainn, fhad ’s a tha an structair aig a’ Bhòrd ag atharrachadh agus mar a tha sinn a’ fastadh luchd-obrach ùra a bhios gar toirt air adhart anns an ùine-fhada. Tha mi a’ dol a dhèanamh cinnteach gu bheil obair a’ Bhùird a leantainn gu h-èifeachdach an uair a tha sin a’ tachairt agus gum bi piseach a’ sìor thighinn air cùisean. Bu chòir astar agus èifeachdas na buidhne thoirt air adhart ceum air cheum agus feumaidh an luchd-obrach a th’againn taic a tha iomchaidh mar a tha sin a’ tachairt. Tha sinn air sgioba a thoirt còmhla a tha fìor eòlach ann an diofar raointean obrach agus tha mi deimhinne gun toir iad deagh thaic dhan Bhòrd agus gun daingnich iad gach leasachadh a tha a dhìth, le piseach air modhan-obrach is eile a chaidh a bhunaiteachadh air a’ bhliadhna a chaidh seachad. Tha dùil gum bi a’ bhuidheann-stiùiridh taice an-sàs airson suas gu 9 mìosan agus aig deireadh na h-ùine sin gum bi an structair ùr againn agus gum bi sinn air Bòrd na Gàidhlig a neartachadh ann an dòigh freagarrach a bheir leasachadh na Gàidhlig air adhart. Tha e cudromach gu bheil structairean ceart againn agus gu leòr de luchd-obrach le sgilean iomchaidh ach an tèid againn air rùintean coimhearsnachd na Gàidhlig a choileanadh agus cuideachd amasan Riaghaltais na h-Alba, a th’air an cur romhainn gu soilleir.” Thuirt Ministear na Gàidhlig Mìcheil Russell BPA: “Tha Bòrd na Gàidhlig air bun-stèidh làidir aig fìor chridhe na tha sinne a’ sùileachadh an Alba. Tha a’ chuideachd a tha seo eadar Jo, Dòmhnall agus Ùisdean a’ toirt beairteas neart is eòlais chun Bhùird. ’S ann air sgàth sin a tha mi cho toilichte gu bheil buidheann dhen leithid air aontachadh cuideachadh le ath-dhealbh is ath-chruthachadh a’ Bhùird aig àm a tha air leth cudromach. Tha fiughar agam ri bhith coinneachadh riutha agus a bhith ag obair còmhla riutha fhèin is Art MacCarmaig anns na mìosan romhainn.” Fiosrachadh
Fiosrachadh mu Bhuill BSTAE: Buinidh Dòmhnall Màrtainn do na Hearadh agus tha e a-nis a’ fuireach ann an Leòdhas. Tha e na Chathraiche air Ùghdarras a’ Chlò Mhòir agus tha e na Leas-Mhorair Ionaid a’ Chrùin anns na h-Eileanan Siar. Tha e cuideachd anns a’ chathair air a’ bhuidhinn foillseachaidh Gàidhlig Acair, agus na bhall de bhuidheann leasachaidh Plana Gàidhlig OGE. Bha e roimhe seo na Àrd-Oifigear air Comunn na Gàidhlig agus na Iar-Cheannard air Roinn Rianachd Chomhairle nan Eilean Siar. Tha e an-dràsta na bhall de Bhòrd Stiùiridh MG Alba agus bha e roimhe seo na bhall de dh’Urrasairean Sabhal Mòr Ostaig, le eòlas farsaing cuideachd air a bhith ag obair do bhuidhnean poblach eile a bharrachd air sin. Buinidh Jo NicDhòmhnaill do dh’Eilean Leòdhais agus tha i an-diugh a’ fuireach ann an Glaschu. An dèidh bliadhnaichean a chur seachad ag obair ann an raointean farsainn de phrògraman a’ BhBC, tha Jo NicDhòmhnaill a-nis ag obair air a ceann fhèin do dhiofar bhuidhnean, nam measg am BBC. Mas do dh’fhàg i am BBC, bha i os cionn BBC Gàidhlig, le 120 luchd-obrach ag obair ann an trì meadhanan, a’ frithealadh seirbheisean rèidio agus telebhisein, an dà chuid do BBC Alba agus do BBC2, agus an lìonraidh Gàidhlig bbcalba.co.uk. Bha i na ball dhen bhuidhinn MAGOG ann an 2002 a chomhairlich an Riaghaltas aig an àm air ro-innleachdan airson leasachaidh na Gàidhlig. Tha i air a bhith anns a’ chathair air buidheann foillseachaidh Gàidhlig ag obair dhan Bhòrd agus tha i cuideachd na ball de dh’Urras Shomhairle. Tha Ùisdean MacIllInnein à Caol a’ Ghearasdain, ach buinidh a chuideachd do na Hearadh. Tha e air a bhith an-sàs ann an obair leasachaidh Gàidhlig son iomadh bliadhna an dèidh trèanadh mar neach-teagaisg agus a bhith ag obair dhan BhBC agus pàipearan Naidheachd. Tha e cuideachd air a bhith ag obair air pròiseactan stiùiridh mar eòlaiche agus tha e an dràsta na bhall de bhòrd-stiùiridh MG Alba. Bha e roimhe seo na Rùnaire air Comann Gàidhlig Inbhir Nis agus Urras Brosnachaidh na Gàidhlig agus tha mòran eòlach air tro chuid-obrach mar chraoladair agus neach-eachdraidh spòrs, agus gu sònraichte ann an saoghal na camanachd. Bha e cuideachd roimhe seo ag obair na Stiùiriche Choluadair aig CalMac fad sheachd bliadhna. Tha e cuideachd fhathast na bhall de dh’Urras Shomhairle.
Airson barrachd fiosrachaidh mun naidheachd seo, cuiribh fios gu Ùisdean MacIllInnein air 0751 528 7040 | |



