LÈIRMHEAS BBC ALBA - CO-CHOMHAIRLEACHADH POBLACH
15 January 2010

Tha a’ Ghàidhlig na prìomh phàirt de chultar agus de dhearbh-aithne na h-Alba, agus tha a bhith a’ solarachadh seasmhachd don chànan ann an Alba san àm ri teachd na amas ainmichte poileasaidh aig Riaghaltas na h-Alba.  Tha adhartas cudromach ga dhèanamh gus inbhe agus tèarainteachd na Gàidhlig àrdachadh le bhith a’ meudachadh air solar foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (GME), stèidheachadh BBC ALBA agus a’ leudachadh air na h-ealain Ghàidhlig agus foillseachadh ann an Gàidhlig.

 

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air an taic bho Urras a’ BhBC don Ghàidhlig agus a’ creidsinn gu daingeann gu bheil comas brìgheil aig rèidio, telebhisean agus seirbheisean Gàidhlig air-loidhne gus amasan a’ Bhùird fhèin adhartachadh agus gus cuideachadh le mòr-mhiannan na coimhearsnachd Ghàidhlig a thoirt gu buil.

 

Tha pàirt deatamach aig BBC Alba a thaobh a bhith a’ solarachadh chothroman gus Gàidhlig ionnsachadh agus a chleachdadh, gus a cleachdadh a chomasachadh ann an raon de dh’earrannan cosnaidh, gus a faicsinneachd a mheudachadh, a’ cur taic ri a h-inbhe agus a’ solarachadh gluasad cunbhalach mu choinneamh leasachadh leantainneach corporra.

 

Tha am Bòrd a’ creidsinn gu bheil BBC Alba, bho chaidh an sianal a thòiseachadh air 19 Sultain 2008, air amasan ainmichte a choileanadh a thaobh feabhasachadh air an t-seirbheis a tha ri fhaotainn le luchd-labhairt na Gàidhlig, an t-seirbheis dhaibhsan a tha ag ionnsachadh a’ chànain agus iadsan a dh’fhaodadh a bhith airson an cànan ionnsachadh. Tha BBC Alba cuideachd a’ tairgsinn uinneag air a’ Ghàidhlig agus a cultar do neach sam bith aig a bheil ùidh. Tha e a’ nochdadh agus a’ cur taic ri cultar, dearbh-aithne agus dualchas na Gàidhlig ann an dòigh a tha deimhinneach. Le bhith a’ cosnadh àireamh de luchd-amhairc cunbhalach de 200,000 gach seachdain, tha e air creideas a stèidheachadh agus tha taic brìgheil agus mothachadh seòrsa am measg mòr-shluagh na h-Alba.

 

Tha buannachdan faicsinneach aig BBC Alba a tha cruthachail, cànanach, sòisealta agus eaconamach. Tha an sianal a’ bualadh air cruthachalachd na coimhearsnachd Ghàidhlig, a’ neartachadh ar bun-structar cultarach, ag ath-dhaingneachadh leasachadh a’ chànain,  a’ co-cheangal luchd-labhairt na Gàidhlig gu sòisealta mar choimhearsnachd agus a’ tarraing àireamh-sluaigh nas fharsainge a-steach. Tha an sianal cuideachd a’ cruthachadh cosnadh nach biodh idir ann air dhòigh eile ann an sgìrean ionadail agus air an oir, agus a’ faotainn anns a h-uile dòigh gu na h-àiteachan nach eil meadhanan eile a’ ruighinn. Aig an aon àm, tha a ruigsinneachd air luchd-amhairc a’ taisbeanadh gu bheil roinn chudromach de dh’àireamh-sluaigh na h-Alba ga chleachdadh.

 

Mar sin, tha BBC Alba na fhìor bhuannachd do dh’Alba gu h-iomlan, na mhaoin èifeachdach Albannach, a thuilleadh air a bhith na eileamaid dheatamach ann an ath-bheothachadh agus àbhaisteachadh  na Gàidhlig.

 

Tha BBC Alba a’ suidhe gu cofhurtail an taobh a-staigh poileasaidh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte mar a tha e air a mhìneachadh ann an aithrisean na h-Achd Craolaidh 2003, Cairt Eòrpach nam Mion-chànan agus le poileasaidh Riaghaltas na h-Alba mar a chaidh fhianais ann an Achd 2005 agus Plana Nàiseanta na Gàidhlig.  Tha e a’ coimeasadh gu fàbharach le coileanadh siostaman mheadhanan ar nàbaidhean mhion-chànanan as fhaisge òirnn sa Chuimrigh agus ann an Èirinn, ged a tha e aig an aon àm fo-mhaoinichte ann an coimeas ri suidheachaidhean eile.

 

A thuilleadh air an sin, tha e na laighe aig teis-meadhain solar craolaidh na seirbheis poblaich, anns a h-uile dòigh ach aon. Tha e stèidhichte air prionnsapalan traidiseanta Reithian de bhith a’ solarachadh fiosrachaidh, foghlaim agus fèisteas, agus a’ coileanadh slatan-tomhais craolaidh na seirbheis phoblaich cho-aimsireil a bharrachd, a thaobh tairgsinn fìor roghainn eile mu choinneamh sheirbheisean eile – agus gu h-àraid seirbheisean coimearsalta, a’ leudachadh roghainn an neach-cleachdaidh. Mar sin, tha BBC Alba a’ cur bacadh air fàilligeadh margaidh, a’ solarachadh seirbheis nach b’ urrainn don telebhisean choimearsalta a thairgsinn;  far a bheil e diofraichte bho sholar seirbheis phoblach eile, ’s e nach eil e fhathast ri fhaotainn air Freeview.  Bu chòir don easbhaidh sin a bhith air a ceartachadh a-nis.

 

Tha am Bòrd a’ tuigsinn, airson gach aon neach-labhairt Gàidhlig a tha BBC ALBA air a thàrraing  bho chaidh a chur air bhog, gu bheil e aig a’ char as lugha air triùir gun Ghàidhlig a thàladh le ceòl, spòrs agus prògraman fiosrachaidh nan tarraing sònraichte dhaibh. A dh’aindeoin dha BBC Alba a bhith ana-cothromaichte le dìth ruigsinneachd air Freeview, tha e a’ cur mòr-chuideachadh ri togail mothachadh don Ghàidhlig am measg dhaoine gun Ghàidhlig agus a’ brosnachadh bheachdan deimhinneach don chànan a thuilleadh air a bhith a’ meudachadh agus a’ saidhbhreachadh gu àrd-ìre an t-susbaint Albannach a tha ri fhaotainn do luchd-amhairc air fad. 

 

Bu chòir do BhBC Alba a bhith ri fhaotainn air raon cho farsaing ’s a ghabhas de dh’àrd-ùrlair, a’ gabhail a-steach Freeview agus càbal, agus air i-cluicheadair a’ BhBC. Tha am Bòrd a’ creidsinn nach biodh e iomchaidh inntrigeadh air BBC Alba tron eadar-lìon a-mhàin.  Chan eil an coimpiutair air àite na telebhisean a ghabhail fhathast anns a’ mhòr-chuid de dhachaighean ann an Alba. Tha am Bòrd cuideachd a’ beachdachadh gu bheil e gu mòr ion-mhiannaichte craoladh telebhisean Gàidhlig a chumail suas air BBC 2 Alba, a’ neartachadh na tairgse a tha ri fhaotainn le luchd-amhairc an t-sianail sin, tron taghadh as fheàrr de phrògraman BBC Alba.

 

 

Tha am Bòrd a’ cur luach air an taic a fhuaireadh gu dìreach agus gu neo-dhìreach bho BBC ALBA agus a sgioba-obrach, agus a’ cumail a-mach gu bheil BBC ALBA na phrìomh chom-pàirtiche ann an liubhairt plana glòr-mhiannach gus ginealach ùr de luchd-labhairt na Gàidhlig a chruthachadh. Chan urrainnear a bhith a’ meas fo luach am pàirt a tha aige ann an àrdachadh solar foghlaim Gàidhlig aig gach ìre. Tha BBC ALBA air a dheònachas a thaisbeanadh ann an cur ri tionnsgnaidhean foirmeil agus neo-fhoirmeil aig a h-uile ìre, agus tha e air a chomas a shoilleireachadh a thaobh taic do luchd-ionnsachaidh aig gach ìre.  

 

Tha am Bòrd ag aithneachadh agus air a mhisneachadh le dealas BBC Alba a thaobh meudachadh air bunait sgilean agus cothroman cosnaidh a tha rim faotainn le  luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Chan urrainnear a mheas fo luach cho cudromach ’s a tha cruthachadh chothroman airson raon fharsaing de thàlant ùr. Tha cruthachadh ginealach ùr de luchd-labhairt na Gàidhlig an crochadh air daoine òga a tharraing agus a ghleidheadh agus tha am Bòrd a’ creidsinn gu bheil pàirt deatamach aig BBC Alba ann an dèanamh cinnteach gun tachair seo. 

 

Tha soirbheachadh BBC Alba na theisteanas don cho-obrachadh gun choimeas eadar BBC agus MG Alba. Tha am Bòrd a’ creidsinn gu bheil soirbheachadh BBC Alba san àm ri teachd an eisimeil dà phrìomh ghnìomh:

 

1          BBC Alba fhaotainn air Freeview gu grad;

2          Meudachadh air a’ mhaoineachadh a tha ri fhaotainn le BBC Alba gus a dhèanamh comasach air a phrògramadh a chumail suas agus a leasachadh.

 

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur ìmpidh air Urras a’ BhBC taic a chur ri BBC Alba le bhith a’ moladh craobh-sgaoileadh sa bhad air Freeview, le barrachd stòrais is ghoireasanson an t-seirbheis àrdachadh agus a leasachadh.

 

 

 


Cùl-fiosrachaidh:

 

DREUCHD & DLEASTANASAN BHÒRD NA GÀIDHLIG

 

Ràinigeadh clach-mhìle shònraichte ann an leasachadh na Gàidhlig nuair a ghabh Riaghaltas na h-Alba ri Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.  Stèidhich Achd  2005 Bòrd na Gàidhlig (‘am Bòrd’) mar bhuidheann reachdail le uallach airson inbhe na Gàidhlig a thèarainn mar chànan oifigeil ann an Alba, a’ dleasadh spèis co-ionnan ri Beurla. Tha dleastanasan sònraichte reachdail aig a’ Bhòrd ri adhartachadh, agus comhairle a sholarachadh do Mhinistearan agus do bhuidhnean poblach mu chùisean co-cheangailte ri cànan, cultar agus foghlam Gàidhlig.  Tha e air iarraidh air a’ Bhòrd na dleastanasan sin a chur an cèill tro amas meudachadh air àireamh luchd-cleachdaidh na Gàidhlig, agus leis an amas a bhith a’ brosnachadh agus a’ comasachadh ruigsinneachd nas motha air agus tuigse don Ghàidhlig.

 

Chàraich Achd 2005 dleastanas air a’ Bhòrd gus Plana Nàiseanta na Gàidhlig a thoirt gu buil agus tha an sgrìobhainn poileasaidh cudromach seo, a chaidh aontachadh le Ministearan na h-Alba sa Mhàirt 2007, a’ solarachadh bunait foirmeil mu choinneamh leasachadh na Gàidhlig san àm ri teachd. Tha Plana Nàiseanta na Gàidhlig air a chumail suas le ceithir prionnsapalan planaidh cànain a tha fad-stèidhichte agus eadar-dhàimheach, le molaidhean a thaobh taic don Ghàidhlig san dachaigh, coimhearsnachd, àite-obrach agus ionad ionnsachaidh tro thogail cànain, cleachdadh, inbhe agus leasachadh corporra.

 

 

 

 

Ùisdean MacIllInnein

 

Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use