Co-chomhairle air Plana Nàiseanta na Gàidhlig
14 An Lùnastal 2006

Tha Bòrd na Gàidhlig a' foillseachadh a' chiad Plana Nàiseanta Gàidhlig airson co-chomhairle poblach, an-diugh, 14 Lùnastal 2006.

Tha an dreach plana a' moladh ghnìomhan gus cleachdadh na Gàidhlig àbhaisteachadh, agus leasachadh a bhrosnachadh, thar beatha dachaigh agus coimhearsnachd, a' togail air adhartasan soirbheachail a tha mar-thà air tachairt air feadh Alba.

'S e Bòrd na Gàidhlig am Buidheann Leasachaidh Gàidhlig reachdail a tha stèidhichte fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, le dleastanas Gàidhlig a leasachadh ann an Alba is ann an dùthchannan eile. Tha an Achd, a chaidh an gnìomh sa Ghearran am-bliadhna, a' cur ìmpidh air a' Bhòrd Plana Nàiseanta a dheasachadh dhan Gaidhlig a stèidhicheas innleachd choileanta dhan chànan is a cultar.

Tha Bòrd na Gàidhlig cuideachd, an-diugh, a' foillseachadh dreach Stiùireadh airson Planaichean Gàidhlig air am bi feum aig buidhnean poblach a bhios a' deasachadh phlanaichean gus cuid den cuid sheirbheisean làitheil a libhrigeadh tro Ghàidhlig.

Thuirt Ceannard Bòrd na Gàidhlig, Ailean Caimbeul:
“Tha an co-chomhairleachadh a' toirt cothrom dha gach neach aig am bheil ùidh ann an Gàidhlig cur ris a' phlana, agus tha am Bòrd a' sireadh an àireamh as motha a ghabhas de bheachdan airson aonta dhearbhte air na bheil sinn ag amas.

“Tha an dreach plana seo a comharrachadh phrìomhachàsan agus gnìomhan gus tuilleadh adhartas le leasachadh na Gàidhlig agus tha e deatamach gun gabh coimhearsnachd na Gàidhlig sealbh air a' phlana, agus gun obraich iad gu h-èifeachdach còmhla gus na h-amasan a th’ ann a choileanadh. Tha an dreach Stiùireadh airson Planaichean Gàidhlig a mìneachadh mar a thèid aig buidhnean poballach air planaichean Gàidhlig a dheasachadh a-rèir na h-Achd, ach bithidh an Stiùireadh cuideachd feumail dha buidhnean ‘s na roinnean prìobhaidich agus saor-thoileach.

“Tha am Bòrd gu bhith a cumail sreath choinneamhan poblach air feadh Alba gus an dreach plana fhoillseachadh agus cothrom deasbaid a thoirt air a' chuid mholaidhean.  Tha sinn an dòchas gum bi mòran ùidh aig daoine anns na coinneamhan sin, agus gun cuidich iad daoine gus pàirt a ghabhail anns a' cho-chomhairleachadh. Tha na coinneamhan sin a' tòiseachadh ann an Steòrnabhagh is Inbhirnis air 21 Lùnastal agus tha fiughair againn ri deagh dheasbadan.”

Thèid na coinneamhan a shanasachadh ann am pàipearan ionadail, agus gabhaidh beachdan airson a' cho-chomhairleachadh a chur ann an sgrìobhadh  chun a' Bhòrd, ar-neo tron eadar-lion gu www.bord-na-gaidhlig.org.uk.

Tha tuilleadh fiosrachaidh mu na coinneamhan sin agus mun cho-chomhairle ri fhaotainn air làrach-lìn a' Bhùird aig www.bord-na-gaidhlig.org.uk  Faodar na dreachan den dà iris air am bheilear a' sireadh bheachdan a thogail bhon làrach-lìn cuideachd.

Thuirt Ministear na Gàidhlig, Peadar Peacock:
“Tha sinn mar-thà air adhartas mòr a dhèanamh ann a bhith neartachadh suidheachadh na Gàidhlig ann an Alba, agus tha foillseachadh dreach Plana Nàiseanta Gàidhlig na cheum sònraichte eile.

“Tha mi an dòchas gun gabh na h-uile aig am bheil ùidh ann an Gàidhlig - fileantaich, luch-ionnsachaidh, is eile – pàirt anns a' cho-chomhairleachadh seo, agus gun toir iad beachdan dhan Bhòrd air a' chuid amasan airson a' chànain.

“Nochd Achd na Gàidhlig gu math soilleir ire taice an riaghaltais dhan Ghàidhlig, agus tha am Plana Nàiseanta, a tha na phrìomh phàirt den Achd, a' toirt cothrom dhan Bhòrd a' chuid lèirsinn dhan chànan fhoillseachadh le amasan dùbhlanach, ach a ghabhas coileanadh, airson an tuilleadh leasachaidh dhan Ghàidhlig.”

 

 

Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use