| Tabhartasan ùra airson pròiseactan coimhearsnachd Gàidhlig | |
| 12 An t-Samhain 2007 Tha Bòrd na Gàidhlig a’ toirt cothrom do bhuidhnean iarrtas taic-airgid a chur a-steach airson pròiseactan a tha a’ neartachadh togail is cleachdadh na Gàidhlig am measg òigridh agus anns an dachaigh. Bidh na tabhartasan, nach bi nas àirde na £2,500 gach fear, a’ cuideachadh lìbhrigeadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig. Tha £50,000 de thaic-airgid ga tabhann uile gu lèir. Thuirt Stiùiriche Leasachaidh a’ Bhùird, Dòmhnall MacGilleMhoire: “Tha iomadh buidheann bheag agus buidhnean coimhearsnachd air feadh na dùthcha a tha a’ gabhail os làimh obair chudromach don chànan agus a tha a’ toirt neart don Ghàidhlig anns na coimhearsnachdan againn. “Tha a’ mhaoin seo ann gus buidhnean a chuideachadh pròiseactan ùracruthachail a ruith, a bhios a’ brosnachadh ionnsachadh agus cleachdadh na Gàidhlig anns a’ choimhearsnachd ach gu h-àraid anns an dachaigh agus am measg na h-òigridh. “Ged a bhios na tabhartasan fhèin meadhanach beag, tha fios againn gum bi sùimeannan mar seo na chuideachadh mòr do bhuidhnean a tha a’ cur iomairtean coimhearsnachd air dòigh. “Tha sinn a’ coimhead air adhart ri iarrtasan fhaighinn a bhios a’ cuideachadh le Plana Nàiseanta na Gàidhlig a chur an gnìomh.”
Roimhe seo, tha sgeamaichean taic a’ Bhùird air cuideachadh a thoirt do phròiseactan coimhearsnachd leithid Pàrant is Pàiste Bhàgh a’ Chaisteil airson stuthan ionnsachaidh is cluiche; Comann Cùram-chloinne Albannach airson leasachadh seirbheis cùram-chloinne Ghàidhlig; Ionad Loch a Tuath airson tachartasan taobh a-muigh na sgoile do dh’òigridh; Fèis na h-Òige airson bùthan-obrach do dheugairean; agus Comhairle Lannraig a Tuath airson buidheann ionnsachaidh teaghlaich. Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh agus foirm iarrtais air Togail is Cleachdadh | |

