A' cur fàilte air a' chiad Phlana Nàiseanta na Gàidhlig

Thuirt Ùisdean MacIllinnein, Ceannard Conaltraidh agus Cùram Luchd-cleachdaidh Aiseagan Caledonian Mac a’ Bhruthainn Earranta:

“Tha CalMac a’ gealltainn taic a thoirt dhan Ghàidhlig agus pàirt follaiseach a ghabhail ann an cur ri Plana Nàiseanta na Gàidhlig. 

“Tha sinn den bheachd gum feum an cànan sealladh ro-innleachdail nàiseanta, le aire iomchaidh air na prìomh-amasan pragmatach, so-ruigsinn agus seasmhach. 

“Tha sinn cuideachd airson gum bi pàirt againn ann an cruthachadh barrachd chothroman air cleachdadh agus adhartachadh na Gàidhlig ann an diofar shuidhichidhean le ar coimhearsnachdan agus luchd-cleachdaidh. Tha àite cudromach aig a’ Ghàidhlig, a thaobh ro-innleachd agus dòigh-obrach, nar dealbhadh conaltraidh agus margaideachd.”

Thuirt Alison Magee, Cathraiche Highland 2007:

“Tha Highland 2007 a’ cur làn thaic ri oidhirpean Bòrd na Gàidhlig ann an adhartachadh cànan agus cultar na Gàidhlig.

“Tha a’ Ghàidhlig na prìomh chuspair ann an Highland 2007, agus tha cànan am measg nan iallan cultair a bhios air an comharrachadh tron bhliadhna seo. Dh’iarr Highland 2007 air a h-uile duine a tha a’ cur tachartasan air dòigh am-bliadhna Gàidhlig a ghabhail a-steach annta ma ghabhas e dèanamh agus thug sinn taic dhìreach dha iomadh pròiseact agus tachartas Gàidhlig.”

Thuirt Ian Jones, stiùiriche reic Homebase:

“Tha sinn air leth toilichte gur e Homebase a’ chiad bhuidheann san roinn phrìobhaideach a chuir soidhnichean dà-chànanach anns na bùthan againn an Alba (an t-Òban agus Grianaig) anns an t-Sultain an-uiridh.

“Le còrr air 30 bùthan an Alba, tha sinn a’ gealltainn taic a thoirt dhan Ghàidhlig agus beachdan luchd-cleachdaidh a ghabhail a-steach, agus mar sin tha sinn an dùil soidhnichean ann am Beurla agus Gàidhlig a chur dhan h-uile bùth ùr agus dhan fheadhainn a thathar ag ùr-sgeadachadh.

“Tha sinn air obrachadh gu dlùth le Bòrd na Gàidhlig agus tha sinn den bheachd gun cuidich Plana Nàiseanta na Gàidhlig sinn fhìn agus companaidhean eile san roinn phrìobhaideach a’ faighinn tuigse air Gàidhlig agus coimhearsnachdan Gàidhlig agus a’ toirt taic dhaibh anns na bliadhnachan ri teachd.”

Thuirt an Comhairliche Hamish Friseal, Cathraiche Comataidh Thaghte na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd:

“Tha foillseachadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig na thoileachas mòr dhomh – ’s e latha cudromach a th’ ann dhan choimhearsnachd Ghàidhlig air fad oir ’s e seo a’ chiad Phlana Nàiseanta a-riamh dhan chànan ann an eachdraidh na Gàidhlig.
 
“Tha Comhairle na Gàidhealtachd air leth toilichte a bhith na phàirt den chùrsa co-chomhairleachaidh, agus cumaidh sinn suas ar dìcheall a thaobh leasachadh foghlam Gàidhlig nar Sgoiltean, le stèidheachadh Sgoil Ghàidhlig ùr an Inbhir Nis, Prìomh-bhaile na Gàidhealtachd, agus adhartachadh agus misneachadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns gach ceàrn.

“Tha mi cuideachd den bheachd gun toir am Plana eileamaid ro-innleachdail, dìreach agus iomlan dha leasachadh Gàidhlig. Tha Gàidhlig a’ dol thairis air gach gnè a thuilleadh air foghlam, mar eisimpleir; gach roinn ann an ùghdarras ionadail, turasachd, leasachadh gnìomhachais, Seirbheis na Slàinte, ceòl, na meadhanan agus spòrs agus tha iad uile air an comharrachadh anns a’ Phlana. Tha àite aig a’ chànan a-nis mar roghainn dreuchd dhan òigridh againn agus bu chòir dha muinntir na Gàidhealtachd a bhith moiteil às.

“Tha an sgrìobhainn cudromach seo air slighe a chruthachadh airson stiùireadh a thoirt dha buidhnean coimhearsnachd Gàidhlig, ùghdarrasan ionadail agus buidhnean nàiseanta gus Gàidhlig a ghabhail a-steach san obair làitheil aca, agus gu h-àraidh taobh a-staigh Dealbhadh Coimhearsnachd nàiseanta.
 
Còmhla ri sin, thuirt Mgr Friseal, gun dèan am Plana Nàiseanta cinnteach gum bi leasachadh Gàidhlig na phàirt riatanach de bheatha làitheil na h-Alba:

“Cha chuir Plana na aonar dìon air cànan, coimhearsnachdan, ùghdarrasan ionadail, buidhnean poblach agus prìobhaideach agus roinn a’ ghnìomhachais. Feumaidh luchd-poileataics am Plana a chleachdadh airson buileachadh agus obair a stiùireadh aig an àm seo agus san àm ri teachd. Tha dè thachras dhan Ghàidhlig an urra ruinn fhìn a-nis agus feumaidh sinn cumail a’ toirt taic dhan Bhòrd gus dèanamh cinnteach gum bi ar cànan air a chumail beò agus air a chleachdadh.”

Thuirt Alasdair MacLeòid, manaidsear poileasaidh na Gàidhlig aig Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean:

“Tha HIE a’ cur fàilte air foillseachadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig an-diugh. Tha a’ Ghàidhlig fìor luachmhor dha Alba agus tha i a’ cuideachadh a’ toirt cumadh air a’ chultair shònraichte a tha againn anns a’ Gàidhealtachd agus na h-Eileanan.

“Bidh sinn toilichte obrachadh còmhla ri luchd-obrach a’ Bhùird agus ar co-oibrichean aig HIE agus tro na companaidhean iomairt ionadail a’ cuideachadh le plana cànain làidir agus tionnsgalach a bhuileachadh a nì fìor chuideachadh dhan Ghàidhlig san àm ri teachd agus a bhios ga leudachadh mar chànan coimhearsnachd agus mar spionnadh airson tuilleadh leasachaidh anns an sgìre againn.”

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Ceannard Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig:

“’S e adhbhar gairdeachais a th’ann gu bheil lèirsinn ùr ann airson na Gàidhlig aig ìre nàiseanta, agus tha sinn a’ cur ar làn thaic ris na h-iomairtean a tha riatanach airson piseach a thoirt do chleachdadh ar cànain.”

Thuirt Ailig Dòmhnallach, Neach-gairm Comhairle nan Eilean Siar:

“Tha Comhairle nan Eilean Siar a’ cur fàilte air foillseachadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig mar chlach-mhìle shamhlachail ann an ath-bheothachadh na Gàidhlig an Alba.  Tha Riaghaltas na h-Alba gu mòr ri mholadh airson Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus Bòrd na Gàidhlig. 

“Tha prìomh mhiannan na coimhearsnachd Ghàidhlig air an coileanadh agus tha e a-nis an urra ri daoine, agus ri buidheann nàiseanta agus eile a tha airson gum bi a’ Ghàidhlig beò san 21mh linn agus nas fhaide air adhart obrachadh còmhla ri Bòrd na Gàidhlig gus an sealladh ro-innleachdail seo atharrachadh gu toraidhean follaiseach agus seasmhach.  Thàinig Plana Nàiseanta na Gàidhlig gu bith às dèidh mòran deasbaid agus co-chomhairle agus tha e a’ toirt dealbh fìor air feuman agus iarrtasan nan daoine a tha a’ toirt taic dhan chànan agus ga adhartachadh, ga chumail suas agus ga bhruidhinn.

“Bho chaidh Comhairle nan Eilean Siar a stèidheachadh ann an 1976 tha i air taic a thoirt dha iomadh taobh de dh’adhartachadh agus leasachadh na Gàidhlig.  Cumaidh Comhairle nan Eilean Siar a’ dol a’ toirt taic dha Bòrd na Gàidhlig tro na h-amannan dùbhlanach agus inntinneach ri teachd gus dèanamh cinnteach gum bi an cànan as aosta san dùthaich na phàirt bunaiteach de bheatha na h-Alba.”

Thuirt a’ bhan-sheinneadair Ghàidhlig Julie Fowlis:

"Tha pàirt cudromach aig a’ Ghàidhlig nam bheatha agus nam obair agus b’ fheàrr leam gum faicinn barrachd dhaoine an Alba ag ionnsachadh a’ chànain agus a’ toirt taic dha shàr chultar bheothail.

"Tha mi an dòchas gum brosnaich am Plana taic fad is farsaing dhan chànan, aig a h-uile ìre, agus gum brosnaich e luchd-ciùil agus luchd-ealain gu soirbheachadh tro Ghàidhlig – cànan a tha a’ leudachadh agus a’ fàs ann an Alba, mar bu chòir."

 

Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use