A' Ghàidhlig
'S i a' Ghàidhlig aon de na cànanan nàiseanta ann an Alba agus 's e cànan Ceilteach a th' innte aig a bheil eachdraidh fhada san dùthaich seo, a' dol air ais gu co-dhiù an 6mh linn. Tha na h-ainmean-àite Gàidhlig air feadh Alba a' sealltainn cho fada 's a sgaoil na Gàidheil agus an cànan san àm a dh'fhalbh.
Tha a' Ghàidhlig na cànan coimhearsnachd ann an grunn cheàrnaidhean de dh'Alba fhathast agus tha an Riaghaltas le reachdas is Bòrd na Gàidhlig a' feuchainn ri cor na Gàidhlig adhartachadh. Tha a' Ghàidhlig follaiseach ann an diofar raointean der beatha ann an Alba an-diugh mar: foghlam, craoladh, obair, dualchas agus na h-ealain. Tha Bòrd na Gàidhlig a' feuchainn ris na cothroman a bhios aig an t-sluagh air a' Ghàidhlig a leudachadh anns gach raon de bheatha dhaoine ann an Alba.
Ged a tha a' Ghàidhlig fhathast a' crìonadh, tha adhbharan dòchais ann le barrachd is barrachd sgoilearan a' dol tro mheadhan na Gàidhlig, agus le Achd na Gàidhlig fhèin a tha a' toirt spionnadh reachdail dhan iomairt gus a' Ghàidhlig a ghleidheadh. 'S e dìleab phrìseil a th' anns a' Ghàidhlig às am bu chòir muinntir na h-Alba air fad a bhith moiteil, agus 's e cànan beò a th' innte a tha freagarrach do shaoghal an latha an-diugh.

