eilidh_macleod.jpg

An latha an-diugh

Tha 58,652 duine ann an Alba a tha comasach air Gàidhlig a bhruidhinn a rèir a' Chunntais-shluaigh mu dheireadh, agus barrachd is leth dhiubh a' fuireach sna sgìrean dualchasach (sna h-Eileanan an Iar agus san Iar-Ghàidhealtachd) agus cha mhòr leth dhiubh a' fuireach sa chòrr de dh'Alba.

Tha crìonadh gun lasachadh air tighinn air àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig sa cheud bliadhna a dh'fhalbh ann an Alba. Bha 230,806 neach-labhairt na Gàidhlig ann an Alba ann an 1901 a rèir a' chunntais-shluaigh. Tha a' choire aig grunn adhbharan, eaconomach is eile, gu bheil seo air tachairt agus thathar an dòchas le barrachd taic dhan chànan gun stad an crìonadh seo.

A rèir a' chunntais-shluaigh mu dheireadh ged a bha crìonadh ann a-rithist bho 65,978 (1991) gu 58,652 (2001) air luchd-labhairt na Gàidhlig, cha robh an ìre crìonaidh cho cas sa bha i eadar 1981 is 1991 nuair a chaidh àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig sìos bho 79,307 gu 65,978. A bharrachd air na daoine ann an Alba a tha comasach air a' Ghàidhlig a bhruidhinn agus a chlàradh sa chunntas-shluaigh mu dheireadh, tha buidheann eile ann a tha comasach air a' Ghàidhlig a leughadh, a sgrìobhadh no a thuigsinn – tha 33,744 dhiubh ann a rèir a' chunntais-shluaigh mu dheireadh.

'S ann sna h-Eileanan an Iar agus ann an sgìrean eile dhen Iar-Ghàidhealtachd as làidire a' Ghàidhlig fhathast. Ach tha buidhnean nach beag de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an cuid de bhailtean mòra na h-Alba leithid Ghlaschu, Dhùn Èideann is Inbhir Nis agus tha cha mhòr an leth uiread de luchd-labhairt na Gàidhlig a' fuireach ann an àiteachan taobh a-muigh nan sgìrean dualchasach (na sgìrean roinneil: Na h-Eileanan Siar, Roinn na Gàidhealtachd, Earra-Ghàidheal is Bòid).

Tha grunn dhaoine san latha an-diugh am measg luchd-labhairt na Gàidhlig a tha air an cànan ionnsachadh agus tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, agus na leasachaidhean a tha air a bhith an lùib sin, gu ìre nan adhbhar dòchais a thaobh cor na Gàidhlig. Tha 3,086 sgoilearan ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig an-dràsta (sgoiltean àraich aig na comhairlean, bun-sgoiltean, àrd-sgoiltean) agus tha 3,641 a' gabhail a' chànain mar chuspair san àrd-sgoil (fileantaich is luchd-ionnsachaidh). Cuideachd a rèir a' chunntais-shluaigh mu dheireadh, chaidh àireamh na cloinne eadar còig is naoi aig a bheil Gàidhlig suas. Cuideachd tha faisg air 2,000 pàiste sna buidhnean ro-sgoile aig Comhairle nan Sgoiltean Àraich.

Thuirt Duncan Macniven, Clàradair na h-Alba, mun aithisg aige air Cunntas-sluaigh 2001: “Tha an aithisg seo, a tha stèidhichte air mion-sgrùdadh air Cunntas-sluaigh 2001, a' sealltainn gu bheil piseach agus crìonadh a' tighinn air a' Ghàidhlig. Thuit an àireamh de luchd-labhairt Gàidhlig 7,300 rè nan 1990an. Ach, chaidh àireamh nan daoine a bha a' leughadh Gàidhlig suas 3,200 agus bha 3,200 a bharrachd comasach air sgrìobhadh ann an Gàidhlig.

“Chithear bhon Chunntas-shluaigh gu bheil a' Ghàidhlig a' crìonadh anns na prìomh sgìrean traidiseanta aice, gu sònraichte sna h-Eileanan Siar, ach a' fàs ann an iomadh pàirt eile de dh'Alba – agus am measg òigridh. B' urrainn do mu 430 a bharrachd de dh'òigridh, aois còig gu naoi, bruidhinn Gàidhlig ann an 2001 na ann an 1991. Tha i a' gluasad bho bhith na cainnt-beòil gu bhith na cànan a thathar a' bruidhinn, a' leughadh agus a' sgrìobhadh.” (Bho Aithisg Ghàidhlig mu Chunntas-sluaigh na h-Alba 2001).

Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use