Cultar, Dualchas is na h-Ealain'S e raon torach a th' ann an cultar, dualchas agus na h-ealain Ghàidhlig, agus a bharrachd air a bhith a' tarraing dhaoine chun na Gàidhlig, tha iad ag àrdachadh ìomhaigh na Gàidhlig gu nàiseanta is eadar-nàiseanta. 'S ann cudromach a tha e gu bheil beatha chultarail bhrìoghmhor aig na Gàidheil.Tha Bòrd na Gàidhlig a' toirt taic chunbhalach do chultar, dualchas agus na h-ealain agus ann an co-bhuinn ri buidhnean mar Comhairle Ealain na h-Alba tha sinn a' toirt cothrom do na Gàidheil a bhith cruthachail is lèirsinneach agus a bhith a' tasgadh an cuid dualchais. Às bith an e dràma, ceòl, ealain lèirsinneach, taigh-tasgaidh, litreachas no taigh-taisbeanaidh, tha Bòrd na Gàidhlig deònach dol an sàs ann am pròiseactan toillteanach. Tha am Bòrd gu tric ag obair còmhla ri buidhnean eile mar Buidheann Leasachaidh Ro-innleachdail nan Ealain Gàidhlig (GASD) agus Bliadhna Chultarail na Gàidhealtachd 2007. Tha sinn cuideachd a' toirt fianais seachad mun raon seo nuair a tha an Riaghaltas is buidhnean eile a' sireadh bheachdan. 'S ann às a' choimhearsnachd a thig cultar, dualchas is na h-ealain agus 's e th' ann an coimhearsnachd: cultar, dualchas is na h-ealain. Agus tha a' Ghàidhlig aig cridhe coimhearsnachd nan Gàidheal. Gu h-ìosal gheibhear sealladh air an obair mhìorbhaileach a tha dol san raon seo an-dràsta: Seachd - Fiolm ùr Gàidhlig air a stiùireadh le Young Films Blas - Fèis chiùil a' brosnachadh cànan is cultar nan Gàidheal sa Ghàidhealtachd Ùr-sgeul - Rosg Gàidhlig dhan 21mh linn
|
|
Bòrd na Gàidhlig, Darach, Fèith nan Clach, Inbhir Nis IV2 7PA Fòn: +44 [0] 1463 225454 Facs: +44 [0] 1463 716217 fios@bord-na-gaidhlig.org.uk |
© Bòrd na Gàidhlig [2006] Gach còir glèidhte |