Dearbh Fhiosrachadh

  • Tha 58,652 duine ann an Alba comasach air a' Ghàidhlig a bhruidhinn (a rèir a' Chunntais-shluaigh ann an 2001)

 

  • Tha beagan comais sa Ghàidhlig aig 92,396 duine aois 3 bliadhna agus nas sine ann an Alba (Cunntas-sluaigh 2001)

 

  • Tha 46 millean duine a tha bruidhinn mhion-chànanan anns an Roinn Eòrpa

 

 

  • Tha 3,641 sgoilear a' gabhail Gàidhlig mar chuspair san àrd-sgoil

 

  • Thadhail 486,987 neach air an duilleig-lìn Cailean is Cumberland aig BBC Alba sa chiad seachdain dhe bhith ann (‘s e pròiseact ioma-mheadhanach airson Gàidhlig ionnsachadh a th' ann)

 

  • Fhuair Bòrd na Gàidhlig tabhartas-taice luach £2.394 millean bho Riaghaltas na h-Alba sa bhliadhna ionmhais 2004-2005, agus tabhartas-taice luach £2.809 millean sa bhliadhna ionmhais 2005-2006

 

  • Gheibh Bòrd na Gàidhlig tabhartas-taice luach £4.409 millean ann an 2006-2007, agus an t-àrdachadh seo airson gun cuidich iad na h-ùghdarrasan ionadail is buidhnean poblach eile le bhith cur an gnìomh Planaichean Gàidhlig

 

  • Tha barrachd dhaoine le comas sa Ghàidhlig a' fuireach sna h-Eileanan Siar (18,420), Roinn na Gàidhealtachd (18,360) agus Earra-Ghàidheal & Bòid (6,520) na ann an roinn comhairle sam bith eile (Cunntas-sluaigh 2001)

 

  • Thug Bòrd na Gàidhlig 73 tabhartasan seachad sa bhliadhna ionmhais 2004-2005 luach £1,860,115