hallaig.jpg

Eachdraidh na Gàidhlig

Alba agus a' Ghàidhlig: eachdraidh ghoirid

'S i a' Ghàidhlig aon de chànanan nàiseanta na h-Alba.  Tha an inbhe nàiseanta seo ri aithneachadh gu follaiseach air mapa na dùthcha, agus glè bheag de cheàrnaidhean rin lorg ann  aig nach eil co-dhiù dòrlach de dh'àiteannan a fhuair an ainm o thùs bho Ghaidheil: o Bhail' Àirneach an Lodainn (Balerno) gu ruige Baile Mhàrtainn an Uibhist a Deas; o Chreag an t-Sionnaich an Dùn Èideann (Craigentinny) gu Allt a' Mhuilinn fada mu thuath ann an Dùthaich MhicAoidh; no bho Dhruim Mhòr air Maol Ghallghallaibh gu Càrn Builg faisg air Baile nam Frisealach san taobh an-ear.  Fiù 's ann am pàirtean den dùthaich anns nach cluinnear Gàidhlig dhùthchasach tuilleadh, mar Ghallghallaibh, Fìofa, no Siorrachd Obar Dheathain, 's i a' Ghàidhlig as motha thug buaidh air ainmeachadh cruth na tire.

Anns an dara 's an treas linn deug, agus rèim na Gàidhlig aig a h-àirde, gheibhte luchd-labhairt a' chànain ann an cha mhòr gach oisean de mhòrthìr na h-Alba, air bilean gach cuid uachdarain is ìochdarain: uaislean mar Chólman is Gille Mhuire ann an Lodainn (a thug an ainm do Chomiston agus Gilmerton an Dùn Èideann); no tràillean mar MhacCormaig is Maol Mhuire à Srath Thuaidh, no Gille Mo-chaoi a bha cuinglichte aig Cathair-eaglais Ghlaschu. Gun luaidh air na Raghnallan is na Somhairlean a bha a' gabhail seilbh le làmhachas làidir air a' chosta an-iar agus ann an Innse Gall - uaislean a bhuineadh do shliochd Lochlannach ach làn an cinn aca de Ghàidhlig.

Is tric a smaoinichear air a' Ghàidhlig mar chànan air an tàinig sìor chrìonadh o linn na Bànrinn Mairearad agus Mhaolcholuim Ceann-mòir (c.1050) 's an cuid mhac. Ach tha rannsachadh ag innse gur ann feadh an dara linn deug a chaidh cuid de na h-ainmean àite Gàidhlig as cumanta a chruthachadh, ainmean le baile no achadh.  Ciamar a fhuair a' Ghàidhlig a leithid de phrìomhachas, agus dè bu choireach gun do chaill i a rèim? Cuin a thàinig an cànan dhan dùthaich an-toiseach co-dhiù, agus ciamar a dh'atharraich i as dèidh sin?  Ciamar a fhuair i buintealas cho domhain leis na “Highlands” agus mu dheireadh leis na h-Eileanan Siar?  Dè cho fada is a mhair a' Ghàidhlig ann an diofar cheàrnaidhean den dùthaich?  Amaisidh an cùnntas seo air freagairtean a thoirt dha na ceistean sin uile.

'S e a' Ghàidhlig aon de na cànanan ceilteach. Tha buintealas aice ris a' Chuimris, a' Chòrnais agus cànan na Breatainn Bhig anns an Fhraing, ach 's iad Gàidhlig na h-Èireann (a' Ghaeilge) agus Gàidhlig Eilean Mhanainn as dlùth-chàirdiche rithe. Shìolaich na trì teangannan “Goidelic” seo o chànan-tobrach a bhathar a' bruidhinn ann an Èirinn anmoch sa chiad mhìle-bliadhna ro Chrìost agus tràth sa chiad mhìle-bliadhna as dèidh Chrìost. 'S e “Scoti” a bha aig sgrìobhadairean Laideann air luchd-labhairt a' chànain seo, agus “Scotia” a bha aca air Èirinn, ach tràth sna Meadhan Aoisean ghabh iad ainm orra fhèin a thog iad bho na Ceiltich Bhreatannach (no Sheann-Chuimreach): “Goídil”, 's e sin, “Gaidheil”.

Anns an t-6mh linn - air a' char as anmoiche - bha an cànan seo ga bruidhinn ann an Earra-Ghaidheal.  Dh'fhaodadh gun do thachair seo mar thoradh air in-imrich shluaghan Scotach às Èireann, ach tha am beachd seo air a bhith air a chur gu dùbhlan o chionn ghoirid agus cuid a' cumail a-mach gun do sgaoil an t-Seann Ghàidhlig ann an Èirinn agus ann an Earra-Ghaidheal aig a' cheart aon àm.  Ach is cinnteach co-dhiù gum b' i an cànan a bha aig luchd riaghlaidh Earra-Ghaidheal anns an t-6mh linn agus aig an rìoghachd aca, Dàl Riata (rìoghachd a bha a' gabhail a-staigh pàirtean de dh'Antraim, an Èirinn a Tuath).  'S i cuideachd a bha aig luchd eaglais Dhàl Riata, aig a robh ceanglaichean poilitigeach is cinneadail dlùth ri Èirinn.  Aig an àm sin bha luchd labhairt na Seann Ghàidhlig air an cuairteachadh le sluaghan aig a robh cànanan ceilteach eile (Pioctais agus Breatannais), tuath air Àird nam Murchan, an ear air beanntannan Bhraid Albann, agus deas air Abhainn Chluaidh.  Nas fhaide deas buileach bha muinntir a bha a' bruidhinn na Seann Bheurla Tuathail (a' chainnt às an tigeadh a' Bheurla Ghallda).  Tro na linntean a lean, chaidh àireamhan luchd na Gàidhlig am meud agus dh'at na crìochan aca gu sear 's gu tuath, ach cha b' iad an sluagh a bu chumhachdaiche ann am Breatann a Tuath fhathast.  Bha buaidh air leth làidir aca san Eaglais, ge-tà, agus gu dearbh b' e Gaidheil a thug iompachadh Crìostail air sgaoiltich mhòra den dùthaich. 

B' ann anns an 9mh linn, rè nan ùpraidean mòra a dh'adhbharaich teachd gu tìr ainneartach nan Lochlannach air còrsaichean Bhreatainn, a fhuair na Gaidheil làmh-an-uachdair taobh an ear na dùthcha a bharrachd air an taoibh siar.  As dèidh 900 cha robh guth air seann rìoghachd nam Pioctach, agus ainm ùr Gàidhlig a-nise ga chur air: “Alba”, no “Scotia” san Laideann. b' iad na “Scotaich”, na Gaidheil, a-nis an sluagh a bu chumhachdaile san rìoghachd, rìoghachd ris an canadh muinntir na Beurla “Scotland”.  Bha ainmean Gàidhlig air rìghrean Alba, mar Dhòmhnall, Maolcholaim, Aodh is Donnchadh, agus chùm an aon sliochd greim air riaghladh na dùthcha chun an dara linn deug agus na dhèidh. Tuath air Abhainn Fhoirthe, chaidh an cànan pioctach a-mach à bith buileach, 's a' Ghàidhlig a' sìor sgaoileadh; deas air an abhainn, cheannsaich rìghrean Alba an dùthaich gu ruige Abhainn Thuaidh ann an 1018, agus nan lorg thàinig uaislean a thug leotha a' Ghàidhlig gun cheann an earra-dheas.

Cha b' e sin an aon dòigh, ge-tà, a sgaoil a' Ghàidhlig tron dùthaich aig an àm sin. Bha na Lochlannaich air Breatann gu lèir a chur air udal san 9mh linn, agus thuinich iad gu lìonmhor air na costaichean siar agus tuath.  Gu math tric cha bhiodh annta ach beag-chuid, agus dh'èirich coimhearsnachdan cothlaimte às a seo, aig a robh dà chultar le chèile: na “Gall-ghaidheil” (“Gaidheil Lochlannach”), mar eisimpleir, a ghluais a-steach gu ceann an iar-dheas na dùthcha air an tug iad an t-ainm “Gallghallaibh”, agus a chuir breacadh de dh'ainmean Gàidhlig eile air a' cheàrnaidh. Anns an dara linn deug, bha Gàidhlig aig na h-uaislean Lochlannach san àird an iar, o Bhail’ Ath Cliath gu Innse Gall, agus farainmean Gàidhlig orra, a bharrachd air deagh ainmean Lochlannach mar Oláfr, Ljodr, Ívarr no Thorketill.  B' iad seo Gaidheil Ùra nam Meadhan Aoisean, agus b' ann bhuapasan a thigeadh cuid de shliochdan mòra uasal nam Meadhan Aoisean anmoch: Clann 'Ic Amhlaibh, Clann 'Ic Leòid, Clann 'Ic Ìomhair, Clann 'Ic Corcadail.  Tron dara 's an treas linn deug, mar a bu làidire a dh'fhàs an cànan am measg an luchd riaghlaidh, agus tro atharrachaidhean cultarail nas fhalaichte am measg an t-sluaigh fhèin, chaidh na h-eileanan siar sam bu phailte a thuinich na Lochlannaich - an t-Eilean Sgitheanach, Uibhist is Barraigh, Leòdhas is Na Hearadh - gu bhith nan coimhearsnachdan Gàidhlig.  

B' ann anns na Meadhan Aoisean anmoch - an dara, an treas is an ceathramh linn deug - a stèidhicheadh is a shoirbhich na teaghlaichean mòra Gàidhlig: fineachan mar Chlann Dòmhnaill - sliochd Ghaidheil Lochlannach a chum smachd air na h-Eileanan Siar fad dà cheud bliadhna mar Thighearnan nan Eilean. Ach cuideachd cinnidhean mar na Frisealaich, aig a robh sinnsreachd Anglo-Normach bho thaobh a deas na Foirthe; no iarlan Leamhnachd, is sinnsear aca air a robh ainm Seann Bheurla, Aelwine.  Bha na Caimbeulaich a' tagairt dhaibh fhèin freumhaichean Tuath-Bhreatannach (air ais gu Rìgh Artair fhèin, ma b' fhìor), a thuilleadh air fuil Normach agus Ghàidhlig.  Gu follaiseach, cha b' e suaicheantas cinneadail a bha ann an ‘Gaidheal’ anns na Meadhan Aoisean idir - 's e bha ann an Gaidheal duine sam bith aig a robh Gàidhlig, agus 's ann bho iomadach ceàrnaidh a bharrachd air a' Ghaidhealtachd againne a bha na fineachan Gaidhealach a' faighinn an cuid dualchais.

Gu dearbh aig an àm seo, sìos chun a' cheithreamh linn deug, cha robh a leithid a rud ann ris “a' Ghaidhealtachd” ann an inntinn dhaoine idir, ach bha atharrachaidhean gan cur an sàs san rìoghachd às an èireadh gun dèante sgaradh eadar “Gaidhealtachd” agus “Galltachd” (no “Hielands” is “Lawlands”).  Oir air cho moiteil is a bha rìghrean Alba às an sinnsearachd Gàidhlig is Èireannach, bha iad nan Eòrpaich adhartach cuideachd, 's iad a' tàladh òrduighean manachail ùra agus structaran clèireach ùra bho Shasainn is Tìr-Mòr na h-Eòrpa; a' fosgladh crios meadhanach na dùthcha agus an costa an ear gu malairt le bhith a' cur air chois ionadan- iomairt ùra: na bailtean mòra (no “burghs”); agus ag atharrachadh gu tur mar a bha am fearann ga àiteach is ga riaghladh.  Agus ann an tòrr àiteannan, mar Dhail Chluaidh no Fìofa, 's ann bho thaobh a-muigh crìochan na rìoghachd a thàinig cuid mhòr dhe na daoine a chuir an sàs na h-atharrachaidhean seo.  Tron treas linn deug 's an ceathramh, anns na burghan agus san Eaglais, dh'èirich prìomh chànain ùr: “a' Bheurla Ghallda”, “Albais” no “Scots” a chanadh sinne rithe, ach cha robh oirre aig an àm sin ach “Inglis” fhèin.  Bha Gaidheil rim faighinn ag obair ann am feadhainn de na bailtean malairteach, leithid Pheairt no Eilgin, ach cha robh anns a' mhòrchuid.  Chithear bho mhapa de na bailtean 's manachainnean ùra mar a bha dà chultar agus dà roinnean cànain a-nise a' nochdadh anns an dùthaich: tha na h-ionadan ùra rim faicinn anns na Crìochan, anns a' Chrios Mheadhanach, agus air an Taobh an Ear, ach tha an Costa an Iar agus “a' Ghaidhealtachd” buileach bàn.  

Tron chòigeamh linn deug bha “Inglis” a' sìor fhàs gu bhith na chànan oifigeil, 's i gu h-àraidh na chànan lagha.  Nuair a ruigeas sinn an siathamh linn deug is ise an cànan a chleachdas na h-uachdarain mhòra Ghaidhealach nan cuid litrichean agus air leacan uaghach, fiù 's an fheadhainn sin a bha moiteil às an dualchas litreachais aca 's a' cumail bhàrd Gàidhlig. Bha a' chànain a' crìonadh: cha robh an seasamh eaconomach no poilitigeach aice a b' àbhaist, cha robh i sgaoilte air feadh na dùthcha tuilleadh, agus cha robh a luchd labhairt ga cleachdadh ann an uidhir de shuidheachaidhean na bu mhò.  Dh'èirich clò-bhualadh, teicneòlas ùr iongantach an t-saoghail nuadh-aimsirich, ach chaidh an cothrom ùr seo an ìre mhath seachad air a' Ghàidhlig - nochd leabhar spioradail no dhà anns an t-siathamh linn deug gun teagamh, ach cha b' ann gu deireadh an ochdamh linn deug a ghabh saoghal na Gàidhlig air fad ris an fhacal chlò-bhuailte.

Ge-tà cha b' e clais mhòr gun drochaid idir a dh'èirich eadar a' Ghaidhealtachd 's a' Ghalltachd.  Rè nan Aoisean Nuadh-aimsireach tràth, bha gach cuid daoine fa leth agus teaghlaichean a' sìor ghluasad eadar an dà chultar 's an dà cheàrnaidh. Bha ceanglaichean fhathast aig bailtean mar Pheairt, Sruighlea agus Obar Dheathain ris na coimhearsnachdan dùthchail Gàidhlig a bha faisg orra.  'S e teaghlach de luchd lagha a bha a' dol eadar Laideann, Gàidhlig agus a'  Bheurla Ghallda nan cuid obrach, a chuir ri chèile, tràth san t-siathamh linn deug, an làmh-sgrìobhainn Ghàidhlig as cudromaiche ro Aonadh nan Crùn: Leabhar Deadhan Lios-Mòr; agus 's ann a rèir nòsan litreachaidh cànan na Galldachd a sgrìobh iad sìos a' bhàrdachd Ghàidhlig a tha na dhuilleagan.  Bha teaghlaichean uasal Gaidhealach is Gallda a' pòsadh taobh a-staigh chrìchean clas sòisealta, 's cha b' ann a rèir chrìchean coimhearsnachd no cànain a-mhàin. Agus thàinig Gaidheil agus Goill le chèile airson sabaid air gach taobh de dh'aimhreitean poilitigeach mòra an t-seachdamh is an ochdamh linn deug: cogaidhean nan Cobhanantach agus aran-a-mach nan Seumasach.  Rè na h-ùine sin bha a' Ghàidhlig air a faicinn fhathast mar chànan a bha ceangailte le àrd-chultar is foghlam.  Ann an Sgoil Ghràmair Obar-Dheathain anns an t-16mh linn, mar eisimpleir, bhathar a' gabhail rithe mar mheadhan deasbaid  còmhla ri Laideann is Fraingis, ged nach robh a' Bheurla Ghallda fhèin ceadaichte.

Ach tro na linntean sin, cha do shoirbhich le iomairtean poileatagach is creidimh aig an robh buintealas follaiseach ris a' Ghaidhealtachd, agus dh'fhàgar na Gaidheil a' faireachdainn mar shluagh gu robh iad air an iomall agus a dhìth cumhachd taobh a-staigh Alba agus Bhreatainn.  Anns an ochdamh linn deug, an cois Chùl Lodair, thug an Riaghaltas ionnsaigh air cuid de shamhlaidhean cultarail nan Gaidheal mar a' phìob 's am breacan.  Trithead bliadhna as dèidh sin, fo bhuaidh nan sgrìobhaidhean aig Seumas “Oisean” Mac a' Phearsain, chaidh prìomhachas is cliù ùr a thoirt do dh'ìomhaigheachd Ghaidhealach ann an cultar na h-Alba, 's a' Ghaidhealtachd aig an aon àm ga fosgladh gu turasachd.  Tron naoidheamh linn deug chaidh an dàimh eadar cultar nan Gaidheal agus suaicheantas fèin-aithne nan Albannach a dhaingneachadh, ach b' ann fo riochd seann chultar romansach le sùil mheallta air na linntean gaisgeil o shean, agus tro ìomhaighean seach tron chànan fhèin a bha a-nise ga chur air dìmeas.

Anns an dà-rìribh, ge-tà, 's ann a bha na Gaidheil a' sìor leantail fhàireannan ùra.  Bha pàirt iomraiteach aig cuid anns an Arm Bhreatannach agus sgaoileadh na h-Ìmpireachd, ach gu leòr eile gan sguabadh thall thairis fo bhochdainn no gort, no fo làmhachas làidir nan uachdaran.  Rinneadh imrich gu costaichean ùra - Aimerigea a Tuath, Astràlia, Sealainn Nuadh - agus cuideachd gu na bailtean mòra mu dheas: Dùn Deagh, Dùn Èideann, Glaschu, Lunnainn.  Dh'fhàs coimhearsnachdan mòra anns na bailtean sin, agus Comannan Gaidhealach nan cois, a bhiodh gun teagamh air uairean a' toirt sùil làn cianalais air a' Ghaidhealtachd, ach a bha cuideachd beò is tagrach nan aois nuadh-aimsireil fhèin: bragail moiteil às an Ìmpireachd, 's a' faighinn tlachd is togail à rudan 's beachdan ùra: am bàta smùid, còirichean bhòtaidh is eile. Sgaoil comas sgrìobhaidh 's leughaidh, agus mu dheireadh thall chaidh foillseachadh Gàidhlig na ghnìomhachas fàsmhor soirbheachail.  Ma bha sgapadh na Gàidhlig air a bhith aig a h-àirde san dara linn deug, 's ann anns an naoidheamh linn deug a bu phailte luchd labhairt a' chànain, is deagh chuid aca sin a' tàmh air Ghalldachd.

Ach cha leòr àireamhan luchd labhairt a-mhàin airson cànan a chumail fallain beò.  Anmoch san naoidheamh linn deug, tro aimhreit agus strì phoilitigeach, thàinig piseach air cor nan croitearan air Ghaidhealtachd agus dh'èirich misneachd ùr am measg nan Gaidheal, as dèidh fhuadachan brùideil agus aintighearnas uachdaran. Ach chuir Achd an Fhoghlaim 1872 stad air fàs tiomach foghlam Ghàidhlig, agus Beurla a-nis ga sparradh mar an aon chànain foghlaim a bha ceadaichte sna sgoiltean ùra.  Bho thoiseach an 20mh linn chaidh ceumannan beaga a dhèanamh ann a bhith a' ceadachadh teagasg na Gàidhlig mar chuspair anns an àrdsgoil, ach cha robh annta sin ach suip bheaga.  B' e cnag na cùise gum b' fhada o bha a' Ghàidhlig air a diùltadh mar chànan lagha no riaghlaidh, agus gu robh i a-nise air a mùchadh mar chànan foghlaim 's air a cuingleachadh dhan teaghlach, dhan chroit agus dhan eaglais a-mhàin.  Sgaoil cothroman foghlam dhan t-sluagh air fad, ach bhiodh e na bu dorra do na Gaidheil a bhith a' fàs litearach nan cànan fhèin anns an 20mh na bha riamh anns an naoidheamh linn deug.  Tràth san linn rinn an Cogadh Mòr buain throm mhairbhteach air fireannaich na Gaidhealtachd 's nan eileanan, agus cha tàinig lùghdachadh air eilthireachd nas motha.

Leis a' Ghàidhlig a' sìor chrìonadh san 20mh linn, tha iomairtean air èirigh anns na ceathrad bliadhna a dh'fhalbh airson inbhe na Gàidhlig a neartachadh agus suidheachadh a' chànain a dhaingneachadh sna bliadhnachan ri teachd.  Dh'aithnichear gu robh eilthireachd, crìonadh nan Eaglaisean, cion chothroman eaconomaigeach, agus dìth chleachdadh a' chànain ann am foghlam, lagh, riaghaltas agus sna meadhannan, a' sìor lagachadh nan coimhearsnachdan Gàidhlig tron 20mh linn - gun luaidh air an t-saoghalachadh a tha a' bualadh air a h-uile coimhearsnachd ionadail san aona linn fichead.  Chaidh an cànan à bith ann an sgìrean far a robh i fhathast ga bruidhinn aig toiseach an linn - Leamhnachd, taobh a deas Earra-ghaidheal, Aran is Eilean Bhòid, Siorrachd Pheairt, taobh an ear Siorrachd Rois - gus mu dheireadh b' e cridhe na “Gaidhealtachd Gàidhlig” na h-Eileanan Siar.

Ge-tà, rè nan leth-cheud bliadhna a dh’fhalbh, tro strì is fàs misneachd, tha piseach beag cunbhalach air tighinn air a' chànan 's air a cuid choimhearsnachdan: ann am foghlam, anns na meadhannan (rèidio is telebhisean gu h-àraidh) agus ann am beatha oifigeil na dùthcha. Ann an Dùn Èideann, far a robh rìghrean Gaidhealach o shean, is far an do choisich Donnchadh Bàn, Mac Mhaighstir Alastair agus Dùghall Bochanan beagan is dà cheud bliadhna air ais, chaidh Achd na Gàidhlig aontachadh ann an 2005, agus tha sanasan Gàidhlig rim faicinn aig a' Phàrlamaid.  Ann an taobh an iar Ghlaschu, goirid dhan a' Bhrumalàth far an tàinig iomadach Gaidheal gu port on ochdamh linn deug, tha a' chiad àrdsgoil Ghàidhlig gu bhith a' fosgladh. 'S fhada on a bha an uidhir de chothroman aig luchd na Gàidhlig an cànan aca a chleachdadh, agus cothroman cosnaidh ann dhaibh na lùib. Dha na daoine sin aig nach eil an cànan, chan eil àm as fheàrr air a bhith ann riamh airson a ionnsachadh.

 

An t-Ollamh Thomas Owen Clancy
Cathair na Ceiltis
Ceann Roinne na Ceiltis
Ceann Ionad Eòlais na h-Alba is na Ceiltis
Oilthigh Ghlaschu

Gàidhlig leis an Dr Michel Byrne