laughing-girl.jpg

Gàidhlig sa Choimhearsnachd

Tha e mar amas dhan Bhòrd a' Ghàidhlig a neartachadh mar chànan teaghlaich is coimhearsnachd agus saoghal na Gàidhlig a dhèanamh nas brìoghmhoire le bhith a' cur ri leasachaidhean cultarail, ealain, eaconamach is sòisealta ann an coimhearsnachdan Gàidhlig.

Tha am Bòrd ag iarraidh gum bi a' Ghàidhlig an lùib gach gnothaich a tha co-cheangailte ri coimhearsnachd agus tha grunn bhuidhnean ag obair a dh'ionnsaigh no a' cur ris an amas seo. Dh'fhaodar a ràdh gu bheil a h-uile buidheann a tha a' faighinn taic bho Bhòrd na Gàidhlig a' cuideachadh le bhith a' neartachadh choimhearsnachdan Gàidhlig, no le bhith a' cruthachadh saoghal Gàidhlig do na coimhearsnachdan sin.

Taghadh de Ghàidhlig sa choimhearsnachd

Tha obair Fèisean nan Gàidheal ann an grunn choimhearsnachdan air feadh Alba a' toirt cothrom do Ghàidheil òga ceòl is rudan eile ionnsachadh sa chànan aca fhèin. Tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a' toirt oideachadh sa chànan aca fhèin do luchd-labhairt na Gàidhlig. Tha an obair aig Pròiseact nan Ealan ag adhartachadh nan ealain Gàidhlig ann an iomadh coimhearsnachd agus tha Comhairle nan Sgoiltean Àraich a' feuchainn ri clann a bhogadh sa Ghàidhlig fo aois sgoile. Tha na buidhnean Gàidhlig fhèin a' cruthachadh àiteachan-obrach Gàidhlig agus 's i mar as trice cànan na h-oifis, agus faodar grunn eisimpleirean eile ainmeachadh.

Tha iomadh rud eile a' tachairt gu nàdarra (agus uaireannan le taic) ann an coimhearsnachdan: dràma Gàidhlig, cèilidhean is tachartasan far a bheil a' Ghàidhlig ri cluinntinn agus ga bruidhinn, Comainn Eachdraidh far a bheil a' Ghàidhlig na pàirt cudromach den obair, clubaichean is buidhnean Gàidhlig sna bailtean mòra agus mar sin air adhart. 'S iad na buidhnean beaga, a tha tric an urra ri luchd-obrach saor-thoileach, agus daoine fa leth a tha a' dèanamh obair ionmholta aig ìre coimhearsnachd airson na Gàidhlig.

Ged a tha obair nam prìomh bhuidhnean a' neartachadh na Gàidhlig mar chànan coimhearsnachd, tha fhios aig Bòrd nan Gàidhlig gu bheil barrachd saothrach a dhìth aig ìre coimhearsnachd gus an cànan a neartachadh, agus gur h-iad na coimhearsnachdan fhèin a tha tric comasach air seo a thoirt gu buil.

 

Às aonais choimhearsnachdan, cha chumar a' Ghàidhlig beò.