The Bord

Na Prìomh Bhuidhnean

Tha Bòrd na Gàidhlig ag obair ann an co-bhuinn ri 15 buidhnean Gàidhlig gu sònraichte gus a' Ghàidhlig adhartachadh.

'S iad a tha lìbhrigeadh a' chuid as motha de ro-innleachd a' Bhùird agus tha am Bòrd is na buidhnean seo a' coinneachadh gu cunbhalach gus bruidhinn air a' cho-obrachadh eatarra agus air an obair a tha gach buidheann fa leth a' dèanamh.

Tha mòran de na prìomh bhuidhnean air a bhith ag obair chum maith na Gàidhlig fad iomadach bliadhna agus tha Bòrd na Gàidhlig a' cur luach mòr air an cuid eòlais is thàlantan. 'S ann le bhith ag obair còmhla ris na buidhnean seo a tha Bòrd na Gàidhlig comasach air a chuid amasan a choileanadh, agus tha am Bòrd a' cur meas mòr air a' chàirdeas eatarra.

Tha Bòrd na Gàidhlig ag obair ann an co-bhuinn ri cuid de na buidhnean poblach gus leasachadh a thoirt air seirbheisean is cor na Gàidhlig, leithid Pàrlamaid is Riaghaltas na h-Alba agus buidhnean poblach neo-roinneil.

A bharrachd air na prìomh bhuidhnean, tha gu leòr de bhuidhnean eile a tha ag obair chum maith na Gàidhlig, agus tha aon bhuidheann chudromach a tha stiùireadh ghnothaichean craolaidh nach eil a' tighinn fo sgèith Bòrd na Gàidhlig agus 's e sin Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig.

'S iad na prìomh bhuidhnean:

Acair

Stèidhichte sna h-Eilean Iar, tha Acair Earranta air mòran leabhraichean Gàidhlig, Beurla agus dà-chànanach fhoillseachadh. 

An Comunn Gàidhealach

Tha An Comann Gàidhealach na bhuidheann carthannais saor-thoileach a chaidh a stèidheachadh ann an 1874 gus cànan is cultar nan Gàidheal a bhrosnachadh. Tha iad cuideachd a' ruith a' Mhòid Nàiseanta Rìoghail – prìomh fhèis chultarail nan Gàidheal.

An Lòchran

'S e Ionad Gàidhlig Ghlaschu a th' anns An Lòchran a tha a' frithealadh na coimhearsnachd Ghàidhlig is Ghàidhealach sa bhaile, agus nan daoine aig a bheil ùidh sa chultar Cheilteach.

Clì Gàidhlig

'S e buidheann cothruim is adhartachaidh na Gàidhlig a th' ann an Clì Gàidhlig a tha ag obair gus: ionnsachadh is inbhe nàiseanta na Gàidhlig a bhrosnachadh; gus fiosrachadh air Gàidhlig is cùisean Gàidhlig a sgaoileadh; agus gus beachdan luchd-ionnsachaidh is fileantaich ùra a chur an cèill.

Colaisde a' Chaisteil

'S e Colaiste Foghlaim Àrd-ìre a th' ann an Colaisde a' Chaisteil a tha fo sgèith Institiùd OGE nam Mìle Bliadhna, agus a tha a' tabhainn grunn chùrsaichean Gàidhlig (ceum is eile).

Colmcille

Tha Colmcille a' toirt taic do bhith brosnachadh na Gàidhlig agus na Gaeilge ann an Alba, Poblachd na h-Èireann is Èirinn a Tuath, agus tha i a' neartachadh cheanglaichean eadar na Gàidheil sna dùthchannan sin. Tha a' bhuidheann a' faighinn taic-airgid bho riaghaltasan nan trì dùthchannan.

Comunn na Gàidhlig

'S e buidheann-leasachaidh na Gàidhlig a th' ann an Comunn na Gàidhlig a tha ag obair a' cruthachadh chothroman dhan Ghàidhlig ann an caochladh raointean aig ìre coimhearsnachd, teaghlaichean, gnìomhachas, òigridh agus oileanaich.

Comhairle nan Leabhraichean

'S e Comhairle nan Leabhraichean a' phrìomh bhuidheann a tha toirt taic do: ùghdaran, foillseachadh, sanasachd is reic leabhraichean Gàidhlig. Tha i an sàs gu mòr anns gach adhartas ann an saoghal litreachas na Gàidhlig.

Comhairle nan Sgoiltean Àraich

Tha Comhairle nan Sgoiltean Àraich a' toirt foghlam ro-sgoile do fhaisg air 2,000 pàiste ann an Alba tro mheadhan na Gàidhlig. Gheibhear comhairle is stiùireadh bhuapa mun roinn chudromach seo, agus tha iad cuideachd an sàs ann a bhith a' teagasg na Gàidhlig do phàrantan.

Fèisean nan Gàidheal

'S e buidheann neo-eisimeileach a th' ann am Fèisean nan Gàidheal agus tha grunn fhèisean teagaisg Gàidhlig fo sgèith na buidhne seo. Tha Fèisean nan Gàidheal a' toirt seachad tabhartasan is prògraman trèanaidh, agus tha iad an sàs ann an tòrr iomairtean eile a tha a' brosnachadh na Gàidhlig agus a cultar.

Ionad Chaluim Chille Ìle

'S e ionad Gàidhlig is dualchais a th' ann an Ionad Chaluim Chille Ìle a tha a' tabhainn chothroman foghlaim is ionnsachaidh sa Ghàidhlig.

Pròiseact nan Ealan

'S e Pròiseact nan Ealan buidheann-leasachaidh nàiseanta nan ealain Gàidhlig ann an Alba, tha iad stèidhichte ann an Steòrnabhagh ann an Leòdhas agus tha iad an sàs ann an tòrr phròiseactan co-cheangailte ris na h-ealain Ghàidhlig.

Sabhal Mòr Ostaig

'S e Colaiste Foghlaim Àrd-ìre Ghàidhlig a th' ann an Sabhal Mòr Ostaig a tha a' tabhainn taghadh de chùrsaichean Gàidhlig (ceum is eile), agus a tha suidhichte san Eilean Sgitheanach. Tha cùrsaichean goirid agus cùrsaichean air astar do luchd-ionnsachaidh agus luchd-labhairt na Gàidhlig aca a bharrachd air cùrsaichean pàirt- is làn-thìde.

Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig

Chaidh Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig a stèidheachadh gus ullachadh agus sgaoileadh ghoireasan-foghlaim Gàidhlig a cho-ordanachadh. Tha a' bhuidheann a' toirt seachad seirbhis do gach earrann de dh'fhoghlam Gàidhlig aig ìre na sgoile agus do dh'fhoghlam fad-beatha tro ghrunn phròiseactan sònraichte.

Tobar an Dualchais

Tha Tobar an Dualchais an sàs ann a bhith a' tasgadh mhìltean de chlàraidhean ann an cruth didsiotach a bhios rim faotainn air-loidhne. Tha am pròiseact dualchais seo a' toirt cothrom do dhaoine èisteachd ri guthan nan Gàidheal thar nam bliadhnaichean.

Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use