Aig an fhaing/At the fank

Cleachd i!

Feumaidh sinn a' Ghàidhlig a chleachdadh no caillidh sinn i – tha e cho sìmplidh ri sin agus tha Bòrd na Gàidhlig a' feuchainn ri barrachd chothroman a chruthachadh do dhaoine gus an dearbh rud seo a dhèanamh.

Cluinnear a' Ghàidhlig ga bruidhinn ann an grunn àiteachan fhathast air cost an iar na Gàidhealtachd, gu sònraichte sna h-Eileanan an Iar, agus ann an gu leòr àiteachan eile ann an Alba. Ged as e bùth, taigh-òsta, taigh-bìdh no oifis, tha teans ann gun cluinnear a' Ghàidhlig. Agus, mura cleachdar a' Ghàidhlig cho tric 's as urrainn ann an suidheachaidhean eadar-dhealaichte, caillidh an cànan a neart.

Gu h-ìosal, chithear ceanglaichean ri cuid a bhuidhnean is sgeamaichean sònraichte a tha a' brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig no tha a' cleachdadh na Gàidhlig nan cuid obrach (mura a h-eil pròiseact no sgeama sònraichte aig na prìomh bhuidhnean, chan fhaicear iomradh orrasan gu h-ìosal, oir thathar a' gabhail ris gu bheil iad a' brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig sa h-uile dòigh as urrainn dhaibh mu thràth):

Cleachd i – no caill i!

Eaglais Shaor na h-Alba

Gàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba

Plana Cànain nan Eilean Siar

Poileasaidh Ainmean Gàidhlig aig an t-Suirbhidh Òrdanais

Poileasaidh Gàidhlig Comhairle nan Eilean Siar

Poileasaidh Gàidhlig Dualchas Nàdair na h-Alba

Poileasaidh Gàidhlig Iomairt na Gàidhealtachd

Poileasaidh nan Ealain Gàidhlig aig Comhairle Ealain na h-Alba

Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use