Structair agus Poileasaidhean

Structair

Tha Cathraiche is seachdnar bhall air a' Bhòrd agus tha an Cathraiche na phrìomh cheangal eadar am Bòrd 's Riaghaltas na h-Alba. Tha e an urra ris a' Bhòrd agus an Cathraiche dèanamh cinnteach gu bheilear a' coileanadh dhleastanasan is amasan Bhòrd na Gàidhlig ann an dòigh èifeachdach, às am faighear luach an airgid. Tha e mar dhleastanas air buill a' Bhùird 's an Cathraiche deagh dhàimh a chruthachadh eadar am Bòrd agus buidhnean eile aig a bheil ùidh sa chànan, eadar am Bòrd is coimhearsnachdan Gàidhlig, agus eadar am Bòrd is buidhnean is daoine iomchaidh eile.

Tha sgioba luchd-obrach aig Bòrd na Gàidhlig gus dleastanasan Achd na Gàidhlig a choileanadh agus amasan a' Bhùird a chur an gnìomh. Tha an luchd-obrach cuideachd a' toirt taic dhan Bhòrd. Tha Ceannard Bòrd na Gàidhlig os cionn an sgioba de luchd-obrach.

Poileasaidhean

Am measg nam poileasaidhean aig Bòrd na Gàidhlig tha: Poileasaidh Gàidhlig, Poileasaidh Fastaidh agus Poileasaidh Co-ionnanachd Chothroman. Tha Poileasaidh Gàidhlig aig Bòrd na Gàidhlig gus stiùireadh a thoirt dhan bhuidhinn air mar a dhèiligear ri cleachdadh na Gàidhlig is chànanan eile an lùib obair na buidhne. Tha na poileasaidhean eile a' dèanamh cinnteach gum brosnaich Bòrd na Gàidhlig co-ionnanachd chothroman na chuid obrach, agus gum bi am Bòrd na bhuidheann-fastaidh mhath le luchd-obrach dha rèir.

Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use