Suaicheantas is AithneTha e cudromach gun toirear aithne cheart do mhaoineachadh Bòrd na Gàidhlig air chor 's gum bi fios aig daoine dè feum a tha ar taic a' dèanamh, agus gum bi e follaiseach ciamar a tha an t-airgead poblach seo ga chosg.Tha gach buidheann a gheibh maoineachadh bho Bhòrd na Gàidhlig fo chùmhnant aithne a thoirt dhan taic seo a h-uile cothrom a gheibh iad an lùib a' phròiseict aca. Tha seo a’ gabhail a-staigh: bileagan, postairean, brathan-naidheachd, sanasan, taisbeanaidhean, làraich-lìn agus iomadach suidheachadh is foillseachadh eile. 'S e an dòigh as fhasa aithne a thoirt do thaic Bòrd na Gàidhlig ar suaicheantas a shealltainn air stuthan follaiseachd, agus le bhith dèanamh sin thathar a' cur ri cliù na Gàidhlig am measg dhaoine ann an Alba agus a' sealltainn luach an airgid phoblaich a tha ga chosg air a' chànan agus a chultar. Bu chòir gach brath-naidheachd innse gu soilleir gun d' fhuair am pròiseact taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig. Bu chòir aithne cheart a thoirt do thaic Bhòrd na Gàidhlig aig fosgladh neo foillseachadh oifigeil sam bith agus bu chòir cuireadh a thoirt do riochdaire a' Bhùird a bhith an làthair. Tha suaicheantas Bòrd na Gàidhlig ri fhaotainn ann an diofar chruth, agus tha e cudromach gun tèid suaicheantas a' Bhùird a shealltainn san aon chumadh an-còmhnaidh. Airson tuilleadh stiùiridh air a bhith toirt aithne do Bhòrd na Gàidhlig faicibh an Stiùireadh gu h-ìosal: |
|
Bòrd na Gàidhlig, Darach, Fèith nan Clach, Inbhir Nis IV2 7PA Fòn: +44 [0] 1463 225454 Facs: +44 [0] 1463 716217 fios@bord-na-gaidhlig.org.uk |
© Bòrd na Gàidhlig [2006] Gach còir glèidhte |