Am BòrdChaidh Bòrd na Gàidhlig a stèidheachadh mar bhuidhinn phoblaich fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 a chuireadh an gnìomh air an 13mh An Gearran 2006.Tha an reachdas air a dhealbhadh gus cleachdadh na Gàidhlig a thoirt an àrd, inbhe a' chànain a dhèanamh tèarainte agus àm ri teachd don chànan a dhearbhadh san fhad-ùine. Tha an Achd a' cur 3 amasan sònraichte ro Bhòrd na Gàidhlig:
Chaidh Cathraiche agus Buill Bhòrd na Gàidhlig a chur an dreuchd le Ministearan na h-Alba san Fhaoilleach 2006. Tha aon-deug ball gu h-iomlan aig a' Bhòrd an dràsta, a' gabhail a-steach an Cathraiche Eadar-amail , agus tha uallach air airson riaghladh agus stiùireadh ro-innleachdail Bòrd na Gàidhlig. Mar bhuidheann phoblach neo-roinneil (NDPB), tha Bòrd na Gàidhlig air a mhaoineachadh le Ministearan na h-Alba, agus cunntachail dhaibh. Tha am Bòrd ag obair gu dlùth ris an Riaghaltais, buidhnean poblach agus buidhnean cudromach eile, buidhnean Gàidhlig agus buidhnean coimhearsnachd nam measg, gus cleachdadh na Gàidhlig agus tuigse air a' Ghàidhlig a leudachadh, agus gun cleachdar an t-iomhas poblach ann an dòigh a tha èifeachdach is iomchaidh agus gum faighear luach às an airgead sin. Tha Bòrd na Gàidhlig, ann an co-bhuinn ris na Gàidheil agus ri muinntir na h-Alba, ag iarraidh a' Ghàidhlig a chur air bilean an t-sluaigh.
|
|
Bòrd na Gàidhlig, Darach, Fèith nan Clach, Inbhir Nis IV2 7PA Fòn: +44 [0] 1463 225454 Facs: +44 [0] 1463 716217 fios@bord-na-gaidhlig.org.uk |
© Bòrd na Gàidhlig [2006] Gach còir glèidhte |