Achd na GàidhligChaidh Achd na Gàidhlig a chur an gnìomh air an 13mh An Gearran 2006 agus stèidhich an Achd Bòrd na Gàidhlig mar bhuidhinn phoblaich ris a bheil e an urra inbhe na Gàidhlig a ghleidheadh mar chànan oifigeil air a bheil an aon mheas sa tha air a' Bheurla ann an Alba. Fhuair Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 aonta Rìoghail air a' 1mh An t-Ògmhìos 2005.Fon Achd, tha Bòrd na Gàidhlig ag ullachadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus tha am Bòrd ag iarraidh air cuid a bhuidhnean poblach planaichean Gàidhlig a dheasachadh agus an toirt gu buil. Tha e an urra ris a' Bhòrd comhairle a thoirt air foghlam Gàidhlig, agus comhairle air cùisean Gàidhlig a thoirt do Mhinistearan na h-Alba. Tha an Achd a' toirt bun-stèidh oifigeil dhan iomairt gus cànan is dualchas nan Gàidheal a ghleidheadh agus 's e Bòrd na Gàidhlig ann an co-bhuinn ri daoine is buidhnean eile a tha a' coileanadh dhleastanasan na h-Achd. Am measg nan dleastanasan sònraichte aig Bòrd na Gàidhlig fo Achd na Gàidhlig tha:
Plana Nàiseanta na GàidhligFon Achd, tha Plana Nàiseanta na Gàidhlig a' stiùireadh adhartachadh na Gàidhlig agus a' cur an cèill mar a tha Bòrd na Gàidhlig a' dol a choileanadh cuid de na dleastanasan aige. Feumaidh am Bòrd am Plana ùrachadh a h-uile còig bliadhna co-dhiù, agus feumaidh am Bòrd beachdan dhaoine a shireadh air dreach dhen Phlana agus aonta fhaighinn bho Mhinistearan na h-Alba mus urrainn dha gach Plana Nàiseanta fhoillseachadh. Planaichean Gàidhlig'S e aon de na prìomh dhleastanasan eile aig Bòrd na Gàidhlig fon Achd a bhith ag iarraidh air cuid a bhuidhnean poblach planaichean Gàidhlig ullachadh agus a thoirt gu buil. Tha grunn riaghailtean san Achd a tha a' mìneachadh mar as urrainn do Bhòrd na Gàidhlig, nuair a tha e freagarrach is reusanta, iarraidh air buidhnean poblach plana Gàidhlig a dhealbh 's a chur an gnìomh. Thathar cuideachd a' mìneachadh mar as urrainn dhan Bhòrd measadh a dhèanamh air ciamar a tha na buidhnean poblach sin a' coileanadh amasan a' phlana Ghàidhlig aca. Agus faodaidh buidhnean poblach no Bòrd na Gàidhlig a dhol gu Ministearan na h-Alba nuair nach b' urrainnear aonta a ruighinn a thaobh ghnothaichean co-cheangailte ri plana Gàidhlig. Ann am planaichean Gàidhlig, bu chòir mothachadh a bhith air a' Phlana Nàiseanta as ùire, agus na th' ann de dhaoine aig a bheil Gàidhlig a dh’fhaodadh feum a dhèanamh de sheirbheisean na buidhne, fianais a thugadh seachad air cleachdadh na Gàidhlig sa bhuidhinn sin agus comhairle bho na Ministearan no bho Bhòrd na Gàidhlig. |
|
Bòrd na Gàidhlig, Darach, Fèith nan Clach, Inbhir Nis IV2 7PA Fòn: +44 [0] 1463 225454 Facs: +44 [0] 1463 716217 fios@bord-na-gaidhlig.org.uk |
© Bòrd na Gàidhlig [2006] Gach còir glèidhte |