Plana Nàiseanta na GàidhligTha e mar dhleastanas air Bòrd na Gàidhlig fo Earrainn 2 de dh'Achd na Gàidhlig Plana Nàiseanta a chruthachadh. Tha am Plana a' toirt treòir ro-innleachdail do dh'adhartachadh na Gàidhlig 's a cultar ann an Alba, agus thathar an dùil gum bi buidhnean poblach is prìobhaideachd agus am mòr-sluagh, gu mòr an sàs ann. Mairidh gach Plana Nàiseanta còig bliadhna as dèidh co-chomhairle phoblach agus aonta fhaighinn bho Mhinistearan na h-Alba.A' Cho-chomairleFon Achd feumar co-chomhairle a mhaireas trì mìosan a chumail nuair a thathar ag ullachadh a' Phlana Nàiseanta. Feumaidh Bòrd na Gàidhlig beachdan a shireadh bho Phàrlamaid na h-Alba agus dreach dhen Phlana fhoillseachadh an toiseach, agus feumar coimhead air beachdan a gheibhear sa cho-chomhairle phoblach air an dreach seo. An uair sin thèid dreach eile, 's ma dh’fhaodte le atharrachaidhean, mu choinneamh Ministearan na h-Alba agus faodaidh iadsan gabhail ris no faodaidh iad molaidhean a thoirt seachad air an dreach. Nuair a tha aonta ann eadar Bòrd na Gàidhlig is Ministearan na h-Alba, thèid am Plana Nàiseanta fhoillseachadh.
|
|
Bòrd na Gàidhlig, Darach, Fèith nan Clach, Inbhir Nis IV2 7PA Fòn: +44 [0] 1463 225454 Facs: +44 [0] 1463 716217 fios@bord-na-gaidhlig.org.uk |
© Bòrd na Gàidhlig [2006] Gach còir glèidhte |