Sgeama an Fhiosrachaidh

Tha Bòrd na Gàidhlig ag iarraidh a bhith fosgailte is fosgarra na chuid obrach agus foillsichidh sinn fiosrachadh a tha freagarrach a thaobh Achd Saorsa an Fhiosrachaidh nuair a dh’iarrar oirnn. Bidh sinn fhìn cuideachd a' foillseachadh fiosrachadh gun iarraidh a tha sinn a' smaoineachadh bu chòir a bhith ri fhaotainn.

Achd Saorsa an Fhiosrachaidh

Tha Achd Saorsa an Fhiosrachaidh (Alba) 2002 a' ciallachadh gum faod duine sam bith fiosrachadh clàraichte fhaighinn bho na buidhnean poblach ann an Alba nuair a dh'iarras iad e orra agus tha Coimiseanair, Caomhain Dunion, ann a tha dèanamh cinnteach gu bheil seo a' tachairt.

Fon Achd, feumar fiosrachadh a bhith ri fhaotainn aig buidhnean poblach mu lìbhrigeadh, cosgais agus càileachd na seirbheis aca; feumar dearbh fhiosrachadh a bhith ri fhaotainn agus fiosrachadh air mar a thàinigear gu co-dhùnaidhean, agus na h-adhbharan air cùl nan co-dhùnaidhean aca.

Tha cuid a dh'fhiosrachadh ann, fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh agus fo laghan eile, nach fhaod no nach fheum buidhnean poblach fhoillseachadh. Tha seo a' gabhail a-staigh fiosrachadh a tha a' buntainn ri tèarainteachd na dùthcha, rannsachaidhean poileis, agus cùisean a tha co-cheangailte ri bhith cruthachadh phoileasaidhean an Riaghaltais. Tha reachdas co-cheangailte ri fiosrachadh coimeirsealta agus pearsanta cuideachd a' tighinn a-staigh air a' ghnothaich.

Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use